Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Hosèa 12 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Tha Ephraim ag ionaltradh air gaoith, agus ag imeachd an dèidh na gaoithe an ear: gach aon là tha e a’ cur bhreug agus reubainn an lìonmhorachd; rinn iad fòs coicheangal ri Asiria, agus tha ola ga giùlan don Eiphit.

2 Tha còmhstri fòs aig an Tighearna ri Iùdah, agus nì e peanas air Iàcob a rèir a shlighean; a rèir a dhèanadais bheir e dha luigheachd.

3 Anns a’ bhroinn ghlac e a bhràthair air shàil; agus le a neart bha cumhachd aige maille ri Dia.

4 Seadh, bha cumhachd aige maille ris an aingeal; agus thug e buaidh: ghuil e, agus rinn e guidhe ris: fhuair e ann am Betel e, agus an sin labhair e ris.

5 Eadhon Iehòbhah, Dia nan sluagh, is e Iehòbhah a chuimhneachan.

6 Uime sin till thusa rid Dhia: coimhead tròcair agus breitheanas; agus feith air do Dhia a‑ghnàth.

7 Is fear-malairt e: na làimh tha meidh na mealltaireachd; is toigh leis a bhith ri ainneart.

8 Agus thubhairt Ephraim, Gu deimhinn tha mi air fàs saoibhir, fhuair mi dhomh fhèin stòras: ann am shaothairean uile chan fhaigh iad euceart air bith annam a bhiodh na chionta.

9 Agus mise Iehòbhah do Dhia, a thug a‑nìos thu o thìr na h‑Eiphit, bheir mi ort fòs còmhnaidh a ghabhail ann am pàilleanan, mar ann an làithean na h‑àrd-fhèille.

10 Labhair mi fòs leis na fàidhean, agus rinn mi lìonmhor seallaidhean; agus le frithealadh nam fàidhean ghnàthaich mi cosamhlachdan.

11 Gu dearbh ann an Gilead tha euceart: gu cinnteach is dìomhanas iad; tha iad ag ìobradh tharbh ann an Gilgal; seadh, tha an altairean mar chùirn ann an claisean na machrach.

12 Ach theich Iàcob gu dùthaich Shiria; agus rinn Israel seirbhis airson mnà; agus airson mnà ghlèidh e caoraich.

13 Agus le fàidh thug an Tighearna Israel a‑mach as an Eiphit; agus le fàidh thèarnadh e.

14 Bhrosnaich Ephraim e a‑chum feirge gu ro‑shearbh: uime sin fàgaidh a Thighearna a fhuil air fhèin; agus tillidh e thuige fhèin a mhasladh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan