Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Hosèa 9 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Na dèan aoibhneas, O Israeil, na dèan gàirdeachas mar na cinnich: oir chaidh thu air strìopachas od Dhia: ghràdhaich thu duais air gach uile ùrlar-arbhair.

2 An t‑ùrlar-arbhair agus an dabhach-fhìona cha dèan am beathachadh, agus meallaidh am fìon nuadh an dòchas.

3 Cha ghabh iad còmhnaidh ann am fearann an Tighearna: ach tillidh Ephraim don Eiphit: agus ann an Asiria ithidh iad nithean neòghlan.

4 Chan ìobair iad tabhartasan-fìona don Tighearna, cha mhò a bhios iad taitneach dha: bidh an ìobairtean dhaibh mar aran luchd-bròin; bidh iadsan uile a dh’itheas dheth air an salachadh; gu dearbh cha tig an aran airson an anama gu taigh an Tighearna.

5 Ciod a nì sibh ann an là na h‑àrd-fhèille, agus ann an là fèill an Tighearna?

6 Oir feuch, dh’imich iad air falbh o làthair an fhir-mhillidh: tionailidh an Eiphit iad, adhlaicidh Memphis iad: na h‑ionadan taitneach a cheannaich iad len airgead, sealbhaichidh an fheanntag iad: nam pàilleanan fàsaidh an droigheann.

7 Thàinig làithean an smachdachaidh, thàinig làithean na luigheachd: aithnichidh Israel gum b’amadan am fàidh, gu robh fear an spioraid air bhoile; airson ro‑mheud d’aingidheachd, agus airson d’fhuath mhòir.

8 Tha fear-faire Ephraim lem Dhia-sa: tha am fàidh mar lìon an eunadair na uile shlighean-san: neartaich iad am fuath an aghaidh taigh mo Dhè.

9 Thruaill iad iad fhèin, mar ann an làithean Ghibeah: cuimhnichidh esan an aingidheachd, smachdaichidh e an lochdan.

10 Mar dhearcan-fìona anns an fhàsach, fhuair mise Israel; mar am meas luath air a’ chrann-fhìge na chiad àm chunnaic mi ur n‑athraichean. Ach chaidh iad gu Bàal-peor, agus dhealaich iad iad fhèin a‑chum an nì nàirich sin; agus dh’fhàs iad gràineil, mar chuspair an gràidh.

11 Airson Ephraim, itealaichidh an glòir air falbh mar eun; on bhreith, agus on bhroinn, agus on ghineamhainn.

12 Seadh, ged àraich iad an clann, sgriosaidh mise iad o mheasg dhaoine; seadh, is an‑aoibhinn dhaibh, nuair a dh’imicheas mise uapa.

13 Tha Ephraim, mar a chunnaic mi Tìrus, air a shuidheachadh ann an ionad taitneach: ach bheir Ephraim a‑mach a chlann don fhear-mhillidh.

14 Thoir, O Thighearna. Ciod a bheir thu? Thoir dhaibh brù chaillteachd, agus cìochan seasga.

15 Tha an cionta gu lèir ann an Gilgal fam chomhair: oir an sin thug mise fuath dhaibh: airson aingidheachd an dèanadais iomainidh mi as mo thaigh iad: cha toir mi nas fhaide gràdh dhaibh; tha am maithean uile cùl-sleamhnach.

16 Tha Ephraim buailte; thiormaicheadh suas am freumh; cha ghiùlain iad a’ bheag de thoradh: seadh, ged bheireadh iad, gidheadh marbhaidh mise toradh gràdhach am bronn.

17 Tilgidh mo Dhia air falbh iad a chionn nach d’èisd iad ris: agus bidh iad nam fògarraich am measg nan cinneach.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan