Gnìomharan 8 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus bha Saul ag aontachadh le a bhàs-san. Agus dh’èirich anns an àm sin geur-leanmhainn mhòr an aghaidh na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus bha iad uile air an sgapadh air feadh tìr Iudèa agus Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin. 2 Agus ghiùlain daoine diadhaidh Stèphen a‑chum adhlacaidh, agus rinn iad caoidh mhòr air a shon. 3 Ach bha Saul a’ fàsachadh na h‑eaglais, a’ dol a‑steach do gach taigh; agus a’ tarraing a‑mach fhear agus bhan, chuir e ann am prìosan iad. 4 Uime sin dh’imich an dream a sgapadh feadh gach àite, a’ searmonachadh an fhacail. 5 An sin chaidh Philip sìos do bhaile Shamaria, agus shearmonaich e Crìosd dhaibh. 6 Agus thug an sluagh a dh’aon toil aire do na nithean a labhradh le Philip, ag èisdeachd ris, agus a’ faicinn nam mìorbhailean a rinn e. 7 Oir chaidh spioradan neòghlan a‑mach à mòran anns an robh iad, a’ glaodhaich le guth mòr: agus chaidh mòran air an robh a’ phairilis, agus a bha nam bacaich, a shlànachadh. 8 Agus bha gàirdeachas mòr anns a’ bhaile sin. 9 Ach bha roimhe sin duine àraidh anns a’ bhaile sin dom b’ainm Sìmon, a ghnàthaich draoidheachd, agus a mheall muinntir Shamaria, ag ràdh gum bu neach-eigin mòr e fhèin: 10 Dhàsan thug iad uile aire on bheag gus a’ mhòr, ag ràdh, Is e an duine seo cumhachd mòr Dhè. 11 Agus thug iad an aire dha, a chionn gun do mheall e iad rè ùine fhada le a dhraoidheachd. 12 Ach nuair a chreid iad Philip, a’ searmonachadh nan nithean a bhuineas do rìoghachd Dhè, agus do ainm Iosa Crìosd, bhaisteadh iad eadar fhir agus mhnathan. 13 An sin chreid Sìmon fhèin mar an ceudna: agus nuair a bhaisteadh e, dh’fhan e maille ri Philip, agus a’ faicinn nan comharraidhean agus nam feartan a rinneadh, ghabh e iongantas ro‑mhòr. 14 Agus nuair a chuala na h‑abstoil a bha ann an Ierusalem gun do ghabh Samaria facal Dhè, chuir iad dan ionnsaigh Peadar agus Eòin: 15 Agus nuair a chaidh iad sìos, ghuidh iad air an son gum faigheadh iad an Spiorad Naomh. 16 (Oir cha tàinig e fhathast a‑nuas air aon aca: ach a‑mhàin bhaisteadh iad ann an ainm an Tighearna Iosa.) 17 An sin chuir iad an làmhan orra, agus fhuair iad an Spiorad Naomh. 18 Agus nuair a chunnaic Sìmon gu robh an Spiorad Naomh air a thoirt tre làmhan nan abstol a chur orra, thairg e airgead dhaibh. 19 Ag ràdh, Thugaibh dhòmhsa mar an ceudna an cumhachd seo, ge bè neach air an cuir mi mo làmhan, gum faigh e an Spiorad Naomh. 20 Ach thubhairt Peadar ris, Gu rachadh d’airgead am mugha maille riut, a chionn gun do mheas thu gum faodte tìodhlac Dhè a cheannach le airgead. 21 Chan eil agad cuid no crannchur anns a’ chùis seo: oir chan eil do chridhe dìreach ann am fianais Dhè. 22 Gabh aithreachas uime sin ded olc seo, agus guidh air Dia, ma dh’fhaodar gum maithear dhut smuain do chridhe. 23 Oir tha mi gad fhaicinn ann an domblas na seirbhe, agus fo chuibhreach na h‑eucoir. 24 An sin fhreagair Sìmon, agus thubhairt e, Guidhibh-se an Tighearna air mo shon, nach tig aon de na nithean sin a thubhairt sibh orm. 25 An sin air dhaibhsan fianais a dhèanamh agus facal an Tighearna a labhairt, thill iad gu Ierusalem, agus shearmonaich iad an soisgeul ann am mòran de bhailtean nan Samaritanach. 26 Agus labhair aingeal an Tighearna ri Philip, ag ràdh, Eirich agus imich a‑chum na h‑àird a deas, a‑chum na slighe a tha a’ dol sìos o Ierusalem gu Gàsa, a tha na fhàsach. 27 Agus dh’èirich e, agus dh’imich e: agus, feuch, duine àraidh, caillteanach o Etiopia, aig an robh mòr-ùghdarras fo Chandace, bànrighinn na h‑Etiopia, agus a bha os cionn a h‑ionmhais uile, agus a bha air teachd gu Ierusalem a‑chum adhradh a dhèanamh, 28 Bha e a’ tilleadh air ais, agus na shuidhe na charbad, agus bha e a’ leughadh an fhàidh Esaias. 29 An sin thubhairt an Spiorad ri Philip, Imich am fagas, agus druid ris a’ charbad seo. 30 Agus ruith Philip da ionnsaigh, agus chuala e e a’ leughadh an fhàidh Esaias, agus thubhairt e, A bheil thu a’ tuigsinn nan nithean a tha thu a’ leughadh? 31 Agus thubhairt esan, Cionnas as urrainn mi, mura seòl neach-eigin mi? Agus dh’iarr e air Philip teachd a‑nìos, agus suidhe maille ris. 32 A’ chuibhreann den sgriobtar a bha e a’ leughadh, b’i seo i: Thugadh e mar chaora a‑chum marbhaidh; agus mar uan a tha na thosd am fianais an fhir-lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul: 33 Na ìsleachadh thugadh a bhreitheanas air falbh: agus cò a nochdas a ghinealach? Oir thogadh a bheatha on talamh. 34 Agus fhreagair an caillteanach, agus thubhairt e ri Philip, Guidheam ort, cò uime a tha am fàidh ag ràdh seo, uime fhèin, no mu neach-eigin eile? 35 An sin dh’fhosgail Philip a bheul, agus a’ tòiseachadh on sgriobtar sin, shearmonaich e Iosa dha. 36 Agus nuair a dh’imich iad air an t‑slighe, thàinig iad gu uisge àraidh: agus thubhairt an caillteanach, Feuch, uisge; ciod a tha a’ bacadh mise a bhith air mo bhaisteadh? 37 Agus thubhairt Philip, Ma tha thu a’ creidsinn led uile chridhe, faodaidh tu. Agus fhreagair e agus thubhairt e, Tha mi a’ creidsinn gur e Iosa Crìosd Mac Dhè. 38 Agus dh’àithn e an carbad a sheasamh: agus chaidh iad sìos le chèile don uisge, araon Philip agus an caillteanach; agus bhaist e e. 39 Agus nuair a thàinig iad a‑nìos as an uisge, thug Spiorad an Tighearna Philip leis, agus chan fhaca an caillteanach tuilleadh e: agus dh’imich e air aghaidh le gàirdeachas. 40 Ach fhuaireadh Philip ann an Asotos: agus shearmonaich e anns na bailtean uile, a’ dol tron dùthaich, gus an tàinig e gu Cesarèa. |