Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Hosèa 1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Facal an Tighearna a thàinig gu Hosèa, mac Bheeri, ann an làithean Usiah, Iotaim, Ahais agus Heseciah, rìghrean Iùdah, agus ann an làithean Ierobòaim, mhic Iohais, rìgh Israeil.

2 Toiseach facal an Tighearna le Hosèa. Agus thubhairt an Tighearna ri Hosèa, Imich gabh ad ionnsaigh bean strìopachais, agus clann strìopachais; oir rinn am fearann strìopachas mòr ann an dealachadh ris an Tighearna.

3 Agus dh’imich e, agus ghabh e Gomer nighean Dhiblaim; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac dha.

4 Agus thubhairt an Tighearna ris, Goir Iesreel mar ainm air; oir fòs tamall beag, agus dìolaidh mise fuil Iesreeil air taigh Iehu, agus cuiridh mi casg air rìoghachd taigh Israeil.

5 Agus tàrlaidh air an là sin, gum bris mise bogha Israeil ann an gleann Iesreeil.

6 Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i nighean; agus thubhairt Dia ris, Goir Lo‑ruhamah mar ainm oirre; oir cha dèan mise tròcair nas mò air taigh Israeil, ach bheir mi gu tur air falbh iad.

7 Ach air taigh Iùdah nì mi tròcair, agus tèarnaidh mi iad leis an Tighearna an Dia, agus chan ann le bogha no le claidheamh a thèarnas mi iad, no le cath, no le eich, no le marcaich.

8 Agus chuir i on chìch Lo‑ruhamah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac.

9 An sin thubhairt Dia, Goir Lo‑ammi mar ainm air: oir cha sibhse mo shluagh-sa, agus cha bhi mise ann am Dhia dhuibhse.

10 Gidheadh bidh àireamh clann Israeil mar ghaineamh na fairge, nach gabh tomhas no àireamh; agus tàrlaidh, anns an àite anns an dubhairteadh riu, Cha sibh mo shluagh-sa, gun abrar riu, Is sibh mic an Dè bheò.

11 Agus bidh clann Iùdah agus clann Israeil air an cruinneachadh ri chèile, agus gabhaidh iad dhaibh fhèin aon cheann, agus thig iad a‑nìos as an tìr: oir is mòr a bhios là Iesreeil.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan