Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 22 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh rim dhìon-chainnt ribh a‑nis:

2 (Agus nuair a chuala iadsan gun do labhair e riu anns a’ chànain Eabhraidhich, bu mhò a thosd iad: agus thubhairt esan,)

3 Is Iùdhach mise da‑rìribh, a rugadh ann an Tarsas na Cilicia, ach a thogadh anns a’ bhaile seo, aig casan Ghamalieil, agus a theagaisgeadh gu coileanta a rèir gnàth lagh nan athraichean; agus bha mi eudmhor a‑thaobh Dhè, mar a tha sibhse uile an‑diugh.

4 Agus rinn mi geur-leanmhainn gu bàs air an t‑slighe seo, a’ ceangal fhear agus bhan, agus gan tarraing gu prìosan.

5 Mar a nì an t‑àrd-shagart mar an ceudna fianais dhomh, agus comhairle nan seanairean uile; on d’fhuair mi mar an ceudna litrichean a‑chum nam bràithrean, agus chaidh mi gu Damascas, a‑chum an dream a bha an sin a thoirt ceangailte gu Ierusalem, a‑chum gun dèante peanas orra.

6 Agus thàrladh, air dhomh a bhith ag imeachd, agus a’ druideadh ri Damascas mu mheadhon-là, gun do dhealraich gu h‑obann o nèamh solas mòr mun cuairt orm.

7 Agus thuit mi air an talamh, agus chuala mi guth ag ràdh, A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur-leanmhainn-sa?

8 Agus fhreagair mise, Cò thu, a Thighearna? Agus thubhairt e rium, is mise Iosa o Nàsaret, air a bheil thusa a’ dèanamh geur-leanmhainn.

9 Agus chunnaic na daoine a bha maille rium an solas gu deimhinn, agus ghabh iad eagal; ach cha chuala iad guth an tì a labhair riumsa.

10 Agus thubhairt mise, Ciod a nì mi, a Thighearna? Agus thubhairt an Tighearna rium, Eirich agus imich gu Damascas, agus an sin labhrar riut mu thimcheall nan nithean sin uile a dh’òrdaicheadh dhut a dhèanamh.

11 Agus nuair nach bu lèir dhomh tre ghlòir an t‑solais sin, air dhomh a bhith air mo threòrachadh air làimh leòsan a bha maille rium, thàinig mi gu Damascas.

12 Agus air do dhuine àraidh dom b’ainm Ananias, a bha cràbhach a rèir an lagha, agus air an robh deagh theisteas aig na h‑Iùdhaich uile a bha a chòmhnaidh an sin,

13 Teachd am ionnsaigh, agus seasamh làimh rium, thubhairt e rium, A Shauil, a bhràthair, faigh do fhradharc. Agus air an uair sin fhèin dh’amhairc mi suas air.

14 Agus thubhairt esan, Thagh Dia ar n‑athraichean ro‑làimh thusa, a‑chum gun gabhadh tu eòlas air a thoil, agus gum faiceadh tu an t‑Aon cothromach sin, agus gun cluinneadh tu guth as a bheul.

15 Oir bidh tu ad fhianais aige a‑chum nan uile dhaoine, air na nithean a chunnaic agus a chuala tu.

16 Agus a‑nis carson a tha thu a’ dèanamh moille? Eirich, agus bi air do bhaisteadh, agus ionnlaid uat do pheacaidhean, a’ gairm air ainm an Tighearna.

17 Agus thàrladh, nuair a thill mise gu Ierusalem, agus a bha mi a’ dèanamh ùrnaigh anns an teampall, gun deachaidh mi ann an neul,

18 Agus gum faca mi Esan ag ràdh rium, Dèan deifir, agus imich gu grad à Ierusalem; oir cha ghabh iad rid theisteas mum thimcheall-sa.

19 Agus thubhairt mise, A Thighearna, tha fhios aca gu robh mise a’ tilgeadh ann am prìosan, agus a’ sgiùrsadh anns gach sionagog, an dream a chreid annadsa:

20 Agus nuair a dhòirteadh fuil do mhartaraich, Stèphen, bha mise mar an ceudna am sheasamh an làthair, agus ag aontachadh le a mharbhadh, agus a’ coimhead aodach na muinntir a mharbh e.

21 Agus thubhairt e rium, Imich: oir cuiridh mise thu am fad a‑chum nan Cinneach.

22 Agus dh’èisd iad ris gus am facal seo, agus thog iad an sin an guth gu h‑àrd, ag ràdh, Beir on talamh a leithid seo de dhuine; oir cha chòir e a bhith beò.

23 Agus nuair a bha iadsan ag èigheach agus a’ tilgeadh dhiubh an aodaich, agus a’ tilgeadh luaithre anns an adhar,

24 Dh’àithn an t‑àrd-cheannard esan a thoirt don chaisteal ag òrdachadh a cheasnachadh le a sgiùrsadh; a‑chum gum faigheadh e fios ciod i a’ choire mun robh iad a’ glaodhaich mar sin na aghaidh.

25 Agus nuair a bha iad ga cheangal le iallan, thubhairt Pòl ris a’ cheannard-cheud a sheas an làthair, A bheil e ceadaichte dhuibhse duine a tha na Ròmanach a sgiùrsadh, agus gun e air a dhìteadh?

26 Agus nuair a chuala an ceannard-ceud seo, dh’imich e agus dh’innis e don àrd-cheannard, ag ràdh, Thoir fa‑near ciod a nì thu: oir is Ròmanach an duine seo.

27 An sin thàinig an t‑àrd-cheannard da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Innis dhòmhsa, an Ròmanach thu? Agus thubhairt esan, Is eadh.

28 Agus fhreagair an t‑àrd-cheannard, Is mòr an t‑suim air an do cheannaich mise an t‑saorsa seo. Agus thubhairt Pòl, Ach rugadh mise saor.

29 An sin dh’imich iadsan uaithe air ball a bha gus a cheasnachadh: agus ghabh an t‑àrd-cheannard mar an ceudna eagal nuair a thuig e gum bu Ròmanach e, agus a chionn gun do cheangail e e.

30 Agus air an là màireach, air dha a bhith togarrach air fios cinnteach fhaotainn ciod i a’ choire a bha na h‑Iùdhaich a’ cur as a leth, dh’fhuasgail e e o a chuibhrichean, agus dh’àithn e do na h‑àrd-shagartan agus dan comhairle uile teachd an làthair, agus air dha Pòl a thoirt sìos, chuir e nam fianais e.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan