Ieremiah 11 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Am facal a thàinig gu Ieremiah on Tighearna, ag ràdh, 2 Cluinn briathran a’ choicheangail seo, agus labhair iad ri fir Iùdah, agus ri luchd-àiteachaidh Ierusaleim; 3 Agus abair riu, Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, Mallaichte gu robh an duine nach bi umhail do bhriathran a’ choicheangail seo, 4 A dh’àithn mise dur n‑athraichean anns an là anns an tug mi iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, as an fhùirneis iarainn, ag ràdh, Thugaibh gèill dom ghuth, agus dèanaibh na nithean sin uile, a rèir mar a tha mise ag àithneadh dhuibh: mar sin bidh sibh nur sluagh dhòmhsa, agus bidh mise ann am Dhia dhuibhse; 5 A‑chum gun coilean mi na mionnan a mhionnaich mi dur n‑athraichean gun tugainn dhaibh fearann a’ sruthadh le mil agus le bainne, mar air an là‑an‑diugh. An sin fhreagair mise, agus thubhairt mi, Amhlaidh biodh, O Thighearna. 6 Agus thubhairt an Tighearna riu, Glaodh na briathran seo gu lèir, ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, ag ràdh, Cluinnibh-se briathran a’ choicheangail seo, agus dèanaibh iad. 7 Oir dh’earalaich mise gu dùrachdach dur n‑athraichean, air an là anns an tug mi iad a‑mach à tìr na h‑Eiphit, gus an là‑an‑diugh, ag èirigh gu moch agus ag earalachadh, ag ràdh, Thugaibh gèill dom ghuth. 8 Gidheadh cha tug iadsan gèill, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach ghluais iad gach aon a rèir crosdachd a dhroch chridhe fhèin: uime sin bheir mise orra uile bhriathran a’ choicheangail seo, a dh’àithn mi dhaibh a dhèanamh, ach nach do rinn iad. 9 Mar an ceudna thubhairt an Tighearna rium, Fhuaireadh co‑fheall am measg fir Iùdah, agus am measg luchd-àiteachaidh Ierusaleim. 10 Tha iad air tilleadh air an ais gu aingidheachd an athraichean o shean, a dhiùlt mo bhriathran-sa a choimhead; agus a chaidh air lorg dhia coimheach, a‑chum gun dèanadh iad seirbhis dhaibh: bhris taigh Israeil agus taigh Iùdah mo choicheangal, a rinn mi rin athraichean. 11 Uime sin mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise orra dòrainn o nach bi e comasach dhaibh dol as; agus ged ghlaodh iad rium, chan èisd mi riu. 12 An sin thèid bailtean Iùdah, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus glaodhaidh iad ris na diathan don do loisg iad tùis; ach cha dèan iad sin air aon chor an tèarnadh ri àm an airce. 13 Oir a rèir àireamh do bhailtean, bha do dhiathan, O Iùdah; agus a rèir àireamh sràidean Ierusaleim chuir sibh suas altairean don nì nàireach sin, altairean a losgadh tùise do Bhàal. 14 Air an adhbhar sin na dèan thusa ùrnaigh airson an t‑sluaigh seo, nì mo a thogas thu suas glaodh na athchuinge as an leth: oir chan èisd mise anns an àm anns an glaodh iad rium, ann an airce. 15 Ciod a tha aig mo ghràdh ri dhèanamh ann am thaigh-sa? Chuir i an gnìomh mòr-ghràinealachdan; agus tha an fheòil naomh air teicheadh uat. Nuair a tha thu aingidh an sin tha thu aoibhneach. 16 Gorm-chrann ola, maiseach agus deagh-thorach, thug an Tighearna mar ainm ort: le fuaim toirme mòire dh’fhadaidh e teine na mhullach, agus tha a gheugan air am briseadh. 17 Oir rinn Tighearna nan sluagh, a shuidhich thu, olc a labhairt ad aghaidh; airson aingidheachd taigh Israeil agus taigh Iùdah, a chuir iad an gnìomh nan aghaidh fhèin, le mise a bhrosnachadh gu feirg, le tùis a losgadh do Bhàal. 18 Thug an Tighearna, mar an ceudna, fios dhòmhsa, agus thuig mi; an sin dh’fheuch thu dhomh an innleachdan. 19 Oir bha mi mar uan, no mar dhamh, air a stiùradh a‑chum a’ chasgraidh; agus cha robh fhios agam gun do dhealbh iad innleachdan ann am aghaidh, ag ràdh, Sgriosamaid an crann maille ra thoradh, agus gearramaid e sìos à fearann nam beò, a‑chum nach bi a ainm nas mò air a chuimhneachadh. 20 Ach, O Thighearna nan sluagh, a bheir breith gu cothromach, a dhearbhas na h‑àirnean agus an cridhe, faiceam do dhìoghaltas orra; oir dhutsa dh’fhoillsich mi mo chùis. 21 Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna, A‑thaobh muinntir Anatoit, a tha ag iarraidh d’anama, ag ràdh, Na dèan fàistneachd ann an ainm Iehòbhah, mum faigh thu bàs le ar làimh-ne: 22 Uime sin, mar seo deir Tighearna nan sluagh, Feuch, smachdaichidh mise iad; bàsaichidh na h‑òganaich leis a’ chlaidheamh; bàsaichidh am mic agus an nigheanan le gorta. 23 Agus chan fhàgar fuidheall beò dhiubh; oir bheir mise olc air muinntir Anatoit, bliadhna an smachdachaidh. |