Gnìomharan 26 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An sin thubhairt Agripa ri Pòl, Tha cead agad labhairt air do shon fhèin. An sin shìn Pòl a‑mach a làmh, agus fhreagair e air a shon fhèin. 2 Tha mi gam mheas fhèin sona, a rìgh Agripa, do bhrìgh gu bheil mi gu freagairt air mo shon fhèin an‑diugh ad làthair-sa, a‑thaobh nan nithean sin uile a tha air an cur as mo leth leis na h‑Iùdhaich; 3 Gu h‑àraidh, a chionn gu bheil thusa eòlach air gach gnàth agus ceist a tha am measg nan Iùdhach: uime sin guidheam ort, èisd rium gu foighidinneach. 4 Tha mo bheatha-sa om òige, a chaitheadh air tùs am measg mo chinnich fhèin ann an Ierusalem, aithnichte do na h‑Iùdhaich uile; 5 Dom b’aithne mi o thùs (nam b’àill leo fianais a dhèanamh), gun do chaith mi mo bheatha am Pharasach, a rèir an luchd co‑bharail as teinne de ar creideamh-ne. 6 Agus a‑nis tha mi am sheasamh fo bhreitheanas airson dòchas a’ gheallaidh a rinneadh le Dia dar n‑athraichean: 7 A‑chum a bheil dùil aig ar dà‑threubh-dheug-ne teachd, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche a‑ghnàth; agus airson an dòchais seo tha mise, a rìgh Agripa, air m’agairt leis na h‑Iùdhaich. 8 Carson a mheasar leibhse mar nì do‑chreidsinn gun dùisgeadh Dia na mairbh? 9 Gu deimhinn mheas mise annam fhèin gum bu chòir dhomh mòran nithean a dhèanamh an aghaidh ainm Iosa o Nàsaret. 10 Nì mar an ceudna a rinn mi ann an Ierusalem: agus air faotainn ùghdarrais o na h‑àrd-shagartan, dhruid mi mòran de na naoimh ann am prìosain; agus nuair a chuireadh gu bàs iad, thug mi mo ghuth nan aghaidh. 11 Agus a’ dèanamh peanais orra gu minig anns gach sionagog, cho-èignich mi iad gu toibheum a labhairt; agus air dhomh a bhith gu ro‑mhòr air bhoile nan aghaidh, rinn mi geur-leanmhainn orra, eadhon gu bailtean coigreach. 12 Air a seo, nuair a bha mi a’ dol gu Damascas, le cumhachd agus barantas o na h‑àrd-shagartan; 13 Mu mheadhon-là, O rìgh, chunnaic mi air an t‑slighe solas o nèamh, a bu shoilleire na solas na grèine, a’ dealrachadh mun cuairt orm, agus orrasan a bha ag imeachd maille rium. 14 Agus nuair a thuit sinn uile air an talamh, chuala mi guth a’ labhairt rium, agus ag ràdh anns a’ chainnt Eabhraidhich, A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur-leanmhainn? Is cruaidh dhutsa a bhith a’ breabadh an aghaidh nan dealg. 15 Agus thubhairt mise, Cò thu, a Thighearna? Agus thubhairt esan, Is mise Iosa a tha thusa a’ geur-leanmhainn. 16 Ach èirich, agus seas air do chasan; oir dh’fhoillsich mi mi fhèin dhut a‑chum na crìche seo, gun òrdaichinn thu ad mhinistear agus ad fhianais araon air na nithean sin a chunnaic thu, agus air na nithean anns am foillsich mi mi fhèin dhut; 17 Gad shaoradh on t‑sluagh, agus o na Cinnich, a‑chum a bheil mi a‑nis gad chur, 18 A dh’fhosgladh an sùl, a‑chum gun tionndaidh iad o dhorchadas gu solas, agus o chumhachd Shàtain gu Dia, a‑chum gum faigh iad maitheanas pheacaidhean, agus oighreachd maille ris a’ mhuinntir sin a tha air an naomhachadh tre an chreideamh a tha annamsa. 19 Uime sin, a rìgh Agripa, cha robh mi eas-umhail don taisbeanadh nèamhaidh: 20 Ach shearmonaich mi air tùs dhaibhsan ann an Damascas, agus ann an Ierusalem, agus air feadh tìr Iudèa uile, agus an sin do na Cinnich, iad a dhèanamh aithreachais agus tilleadh ri Dia, a’ dèanamh obraichean iomchaidh an aithreachais. 21 Airson nan nithean seo ghlac na h‑Iùdhaich mi anns an teampall, agus b’àill leo mo mharbhadh. 22 Uime sin air dhomh còmhnadh fhaotainn o Dhia, bhuanaich mi gus an là‑an‑diugh, a’ dèanamh fianais don bheag agus don mhòr, gun nì air bith a labhairt ach na nithean sin a thubhairt na fàidhean agus Maois a bha gu teachd; 23 Gu robh Crìosd gu fulang, agus gu robh e gu èirigh, an ciad neach o na mairbh, agus gum foillsicheadh e solas don phoball, agus do na Cinnich. 24 Agus air dha a bhith a’ labhairt nan nithean seo air a shon fhèin, thubhairt Festus le guth àrd, Tha thu air mhì-chèill, a Phòil: tha mòr-fhòghlam gad chur air bhoile. 25 Ach thubhairt esan, Chan eil mi air bhoile, Fhestuis ro‑òirdheirc; ach tha mi a’ labhairt briathran na fìrinn agus na cèille. 26 Oir tha fhios aig an rìgh, ro a bheil mise a’ labhairt gu saor, air na nithean seo: oir tha cinnt agam nach eil a h‑aon de na nithean seo an ainfhios dha; oir chan ann an cùil a rinneadh seo. 27 A bheil thu a’ creidsinn nam fàidhean, a rìgh Agripa? Tha fhios agam gu bheil thu gan creidsinn. 28 An sin thubhairt Agripa ri Pòl, Is beag nach eil thu gam aomadh gu bhith am Chrìosdaidh. 29 Agus thubhairt Pòl, B’e mo ghuidhe air Dia gum biodh, chan e a‑mhàin thusa, ach mar an ceudna iadsan uile a tha ag èisdeachd rium an‑diugh, ann am beag agus ann am mòr, mar a tha mise, saor o na gèimhlean seo. 30 Agus air dha na briathran seo a labhairt, dh’èirich an rìgh, agus an t‑uachdaran, agus Bernice, agus an dream a shuidh maille riu: 31 Agus nuair a chaidh iad a lethtaobh, labhair iad ri chèile, ag ràdh, Chan eil an duine seo a’ dèanamh nì air bith toillteanach air bàs, no air gèimhlean. 32 An sin thubhairt Agripa ri Festus, Dh’fhaodte an duine seo a leigeadh as, mura biodh gun do thog e a chùis gu Cèasar. |