Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Hosèa 8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An trompaid rid bheul! Mar iolair an aghaidh taigh an Tighearna thig e: a chionn gun do bhris iad mo choicheangal-sa, agus gun do chiontaich iad an aghaidh mo reachd.

2 Riumsa glaodhaidh iad, O Dhè Israeil, is aithne dhuinne thu.

3 Chuir Israel uaithe am fad an nì a tha math: nì nàmhaid a ruagadh.

4 Chuir iad suas rìghrean, ach chan ann uamsa: rinn iad uachdarain, agus cha robh agamsa fios air: den airgead agus den òr rinn iad dhaibh fhèin iodhalan, a‑chum gun gearrar as iad.

5 Cuir am fada uat do laogh, O Shamaria; tha mo chorraich-sa air lasadh nan aghaidh: cia fhad a bhios iad gun ruigheachd air neochiontas?

6 Oir bha seo fòs o Israel: dhealbh am fear-obrach e; agus cha Dia a tha ann: oir brisear na bhloighdean laogh Shamaria.

7 Oir chuir iad a’ ghaoth, agus buainidh iad a’ chuairt-ghaoth: chan eil toradh air an dèis; cha toir i uaipe min; no, ma bheir, sluigidh coigrich suas i.

8 Tha Israel air a shlugadh suas: a‑nis tha iad am measg nan cinneach mar shoitheach anns nach eil tlachd air bith.

9 Oir chaidh iad suas gu Asiria: is asal fhiadhaich anns an aonach Ephraim; thuarasdalaich iad leannain.

10 Seadh, ged a thuarasdalaich iad am measg nan cinneach, a‑nis tionailidh mise iad ri chèile; agus bidh iad gu goirid air an cràdh le uallach an rìgh agus a uachdaran.

11 A chionn gun do rinn Ephraim mòran altairean gu peacachadh, altairean gu peacachadh tha aige.

12 Sgrìobh mise da ionnsaigh nithean mòra mo reachd; ach mheasadh iad mar nì nach buineadh dhaibh.

13 Tha iad ag ìobradh feòla mar thabhartas dhòmhsa, agus ga h‑ithe; ach cha ghabh an Tighearna riu: a‑nis cuimhnichidh e an aingidheachd, agus smachdaichidh e an lochdan: tillidh iad air an ais don Eiphit.

14 Oir dhìochuimhnich Israel a Chruithear, agus thog e teampaill: agus chuir Iùdah an lìonmhorachd cathraichean daingeann: ach cuiridh mise teine air a chathraichean, agus loisgidh e a lùchairtean.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan