Ieremiah 15 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An sin thubhairt an Tighearna rium, Ged sheasadh Maois agus Samuel am làthair, cha bhiodh m’anam leis an t‑sluagh seo; cuir a‑mach iad à m’fhianais, agus siùbhladh iad air falbh. 2 Agus tàrlaidh, mar a their iad riut, Càit an siubhail sinn air falbh? An sin their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, Iadsan a tha airson bàis, a‑chum bàis; agus iadsan a tha airson a’ chlaidheimh, a‑chum a’ chlaidheimh; agus iadsan a tha airson na gorta, a-chum na gorta; agus iadsan a tha airson na bruid, a‑chum braighdeanais. 3 Agus òrdaichidh mise os an cionn ceithir seòrsan, deir an Tighearna; an claidheamh gu marbhadh, agus na coin gu reubadh, agus eunlaith an adhair, agus beathaichean na machrach, gu ithe agus gu milleadh. 4 Agus fuadaichidh mi iad air feadh uile rìoghachdan an domhain, airson Mhanaseh mhic Heseciah, rìgh Iùdah, airson nan nithean sin a rinn e ann an Ierusalem. 5 Oir cò a ghabhas truas dhìot, O Ierusaleim? No cò a nì bròn leat? No cò a thèid a lethtaobh, a dh’fheòrach cionnas a tha thu? 6 Thrèig thu mise, deir an Tighearna, chaidh thu air d’ais; air an adhbhar sin, sìnidh mise mo làmh a‑mach ad aghaidh, agus sgriosaidh mi thu; tha mi sgìth de ghabhail aithreachais. 7 Uime sin dh’fhuadaich mi iad le inneal-fasgnaidh ann an geatachan na tìre: dh’fhàg mi gun chlann, sgrios mi mo shluagh; on slighean cha do thill iad. 8 Rinneadh am bantraichean na bu lìonmhoire leamsa na gaineamh na fairge: thug mi an aghaidh na màthar agus nam mac fear-millidh ann am meadhon an là: thug mi air nàmhaid agus air uamhasan bualadh oirre gu h‑obann. 9 Dh’fhannaich ise a rug seachdnar, thug i suas an deò; chaidh a grian sìos am feadh a bha fhathast an là ann; nàraicheadh agus mhaslaicheadh i: agus na mhaireas dhiubh bheir mise don chlaidheamh ann am fianais an naimhdean, deir an Tighearna. 10 Mo thruaighe mise, O mo mhàthair! Oir rug thu mi am fhear-strì, agus am fhear-connsachaidh anns an fhearann uile; cha tug mi seachad air ocar, cha mhò a thug aon neach air ocar dhomh; gidheadh tha iad uile gam mhallachadh. 11 Thubhairt an Tighearna, Gu cinnteach èiridh gu math dod iarmaid; gu cinnteach bheir mi air an nàmhaid a bhith bàidheil riut ann an àm na h‑airce, agus ann an àm a’ chruaidh-chàis. 12 Am bris esan iarann na bhloighdean, iarann o thuath, agus umha? 13 Do mhaoin agus d’ionmhasan bheir mise mar chreich, chan ann airson luach, ach airson d’uile lochdan; seadh ann ad uile chrìochan. 14 Agus bheir mi orra siubhal air falbh led naimhdean gu fearann air nach robh thu eòlach; oir tha teine air fhadadh ann am fheirg, agus lasaidh e nur n‑aghaidh. 15 Agadsa tha fhios, O Thighearna; cuimhnich ormsa, agus thig gam amharc, agus thoir dhomh aichmheil air mo luchd-tòrachd; ann am buanas d’fheirge na toir air falbh mi; thoir fa‑near gun d’fhuiling mi masladh air do sgàth. 16 Fhuaireadh do bhriathran, agus dh’ith mi suas iad; agus bha d’fhacal dhomh na aoibhneas, agus na ghàirdeachas dom chridhe; oir tha mi air m’ainmeachadh ortsa, O Iehòbhah, Dhia nan sluagh. 17 Cha do shuidh mi ann an cuideachd luchd-fochaid, cha mhò a bha mi subhach; airson do làimh-sa shuidh mi ann am aonar; a chionn gun do lìon thusa mi le boile. 18 Cuime a bheil mo ghoimh gun lasachadh? Agus mo chreuchd bàsmhor, a’ diùltadh a bhith air a leigheas? Carson a bhios tusa dhomh uile gu lèir amhail sruthan mealltach, as nach faodar earbsa? 19 Uime sin mar seo deir an Tighearna, Ma thilleas tu, an sin bheir mise air d’ais thu, agus seasaidh tu ann am làthair; agus ma sgaras tu an luachmhor on nì nach fiù, mar mo bheul-sa bidh tu: tillidh iad seo riutsa, ach cha till thusa riùsan. 20 Agus nì mise dhìot, an aghaidh an t‑sluaigh seo, balla làidir umha; nuair a chathaicheas iad ad aghaidh, cha toir iad buaidh ort: oir tha mise maille riut, a‑chum do dhìon, agus a‑chum do thèarnadh, deir an Tighearna. 21 Agus saoraidh mi thu o làimh nan aingidh, agus fuasglaidh mi thu o ghreim nan uamhasach. |