Gnìomharan 15 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus theagaisg dream àraidh, a thàinig a‑nuas o Iudèa, na bràithrean, ag ràdh, Mura timcheall-ghearrar sibh a rèir gnàth Mhaois, chan eil e an comas dhuibh a bhith air ur tèarnadh. 2 Uime sin air do Phòl agus do Bharnabas connsachadh agus deasbaireachd nach bu bheag a bhith aca riu, dh’òrdaich iad Pòl agus Barnabas, agus dream àraidh eile dhiubh fhèin, a dhol suas a‑chum nan abstol agus nan seanairean gu Ierusalem mu thimcheall na ceiste seo. 3 Agus air dhaibh a bhith air an toirt air an aghaidh leis an eaglais, chaidh iad tro Phenice, agus Shamaria, a’ cur an cèill iompachadh nan Cinneach: agus thug iad aoibhneas mòr do na bràithrean uile. 4 Agus nuair a thàinig iad gu Ierusalem, ghabhadh riu leis an eaglais, agus na h‑abstoil, agus na seanairean, agus dh’innis iad meud nan nithean a rinn Dia leòsan. 5 Ach dh’èirich dream àraidh de bharail nam Pharasach a bha nan creidmhich, ag ràdh gur còir an timcheall-ghearradh, agus ag àithneadh dhaibh lagh Mhaois a choimhead. 6 Agus thàinig na h‑abstoil agus na seanairean an ceann a chèile a dh’fheuchainn mun chùis seo. 7 Agus an dèidh mòran deasbaireachd, dh’èirich Peadar agus thubhairt e riu, Fheara agus a bhràithrean, tha fhios agaibh o chionn fhada gun do roghnaich Dia nar measg-ne, om bheul-sa gun cluinneadh na Cinnich facal an t‑soisgeil, agus gun creideadh iad: 8 Agus rinn an Dia don aithne an cridhe fianais dhaibh, a’ tabhairt an Spioraid Naoimh dhaibh, mar a thug e dhuinne; 9 Agus cha do rinn e eadar-dhealachadh eadar sinne agus iadsan, a’ glanadh an cridhe le creideamh. 10 Carson uime sin a‑nis a tha sibh a’ brosnachadh Dhè, le cuing a chur air muineal nan deisciobal, nach robh aon chuid ar n‑athraichean no sinne comasach air a ghiùlan? 11 Gidheadh tha sinn a’ creidsinn, tre ghràs on Tighearna Iosa Crìosd, gun saorar sinn amhail mar iadsan. 12 An sin dh’fhan a’ chuideachd uile nan tosd, agus thug iad èisdeachd do Bharnabas agus do Phòl, ag innse meud nan comharraidhean agus nam mìorbhailean a rinn Dia leòsan am measg nan Cinneach. 13 Agus an dèidh dhaibh a bhith nan tosd, fhreagair Seumas, ag ràdh. Fheara agus a bhràithrean, èisdibh riumsa: 14 Chuir Simeon an cèill cionnas a dh’fhiosraich Dia na Cinnich air tùs le poball a ghabhail as am measg da ainm fhèin. 15 Agus dha seo tha briathran nam fàidhean a’ co‑fhreagairt; a rèir mar a tha e sgrìobhte: 16 An dèidh seo tillidh mi, agus togaidh mi suas a‑rìs pàillean Dhaibhidh, a tha air tuiteam; agus togaidh mi a‑rìs an nì a thuit dheth, agus cuiridh mi suas e: 17 A‑chum gun iarr fuidheall nan daoine an Tighearna, agus na h‑uile Chinnich, air an goirear m’ainm-sa, tha an Tighearna ag ràdh, a tha a’ dèanamh nan nithean seo uile. 18 Aithnichte do Dhia tha a obraichean fhèin uile o thoiseach an t‑saoghail. 19 Uime sin is i mo bhreith-sa nach cuir sinn mì‑shuaimhneas orrasan de na Cinnich a tha air tilleadh a‑chum Dhè: 20 Ach gun sgrìobh sinn dan ionnsaigh, iad a sheachnadh truaillidheachd iodhalan, agus strìopachais, agus nì tachdte, agus fala. 21 Oir tha aig Maois o na linntean cian anns gach baile daoine a tha ga shearmonachadh, air dha a bhith air a leughadh gach là sàbaid anns na sionagogan. 