Gnìomharan 11 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus chuala na h‑abstoil agus na bràithrean a bha ann an Iudèa gun do ghabh na Cinnich mar an ceudna ri facal Dhè. 2 Agus nuair a chaidh Peadar suas gu Ierusalem, rinn iadsan a bha den timcheall-ghearradh connspaid ris, 3 Ag ràdh, Chaidh thu a‑steach a dh’ionnsaigh dhaoine nach robh air an timcheall-ghearradh, agus dh’ith thu maille riu. 4 Agus thòisich Peadar, agus chuir e an t‑iomlan an cèill dhaibh an òrdagh, ag ràdh, 5 Bha mi ann am baile Iopa ri ùrnaigh; agus ann an neul chunnaic mi sealladh, soitheach àraidh a’ teachd a‑nuas, mar bhraith-lìn mhòir, air a leigeadh a‑nuas o nèamh air a ceithir oisnean; agus thàinig i am ionnsaigh-sa. 6 Agus air dhomh beachdachadh gu geur oirre, thug mi fa‑near, agus chunnaic mi beathaichean ceithir-chasach na talmhainn, agus na fiadh-bheathaichean, agus na biasdan-snàigeach, agus eunlaith an adhair. 7 Agus chuala mi guth ag ràdh rium, Eirich, a Pheadair; marbh agus ith. 8 Ach thubhairt mise, Chan eadh, a Thighearna: oir cha deachaidh riamh aon nì coitcheann no neòghlan a‑steach dom bheul. 9 Ach fhreagair an guth mi an dara uair o nèamh, Na nithean a ghlan Dia na meas thusa neòghlan. 10 Agus rinneadh seo trì uairean: agus thogadh an t‑iomlan a‑rìs suas gu nèamh. 11 Agus, feuch, air ball bha triùir dhaoine air teachd a‑chum an taighe anns an robh mi, a chuireadh o Chesarèa am ionnsaigh. 12 Agus thubhairt an Spiorad rium dol maille riu, gun amharas air bith a bhith orm. Agus chaidh mar an ceudna an t‑sianar bhràithrean seo maille rium, agus chaidh sinn a‑steach do thaigh an duine: 13 Agus nochd e dhuinn cionnas a chunnaic e aingeal na sheasamh na thaigh, a thubhairt ris, Cuir daoine gu Iopa, agus cuir fios air Sìmon, don co‑ainm Peadar; 14 Neach a labhras briathran riut, leis an tèarnar thu fhèin agus do thaigh uile. 15 Agus nuair a thòisich mi air labhairt, thùirling an Spiorad Naomh orrasan, mar oirnne air tùs. 16 An sin chuimhnich mise facal ar Tighearna, mar a thubhairt e, Bhaist Eòin gun amharas le uisge; ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh. 17 Uime sin ma thug Dia dhaibhsan a cho-ionnan tìodhlac rinne, a chreid anns an Tighearna Iosa Crìosd, cò mise gum bithinn comasach bacadh a chur air Dia? 18 Agus nuair a chuala iad na nithean seo, thosd iad, agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Thug Dia mas eadh mar an ceudna do na Cinnich aithreachas a‑chum na beatha. 19 A‑nis chaidh iadsan a sgapadh a‑mach leis an àmhghar a dh’èirich airson Stèphein gu ruig Phenice, agus Cìprus, agus Antioch, gun am facal a labhairt ri aon neach ach ris na h‑Iùdhaich a‑mhàin. 20 Agus bha cuid dhiubh o Chìprus, agus o Chirène, dream air dhaibh dol a‑steach do Antioch, a labhair ris na Greugaich, a’ searmonachadh an Tighearna Iosa. 21 Agus bha làmh an Tighearna maille riu: agus chreid àireamh mhòr, agus thill iad a‑chum an Tighearna. 22 Agus thàinig sgeul air na nithean sin gu cluasan na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus chuir iad Barnabas uapa, a‑chum gu rachadh e gu Antioch: 23 Neach nuair a thàinig e, agus a chunnaic e gràs Dhè, a rinn gàirdeachas, agus a dh’earalaich orra uile gun dlùth-leanadh iad ris an Tighearna le rùn cridhe. 24 Oir bha e na dhuine math, agus làn den Spiorad Naomh, agus de chreideamh. Agus chuireadh sluagh mòr ris an Tighearna. 25 An sin chaidh Barnabas gu Tarsas a dh’iarraidh Shauil. 26 Agus air dha a fhaotainn, thug e leis e gu Antioch. Agus thàrladh gu robh iad rè bliadhna iomlain air an cruinneachadh maille ris an eaglais, agus gun do theagaisg iad sluagh mòr. Agus ghoireadh Crìosdaidhean de na deisciobail air tùs ann an Antioch. 27 Agus anns na làithean sin thàinig fàidhean o Ierusalem gu Antioch. 28 Agus air seasamh suas do aon dhiubh dom b’ainm Agabus, dh’fhoillsich e tron Spiorad gum biodh gorta mhòr air feadh an domhain uile: nì mar an ceudna a thachair ri linn Chlaudiuis Chèasair. 29 An sin chuir gach aon de na deisciobail roimhe, a rèir a chomais, còmhnadh a chur a‑chum nam bràithrean a bha a chòmhnaidh ann an Iudèa. 30 Nì mar an ceudna a rinn iad, agus chuir iad e a‑chum nan seanairean le làimh Bharnabais agus Shauil. |