Hosèa 13 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Nuair a labhair Ephraim le crith, dh’àrdaich e e fhèin ann an Israel; ach nuair a chiontaich e ann am Bàal, bhàsaich e. 2 Agus a‑nis tha iad a’ ciontachadh nas mò agus nas mò, agus rinn iad dhaibh fhèin dealbh leaghte den airgead: iodhalan a rèir an seòltachd fhèin, an t‑iomlan dheth obair nam fear-ceàirde: tha iad ag ràdh dan taobh, Dèanadh a’ mhuinntir a tha ag ìobradh an laoigh a phògadh. 3 Air an adhbhar sin bidh iad mar neul na maidne; agus mar an drùchd moch a shiùbhlas air falbh: mar am moll air fhuadachadh le cuairt-ghaoith on ùrlar-bhualaidh; agus mar thoit a‑mach as an luidhear. 4 Gidheadh is mise an Tighearna do Dhia, a thug a‑nìos thu o thìr na h‑Eiphit, agus cha bhi aithne agad air dia air bith ach mise; oir chan eil slànaighear ann ach mi. 5 B’aithne dhòmhsa thu anns an fhàsach, ann am fearann an tarta mhòir: 6 Nan ionaltradh bha iad air an lìonadh: bha iad air an lìonadh, agus dh’àrdaicheadh an cridhe: air an adhbhar sin dhìochuimhnich iad mise. 7 Uime sin bidh mise dhaibh mar leòmhann: mar liopard anns an t‑slighe bheir mi fa‑near iad. 8 Coinnichidh mi iad mar mhath-ghamhainn on do bhuineadh a cuileanan, agus reubaidh mi sgairt an cridhe; agus an sin sluigidh mi iad mar leòmhann boireann: nì fiadh-bheathach na machrach an reubadh. 9 O Israeil, sgrios thu thu fhèin, ach annamsa tha do chobhair. 10 Bidh mise ann am rìgh dhut: càit a bheil aon neach eile a thèarnas thu ann ad chathraichean uile? Agus do bhritheamhan uile ris an dubhairt thu, Thoir dhomh rìgh agus prionnsachan? 11 Thug mise rìgh dhut ann am fheirg, agus thug mi air falbh e ann am chorraich. 12 Tha aingidheachd Ephraim air a càrnadh suas: tha a chionta air a thasgadh. 13 Thig ioghannan mnà ri saothair air: is mac nach eil glic e seo; no chan fhanadh e fada ann an àite briseadh a‑mach na cloinne. 14 Fuasglaidh mise iad o chumhachd na h‑uaighe: saoraidh mi iad on bhàs: O bhàis, bidh mise am phlàigh dhut; O uaigh, bidh mise am sgrios dhut; bidh aithreachas air fhalach om shùilean. 15 Ged a bha e torrach am measg a bhràithrean, thig gaoth an ear, thig gaoth an Tighearna a‑nìos on fhàsach, agus fàsaidh a fhuaran tioram, agus tiormaichear suas a thobar: bidh ionmhas nan uile shoithichean taitneach air a chreachadh. 16 Bidh Samaria na fàsach, oir rinn i ceannairc an aghaidh a Dè: tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, brisear an naoidheanan nam bloighdean; agus reubar suas am mnathan torrach. |