Gnìomharan 25 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 A‑nis nuair a thàinig Festus don mhòr-roinn, an ceann trì làithean chaidh e suas o Chesarèa gu Ierusalem. 2 Agus nochd an t‑àrd-shagart agus maithean nan Iùdhach iad fhèin na làthair an aghaidh Phòil, agus chuir iad impidh air, 3 Ag iarraidh fàbhair na aghaidh, gun cuireadh e fios air gu Ierusalem, agus iad a dhèanamh feall-fhalaich a‑chum esan a mharbhadh air an t‑slighe. 4 Ach fhreagair Festus gum bu chòir Pòl a ghleidheadh ann an Cesarèa, agus gun rachadh e fhèin an sin gu h‑aithghearr. 5 Uime sin, arsa esan, rachadh iadsan nur measg a dh’fhaodas, sìos maille riumsa, agus ma tha coire air bith anns an duine seo, cuireadh iad sin as a leth. 6 Agus air dha fantainn nam measg os cionn deich làithean, chaidh e sìos do Chesarèa; agus air an là màireach shuidh e air a’ chathair-bhreitheanais, agus dh’àithn e Pòl a thoirt an làthair. 7 Agus nuair a thàinig esan, sheas na h‑Iùdhaich a thàinig a‑nuas o Ierusalem ma thimcheall, a’ cur choireannan lìonmhor agus mòra as leth Phòil, nach b’urrainn iad a dhearbhadh: 8 Nuair a fhreagair esan ga shaoradh fhèin, Cha do rinn mi cionta sam bith an aghaidh lagh nan Iùdhach, no an aghaidh an teampaill, no an aghaidh Chèasair. 9 Ach air a bhith do Fhestus togarrach air toileachas-inntinn a thoirt do na h‑Iùdhaich, fhreagair e Pòl, agus thubhairt e, An àill leat dol suas gu Ierusalem, agus an sin dol fo bhreitheanas a‑thaobh nan nithean sin nam làthair-sa? 10 An sin thubhairt Pòl, Tha mi am sheasamh aig cathair-bhreitheanais Chèasair, far an còir breith a thoirt orm: air na h‑Iùdhaich cha do rinn mi eucoir sam bith, mar as math a tha fhios agadsa. 11 Oir ma tha mi a’ dèanamh eucoir, agus ma rinn mi nì sam bith a thoill bàs, chan eil mi a’ diùltadh bàs fhulang: ach mura eil nì sam bith dhiubh sin fìor a tha iad seo a’ cur as mo leth, chan fhaod duine sam bith mo thoirt thairis dhaibh. Tha mi a’ togail mo chùis gu Cèasar. 12 An sin an dèidh do Fhestus labhairt ris a’ chomhairle, fhreagair e, An do thog thu do chùis gu Cèasar? Gu Cèasar thèid thu. 13 Air dol do làithean àraidh seachad, thàinig Agripa an rìgh agus Bernice gu Cesarèa a chur fàilte air Festus. 14 Agus air dhaibh mòran làithean a chaitheamh an sin, chuir Festus cùis Phòil an cèill don rìgh, ag ràdh, Dh’fhàgadh duine àraidh le Felics na phrìosanach; 15 Airsan, nuair a bha mise ann an Ierusalem, rinn na h‑àrd-shagartan agus seanairean nan Iùdhach casaid rium, ag iarraidh binne na aghaidh. 16 Don tug mise am freagradh seo, Chan e gnàth nan Ròmanach duine sam bith a thoirt thairis a‑chum bàis, gus am bi aig an neach a tha air agairt a luchd-casaid aghaidh ri aghaidh, agus gum bi cothrom aige air e fhèin a shaoradh on choire a chuireadh as a leth. 17 Uime sin nuair a thàinig iad araon an seo, gun mhoille sam bith shuidh mi air an là màireach air a’ chathair-bhreitheanais, agus dh’àithn mi an duine a thoirt an làthair. 18 Agus nuair a sheas a luchd-casaid ma thimcheall, cha do chuir iad coire air bith as a leth de na nithean a shaoil mise: 19 Ach thug iad ceistean àraidh na aghaidh mu thimcheall an creidimh fhèin, agus mu thimcheall Iosa àraidh, a fhuair bàs, neach a thubhairt Pòl a tha beò. 20 Agus a chionn gu robh mise amharasach mu thimcheall an leithidean sin de cheistean, dh’fheòraich mi dheth am b’àill leis dol suas do Ierusalem, agus an sin dol fo bhreitheanas mu na nithean seo. 21 Ach nuair a dh’iarr Pòl a bhith air a choimhead gus am fiosraichte a chùis le Augustus, dh’àithn mi e a bhith air a ghleidheadh gus an cuirinn gu Cèasar e. 22 An sin thubhairt Agripa ri Festus, B’àill leamsa fhèin an duine seo a chluinntinn. A‑màireach, thubhairt esan, cluinnidh tu e. 23 Uime sin air an là màireach, nuair a thàinig Agripa, agus Bernice, le mòr-ghreadhnachas, agus a chaidh iad a‑steach maille ris na h‑àrd-cheannardan agus prìomh-dhaoine na cathrach don ionad-èisdeachd, air do Fhestus àithne a thoirt, thugadh Pòl an làthair. 24 Agus thubhairt Festus, A rìgh Agripa, agus sibhse a dhaoine uile a tha an làthair an seo maille rinn, tha sibh a’ faicinn an duine seo, mun do chuir sluagh nan Iùdhach uile impidh ormsa, araon ann an Ierusalem, agus an seo, a’ glaodhaich nach bu chòir e a bhith na b’fhaide beò. 25 Ach nuair a thuig mise nach do rinn e nì sam bith a thoill bàs, agus a chionn gun do thog e fhèin a chùis gu Augustus, shònraich mi a chur da ionnsaigh. 26 Mu nach eil nì sam bith cinnteach agam ri sgrìobhadh a‑chum mo thighearna. Uime sin thug mi a‑mach e dur n‑ionnsaigh-sa, a rìgh Agripa, a‑chum an dèidh rannsachadh a dhèanamh, gum biodh agam nì‑eigin ri sgrìobhadh. 27 Oir is mì‑reusonta am bheachd-sa prìosanach a chur uam agus gun na cùisean a tha na aghaidh ainmeachadh. |