22 An sin chunnacas iomchaidh do na h‑abstoil, agus do na seanairean, maille ris an eaglais uile, daoine taghte dhiubh fhèin a chur gu Antioch, maille ri Pòl agus Barnabas; eadhon, Iùdas don co‑ainm Barsabas, agus Silas, daoine inbheach am measg nam bràithrean: 23 Agus sgrìobh iad litrichean leo air an dòigh seo, Tha na h‑abstoil, agus na seanairean, agus na bràithrean, a’ cur beannachd a‑chum nam bràithrean de na Cinnich a tha ann an Antioch, agus ann an Siria, agus ann an Cilicia: 24 Do bhrìgh gun cuala sinne gun do chuir dream àraidh a chaidh uainne mì‑shuaimhneas oirbh le briathran, ag atharrachadh ur n‑inntinn, ag ràdh gur còir dhuibh a bhith air ur timcheall-ghearradh, agus an lagh a choimhead; do nach tug sinne a leithid sin a dh’àithne: 25 Chunnacas iomchaidh dhuinn, air dhuinn a bhith cruinn a dh’aon toil, daoine taghte a chur dur n‑ionnsaigh-se, maille ri ar bràithrean gràdhach Barnabas agus Pòl; 26 Daoine a thug an anaman fhèin airson ainm ar Tighearna Iosa Crìosd. 27 Chuir sinn uime sin Iùdas agus Silas uainn, a dh’innseas dhuibh na nithean ceudna le cainnt bheòil. 28 Oir chunnacas iomchaidh don Spiorad Naomh agus dhuinne gun nì air bith tuilleadh a chur oirbh a dh’uallach ach na nithean feumail seo; 29 Sibh a sheachnadh nithean a chaidh ìobradh do iodhalan, agus fala, agus nì tachdte, agus strìopachais: uapa seo ma choimheadas sibh sibh fhèin, nì sibh gu math. Slàn leibh. 30 Uime sin nuair a leigeadh uapa iad, thàinig iad gu Antioch: agus air cruinneachadh an t‑sluaigh dhaibh, thug iad seachad an litir. 31 Agus nuair a leugh iad sin, rinn iad gàirdeachas airson an comhfhurtachd. 32 Agus air a bhith do Iùdas agus do Shilas nam fàidhean iad fhèin, le mòran bhriathran dh’earalaich agus neartaich iad na bràithrean. 33 Agus air fuireach rè ùine dhaibh, leigeadh air falbh ann an sìth iad o na bràithrean a‑chum nan abstol. 34 Gidheadh chunnacas iomchaidh do Shilas còmhnaidh a dhèanamh an sin. 35 Dh’fhan Pòl mar an ceudna agus Barnabas ann an Antioch, a’ teagasg agus a’ searmonachadh facal an Tighearna, maille ri mòran eile mar an ceudna. 36 Agus an dèidh làithean àraidh, thubhairt Pòl ri Barnabas, Tilleamaid agus faiceamaid ar bràithrean anns gach baile anns an do shearmonaich sinn facal an Tighearna, cionnas a tha iad. 37 Agus b’àill le Barnabas iad a thoirt Eòin, don co‑ainm Marcus, leo. 38 Ach cha do mheas Pòl gum bu chòir dhaibh esan a dh’fhalbh uapa o Phamphilia, agus nach deachaidh maille riu a‑chum na h‑obrach, a thoirt leo. 39 Dh’èirich uime sin connspaid eatorra cho dian is gun do sgaradh o chèile iad: agus mar sin thug Barnabas leis Marcus, agus chaidh e air luing gu Cìprus; 40 Ach thagh Pòl Silas, agus dh’imich e, air dha a bhith air earbsa ri gràs Dhè leis na bràithrean. 41 Agus shiubhail e tro Shiria agus Chilicia, a’ daingneachadh nan eaglaisean. |