Hosèa 14 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Till, O Israeil, ris an Tighearna do Dhia, oir thuit thu led aingidheachd. 2 Thugaibh leibh briathran, agus tillibh ris an Tighearna; abraibh ris, Thoir air falbh ar n‑uile chionta, agus gabh rinn gu gràsmhor: mar sin bheir sinn seachad laoigh ar bilean. 3 Cha dèan Asur ar tèarnadh; air eich cha dèan sinn marcachd: cha mhò a their sinn tuilleadh ri obair ar làmhan fhèin, Is sibhse ar diathan: oir annadsa gheibh an dìlleachdan tròcair. 4 Lèighsidh mise an cùl-sleamhnachadh, gràdhaichidh mi iad gu saor: oir thill mo chorraich air falbh uaithe. 5 Bidh mi mar an drùchd do Israel: fàsaidh e mar an lilidh, agus cuiridh e a‑mach a fhreumhan mar Lebanon. 6 Sgaoilidh a gheugan, agus bidh a mhaise mar an crann-ola, agus a fhàile mar Lebanon. 7 Tillidh iadsan a tha a chòmhnaidh fo a sgàil: mar an t‑arbhar bidh iad air an ath-bheothachadh; agus fàsaidh iad mar an fhìonain: bidh a fhàile mar fhìon Lebanoin. 8 Their Ephraim, Ciod mo gnothach-sa tuilleadh ri iodhalan? Chuala mise e; agus thug mi fa‑near e; is cosmhail mi ri crann uaine giuthais; uamsa tha do thoradh ra fhaotainn. 9 Cò a tha glic, agus tuigidh esan na nithean seo? Crìonna, agus aithnichidh e iad? Oir tha slighean an Tighearna ceart, agus gluaisidh na fìreanan annta: ach gheibh na ciontaich tuisleadh annta. |