Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Hosèa 5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Cluinnibh-se seo, a shagartan; agus thugaibh-se aire, O thaigh Israeil; agus thugaibh-se fa‑near, O thaigh an rìgh; oir tha breitheanas dlùth dhuibh; a chionn gu robh sibh mar ribe air Mispah, agus mar lìon sgaoilte air Tabor.

2 Agus rinn na ceannaircich àr domhain: uime sin bheir mise smachdachadh air an iomlan dhiubh.

3 Is aithne dhòmhsa Ephraim, agus Israel chan eil am falach orm: oir a‑nis rinn Ephraim strìopachas; tha Israel air a thruailleadh.

4 Cha dealbh iad an dèanadas gu tilleadh a‑chum an Dè: oir tha spiorad strìopachais nam meadhon, agus air an Tighearna cha do ghabh iad eòlas.

5 Air an adhbhar sin ìslichear uabhar Israeil fa chomhair a shùl; agus Israel, agus Ephraim tuislichidh nan aingidheachd: tuislichidh fòs Iùdah maille riu.

6 Len treudan agus lem buar, thèid iad a dh’iarraidh an Tighearna: ach chan fhaigh iad e; tharraing e e fhèin uapa.

7 Bhuin iad gu fealltach an aghaidh an Tighearna; oir ghin iad clann choimheach: a‑nis sluigidh mìos iad maille rin cuibhreannan.

8 Sèidibh-se an trompaid ann an Gibeah, am buabhall ann an Ramah: èighibh caismeachd chatha ann am Bet-abhen: an nàmhaid air do thòir, O Bheniàmin!

9 Bidh Ephraim na fhàsach ann an là an achmhasain: am measg treubhan Israeil rinn mise aithnichte an nì sin a thig gu crìch gu deimhinn.

10 Bha prionnsachan Iùdah cosmhail riùsan a dh’atharraicheas an comharradh-fearainn: dòirtidh mise mo chorraich a‑mach orra mar uisge.

11 Tha Ephraim sàraichte, briste ann am breitheanas; a chionn gun do ghluais e gu toileach an dèidh na h‑àithne.

12 Uime sin bidh mise mar leòmann do Ephraim: agus mar lobhadh do thaigh Iùdah.

13 Nuair a chunnaic Ephraim a thinneas, agus Iùdah a chreuchd, an sin chaidh Ephraim a‑chum an Asirianaich, agus chuir e fios gu rìgh Iareb: gidheadh cha b’urrainn e ur leigheas, cha mhò a shlànaich e ur creuchd.

14 Gu deimhinn bidh mise mar leòmhann do Ephraim, agus mar leòmhann òg do thaigh Iùdah: reubaidh mise, eadhon mise fhèin, agus imichidh mi romham; bheir mi leam, agus cha bhi aon neach ann a thèarnas.

15 Imichidh mi, agus tillidh mi gum àite, gus an aidich iad an cionta, agus an iarr iad m’aghaidh: nan àmhghar iarraidh iad mi gu moch.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan