Genesis 9 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus bheannaich Dia Nòah agus a mhic, agus thubhairt e riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh. 2 Agus bidh ur n‑eagal agus ur fiamh-se air uile bheathaichean na talmhainn, agus air uile eunlaith nan speur, air gach nì a ghluaiseas air an talamh, agus air uile èisg na mara; dur làimh-se tha iad air an tabhairt. 3 Bidh gach nì gluasadach, a tha beò, dhuibh mar bhiadh; amhail mar an luibh ghorm thug mi dhuibh na h‑uile nithean. 4 Ach feòil maille ra beatha, eadhon a fuil, chan ith sibh. 5 Agus gu deimhinn fuil ur beatha-se iarraidh mise; air làimh gach beathaich iarraidh mi i, agus air làimh an duine; air làimh bràthair gach duine iarraidh mi beatha an duine. 6 Ge bè a dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear a fhuil-san: oir ann an dealbh Dhè rinn e an duine. 7 Agus bithibh-se sìolmhor, agus fàsaibh lìonmhor; ginibh air an talamh, agus fàsaibh lìonmhor ann. 8 Agus labhair Dia ri Nòah, agus ra mhic maille ris, ag ràdh, 9 Agus mise, feuch, daingnichidh mi mo choicheangal ribhse, agus ri ur sliochd nur dèidh; 10 Agus ris gach uile chreutair beò a tha maille ribh, de eunlaith, de sprèidh, agus de uile bheathaichean na talmhainn maille ribh; o gach uile a tha a’ dol a‑mach as an àirc, gu uile bheathaichean na talmhainn. 11 Agus daingnichidh mi mo choicheangal ribh; agus cha sgriosar gach uile fheòil tuilleadh le uisgeachan na dìle; agus cha bhi dìle ann nas mò a sgrios na talmhainn. 12 Agus thubhairt Dia, Seo comharradh a’ choicheangail a tha mi a’ toirt eadar mise agus sibhse agus gach creutair beò a tha maille ribh, air feadh ghinealaichean sìorraidh: 13 Mo bhogha cuiridh mi anns an neul, agus bidh e na chomharradh coicheangail eadar mise agus an talamh. 14 Agus tàrlaidh, nuair a bheir mi neul os cionn na talmhainn, gum faicear am bogha anns an neul: 15 Agus cuimhnichidh mi mo choicheangal, a tha eadar mise agus sibhse agus gach creutair beò den uile fheòil; agus chan fhàs nas mò na h‑uisgeachan nan dìle a sgrios gach uile fheòla. 16 Agus bidh am bogha anns an neul; agus amhaircidh mi air, a‑chum is gun cuimhnich mi an coicheangal sìorraidh eadar Dia agus gach creutair beò den uile fheòil a tha air an talamh. 17 Agus thubhairt Dia ri Nòah, Seo comharradh a’ choicheangail, a dhaingnich mi eadar mi fhèin agus gach uile fheòil a tha air an talamh. 18 Agus b’iad mic Nòah a chaidh a‑mach as an àirc, Sem agus Ham agus Iàphet: agus b’e Ham athair Chanàain. 19 Is iad sin triùir mhac Nòah: agus leo sin lìonadh an talamh uile. 20 Agus thòisich Nòah air a bhith na fhear-saothrachaidh na talmhainn, agus shuidhich e fìonlios: 21 Agus dh’òl e den fhìon, agus bha e air mhisg: agus bha e lomnochd a‑staigh na bhùth. 22 Agus chunnaic Ham, athair Chanàain, nochd a athar, agus dh’innis e da dhà bhràthair a‑muigh. 23 Agus ghabh Sem agus Iàphet brat, agus chuir iad le chèile air an guaillean e, agus chaidh iad an comhair an cùil, agus chòmhdaich iad nochd an athar; agus bha an aghaidhean air an ais, agus chan fhaca iad nochd an athar. 24 Agus dhùisg Nòah o a fhìon, agus thuig e ciod a rinn a mhac a b’òige air. 25 Agus thubhairt e, Mallaichte gu robh Canàan; na sheirbhiseach nan seirbhiseach bidh e da bhràithrean. 26 Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh Tighearna Dia Sheim; agus bidh Canàan na sheirbhiseach dha. 27 Nì Dia Iàphet farsaing, agus còmhnaichidh e ann am bùthan Sheim; agus bidh Canàan na sheirbhiseach dha. 28 Agus bha Nòah beò an dèidh na dìle trì cheud agus lethcheud bliadhna. 29 Agus b’iad uile làithean Nòah naoi ceud agus lethcheud bliadhna: agus fhuair e bàs. |