Gnìomharan 14 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thàrladh ann an Iconium gun deachaidh iad araon a‑steach do shionagog nan Iùdhach, agus gun do labhair iad air chor is gun do chreid cuideachd mhòr de na h‑Iùdhaich, agus mar an ceudna de na Greugaich. 2 Ach bhrosnaich na h‑Iùdhaich mhì-chreidmheach, agus lìon iad de dhroch rùn, inntinn nan Cinneach an aghaidh nam bràithrean. 3 Uime sin dh’fhan iad aimsir fhada a’ labhairt gu dàn mu thimcheall an Tighearna, a rinn fianais do fhacal a ghràis, agus a thug fa‑near comharraidhean agus mìorbhailean a bhith air an dèanamh len làmhan-san. 4 Ach bha sluagh a’ bhaile air an roinn: agus bha cuid dhiubh leis na h‑Iùdhaich, agus cuid eile leis na h‑abstoil. 5 Agus nuair a thugadh ionnsaigh araon leis na Cinnich, agus mar an ceudna leis na h‑Iùdhaich, maille rin uachdarain, a‑chum iadsan a mhaslachadh agus a chlachadh; 6 Nuair a thuig iadsan seo, theich iad gu Listra agus Derbe, bailtean de Licaonia, agus a‑chum na dùthcha mun cuairt: 7 Agus bha iad a’ searmonachadh an t‑soisgeil an sin. 8 Agus bha ann an Listra duine àraidh gun lùths na chasan na shuidhe, a bha bacach o bhroinn a mhàthar, neach nach d’imich riamh: 9 Chuala esan Pòl a’ labhairt: neach air dha amharc gu geur air, agus a thuigsinn gu robh creideamh aige a‑chum a bhith air a leigheas. 10 Thubhairt e le guth àrd, Seas suas gu dìreach air do chasan. Agus leum esan agus dh’imich e. 11 Agus nuair a chunnaic an sluagh an nì a rinn Pòl, thog iad an guth, ag ràdh ann an cànain Licaonia, Tha na diathan air teachd a‑nuas ann an coslas dhaoine dar n‑ionnsaigh-ne. 12 Agus ghoir iad de Bharnabas, Iupiter; agus de Phòl, Mercurius, do bhrìgh gum b’e am prìomh fhear-labhairt e. 13 An sin thug sagart Iupiteir, a bha fa chomhair an cathrach-san, tairbh agus blàth-fhleasgan a‑chum nan geatachan, agus b’àill leis ìobairt a dhèanamh maille ris an t‑sluagh. 14 Ach nuair a chuala na h‑abstoil Barnabas agus Pòl seo, reub iad an aodach, agus ruith iad a‑steach am measg an t‑sluaigh, ag èigheach, 15 Agus ag ràdh, A dhaoine, carson a tha sibh a’ dèanamh nan nithean seo? Oir is daoine sinne aig a bheil co‑aigne ribh fhèin, a’ searmonachadh dhuibhse tilleadh o na nithean dìomhain sin a‑chum an Dè bheò, a rinn nèamh agus an talamh, agus an cuan, agus na h‑uile nithean a tha annta: 16 Neach anns na linntean a chaidh seachad, a dh’fhuiling do na h‑uile Chinnich imeachd nan slighean fhèin. 17 Gidheadh, cha d’fhàg e e fhèin gun fhianais, a’ dèanamh maith, agus a’ toirt dhuinn uisge o nèamh, agus aimsirean tairbheach, a’ lìonadh ar cridheachan le biadh agus le subhachas. 18 Agus ag ràdh nan nithean seo dhaibh, is gann a chùm iad an sluagh gun ìobairt a dhèanamh dhaibh. 19 Agus thàinig Iùdhaich o Antioch agus o Iconium, agus chomhairlich iad an sluagh, agus air dhaibh Pòl a chlachadh, tharraing iad a‑mach as a’ bhaile e, a’ saoilsinn gu robh e marbh. 20 Ach air seasamh do na deisciobail ma thimcheall, dh’èirich e, agus chaidh e a‑steach don bhaile; agus air an là màireach dh’imich e maille ri Barnabas gu Derbe. 21 Agus nuair a shearmonaich iad an soisgeul don bhaile sin, agus a rinn iad mòran dheisciobal, thill iad gu Listra, agus Iconium, agus Antioch, 22 A’ neartachadh anaman nan deisciobal, agus ag earalachadh orra buanachadh anns a’ chreideamh, agus a’ teagasg gur ann tre iomadh àmhghar as èiginn dhuinn dol a‑steach do rìoghachd Dhè. 23 Agus nuair a dh’òrdaich iad seanairean dhaibh anns gach eaglais, agus a rinn iad ùrnaigh maille ri trasgadh, dh’earb iad iad ris an Tighearna, anns an do chreid iad. 24 Agus an dèidh dhaibh dol tro Phisidia, thàinig iad gu Pamphilia. 25 Agus air dhaibh am facal a labhairt ann am Perga, chaidh iad sìos gu Atàlia: 26 Agus sheòl iad as a sin gu Antioch, an t‑àit on d’earbadh iad ri gràs Dhè, a‑chum na h‑obrach a choilean iad. 27 Agus nuair a thàinig iad, agus a chruinnich iad an eaglais an ceann a chèile, dh’aithris iad meud nan nithean a rinn Dia leo, agus gun d’fhosgail e doras creidimh do na Cinnich. 28 Agus dh’fhan iad an sin aimsir nach bu bheag maille ris na deisciobail. |