Hosèa 10 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 B’fhìonain thorrach Israel: thug e a‑mach toradh dha fhèin: a rèir pailteas a thoraidh chuir e altairean an lìonmhorachd; a rèir maitheas a fhearainn rinn e dealbhan àlainn. 2 Tha an cridhe air a roinn; a‑nis gheibhear ciontach iad: brisidh esan sìos an altairean: sgriosaidh e an dealbhan. 3 Oir a‑nis tha iad ag ràdh, Chan eil rìgh air bith againn, a chionn nach robh eagal an Tighearna oirnn: ciod uime sin a dhèanadh rìgh dhuinn? 4 Labhair iad briathran faoine, nuair a mhionnaich iad; breugan nuair a rinn iad coicheangal: mar seo tha breitheanas a’ fàs a‑nìos, mar an iteodha ann an claisean na machrach. 5 Airson laogh Bhet-abhein bidh eagal air luchd-àiteachaidh Shamaria; oir nì a shluagh caoidh os a chionn, agus a shagartan, acain air a shon; airson a ghlòire, oir dhealaich i ris. 6 Os bàrr bheirear e fhèin gu Asiria, mar thabhartas do rìgh Iareb: nì masladh greim air Ephraim, agus gabhaidh Israel nàire de a chomhairle fhèin. 7 Airson Shamaria, ghearradh a rìgh as mar an cobhar air uachdar an uisge. 8 Sgriosar fòs ionadan àrda Abhein, cionta Israeil: thig an droigheann agus am fòghnan a‑nìos air an altairean; agus their iad ris an slèibhtean, Falaichibh sinn, agus ris na beanntan, Tuitibh oirnn. 9 O Israeil, chiontaich thu nas mò na ann an làithean Ghibeah: an sin sheas iad: nach do rug an cath orra ann an Gibeah. 10 An aghaidh clann na h‑aingidheachd thàinig mise, agus smachdaich mi iad. Agus cruinnichear na slòigh nan aghaidh-san nuair a smachdaichear iad airson a dà chionta. 11 Agus bidh Ephraim na agh fòghlaimte, lem miann a bhith a’ saltairt a‑mach an arbhair; ach chaidh mise thairis air a muineal sgiamhach. Bheir mi air Ephraim marcachd; treabhaidh Iùdah, brisidh Iàcob a fhòidean. 12 Cuiribh dhuibh fhèin ann am fìreantachd, buainibh ann an toradh na tròcair: brisibh suas ur fearann neo-threabhte: oir is mithich Iehòbhah iarraidh, gus an tig e agus am fras e oirbh fìreantachd. 13 Threabh sibh aingidheachd, bhuain sibh euceart; dh’ith sibh toradh bhreugan: a chionn gun d’earb thu as do shlighe, à mòr-chuideachd do dhaoine treuna; 14 Uime sin èiridh buaireas am measg do shluaigh, agus bidh d’uile dhaingnichean air am milleadh, amhail a mhill Salmon Bet-arbel ann an là a’ chatha; ghearradh nam bloighdean a’ mhàthair agus a’ chlann le chèile. 15 Is amhail a nìthear ribhse, O Bhetel, airson ro‑mheud ur n‑aingidheachd: ann am madainn gearrar as gu cinnteach rìgh Israeil. |