Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Gnìomharan 18 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An dèidh nan nithean seo, dh’fhàg Pòl baile na h‑Aithne, agus thàinig e gu Corintus;

2 Agus fhuair e Iùdhach àraidh dom b’ainm Acuila, a rugadh ann am Pontas, air ùr‑theachd as an Eadailt, maille ra mhnaoi Priscila (a chionn gun d’òrdaich Claudius do na h‑Iùdhaich uile an Ròimh fhàgail), agus thàinig e dan ionnsaigh.

3 Agus a chionn gu robh e a dh’aon cheàird riu, dh’fhan e maille riu, agus bha e ag obair (oir bu cheàird dhaibh a bhith a’ dèanamh phàilleanan).

4 Agus thagair e anns an t‑sionagog gach aon là sàbaid, agus chuir e impidh air Iùdhaich agus Greugaich.

5 Agus nuair a thàinig Silas agus Timòteus o Mhacedònia, bha Pòl air a theannadh na spiorad, agus rinn e fianais do na h‑Iùdhaich gum b’e Iosa an Crìosd.

6 Agus nuair a chuir iad na aghaidh, agus a labhair iad toibheum, chrath e a aodach, agus thubhairt e riu, Biodh ur fuil air ur ceann fhèin; tha mise glan: à seo suas thèid mi a‑chum nan Cinneach.

7 Agus chaidh e as a sin, agus thàinig e gu taigh duine àraidh dom b’ainm Iustus, a bha a’ dèanamh adhraidh do Dhia agus aig an robh a thaigh làimh ris an t‑sionagog.

8 Agus chreid Crispus, prìomh-uachdaran an t‑sionagoig, anns an Tighearna, maille ra theaghlach uile: agus chreid mòran de na Corintianaich, air dhaibh èisdeachd ris, agus bhaisteadh iad.

9 An sin thubhairt an Tighearna ri Pòl ann an sealladh anns an oidhche, Na biodh eagal ort, ach labhair, agus na bi ad thosd:

10 Oir tha mise maille riut, agus cha toir duine sam bith ionnsaigh ort, a‑chum do chron a dhèanamh: oir tha mòr-shluagh agamsa anns a’ bhaile seo.

11 Agus dh’fhan e bliadhna agus sia mìosan an sin, a’ teagasg facal Dhè nam measg.

12 Agus nuair a bha Galio na uachdaran air Achaia, dh’èirich na h‑Iùdhaich a dh’aon inntinn an aghaidh Phòil, agus thug iad e gu cathair a’ bhreitheanais;

13 Ag ràdh, Tha an duine seo a’ comhairleachadh dhaoine adhradh a dhèanamh do Dhia an aghaidh an lagha.

14 Agus nuair a bha Pòl a’ dol a dh’fhosgladh a bheòil, thubhairt Galio ris na h‑Iùdhaich, Nam b’eucoir no droch ghnìomh a bhiodh ann, O Iùdhacha, bu reusonta gun giùlaininn leibh:

15 Ach mas ceist a tha ann mu thimcheall fhacal agus ainmean, agus ur lagha fhèin, amhaircibh fhèin air a sin; oir chan àill leamsa a bhith am bhritheamh air an leithid sin de nithean.

16 Agus dh’fhuadaich e iad o chathair a’ bhreitheanais.

17 An sin rug na Greugaich uile air Sostenes, uachdaran an t‑sionagoig, agus ghabh iad air an làthair cathair a’ bhreitheanais: agus cha do ghabh Galio suim de nì sam bith dhiubh sin.

18 Agus dh’fhan Pòl fhathast ùine mhath anns a’ bhaile sin, agus an sin an dèidh a chead a ghabhail de na bràithrean, chaidh e air luing o sin gu Siria, agus maille ris-san Priscila agus Acuila; an dèidh a cheann a bhearradh ann an Cenchrèa, oir bha bòid air.

19 Agus thàinig e gu Ephesus, agus dh’fhàg e iadsan an sin: ach chaidh e fhèin a‑steach don t‑sionagog, agus reusonaich e ris na h‑Iùdhaich.

20 Agus nuair a dh’iarr iad air fuireach maille riu na b’fhaide, cha d’aontaich e:

21 Ach ghabh e a chead dhiubh, ag ràdh, Is èiginn dhomh, air gach aon chor, an fhèill seo a tha a’ teachd a choimhead ann an Ierusalem: ach tillidh mi a‑rìs dur n‑ionnsaigh-se, mas toil le Dia. Agus sheòl e o Ephesus.

22 Agus thàinig e gu tìr aig Cesarèa, agus air dha dol suas agus fàilte a chur air an eaglais, chaidh e sìos gu Antioch.

23 Agus nuair a dh’fhan e rè tamaill an sin, dh’imich e, agus chaidh e ann an òrdagh tro thìr Ghalàtia uile agus Phrigia, a’ neartachadh nan deisciobal uile.

24 Agus thàinig gu Ephesus Iùdhach àraidh dom b’ainm Apollos, a rugadh ann an Alecsandria, duine deas-bhriathrach, agus cumhachdach anns na sgriobtairean.

25 Bha an duine seo air a theagasg ann an slighe an Tighearna; agus air dha a bhith dian na spiorad, labhair agus theagaisg e gu dìcheallach na nithean a bhuineadh don Tighearna, agus gun eòlas aige ach air baisteadh Eòin.

26 Agus thòisich e air labhairt gu dàn anns an t‑sionagog. Agus air do Acuila agus do Phriscila a chluinntinn, ghabh iad dan ionnsaigh e, agus mhìnich iad dha slighe Dhè na bu choileanta.

27 Agus nuair bu mhiann leis dol gu Achaia, an dèidh a chomhairleachadh, sgrìobh na bràithrean a‑chum nan deisciobal iad a ghabhail ris: neach, air dha teachd, a rinn còmhnadh mòr riùsan a chreid tre ghràs:

28 Oir le mòr-dhìcheall rinn e deasbaireachd ris na h‑Iùdhaich gu follaiseach, a’ dearbhadh leis na sgriobtairean gur e Iosa an Crìosd.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan