Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Hosèa 11 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Nuair a bha Israel na leanabh, an sin thug mise gràdh dha; agus a‑mach as an Eiphit ghairm mi mo mhac.

2 Nuair a ghairm iad orra, an sin dh’imich iadsan uapa: dh’ìobair iad do Bhàalim, agus loisg iad tùis do dhealbhan snaidhte.

3 Theagaisg mise fòs do Ephraim coiseachd, gan togail ann am ghàirdeanan; ach cha robh fhios aca gun do leighis mi iad.

4 Tharraing mi iad le cùird duine, le ceanglaichean gràidh; agus bha mi dhaibh mar neach a thogas dhiubh a’ chuing air an giallan, agus chuir mi sìos biadh dhaibh.

5 Cha till e gu tìr na h‑Eiphit, ach bidh an t‑Asirianach na rìgh air, a chionn gun do dhiùlt iad tilleadh riumsa.

6 Agus tuitidh an claidheamh gu trom air a bhailtean, agus caithidh e a gheugan; agus sluigidh e, airson an comhairlean.

7 Agus tha mo shluagh-sa ann an tì air cùl-sleamhnachadh uam; ged ghlaodh iad ris an Tì as àirde, chan àrdaicheadh aon neach e.

8 Cionnas a bheir mi thairis thu, O Ephraim! Cionnas a bheir mi seachad thu, O Israeil! Cionnas a nì mi thu mar Admah! A chuireas mi thu mar Sheboim! Tha mo chridhe an taobh a‑staigh dhìom air tionndadh; tha m’aithreachais air lasadh le chèile.

9 Cha chuir mi an gnìomh mo dhian-chorraich, cha till mi a mhilleadh Ephraim; oir is mise Dia, agus chan e duine; an Tì naomh ann ad mheadhon; gidheadh nach eil a’ tathaich bhailtean.

10 Siùbhlaidh iad an dèidh an Tighearna: beucaidh e mar leòmhann: nuair a bheucas e, an sin criothnaichidh na mic on àird an iar.

11 Itealaichidh iad mar eun as an Eiphit, agus mar chalaman à tìr Asiria; agus suidhichidh mise nan taighean iad, deir an Tighearna.

12 Tha Ephraim gam chuartachadh le breugan: agus taigh Israeil, le ceilg; ach fhathast tha Iùdah a’ riaghladh maille ri Dia; agus tha e dìleas maille ris na naoimh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan