Genesis 44 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus dh’àithn e do fhear-riaghlaidh a thaighe, ag ràdh, Lìon saic nan daoine le sìol, a mheud agus as urrainn iad a ghiùlan, agus cuir airgead gach duine am beul a shaic. 2 Agus cuir mo chupan-sa, an cupan airgid, ann am beul sac an fhir as òige, agus airgead a shìl. Agus rinn e a rèir an fhacail a labhair Iòseph. 3 Cho luath is a bha a’ mhadainn soilleir, chuireadh na daoine air falbh, iad fhèin agus an asail. 4 Agus nuair a chaidh iad a‑mach as a’ bhaile, agus gun iad fhathast fada o làimh, thubhairt Iòseph ri fear-riaghlaidh a thaighe, Eirich, lean na daoine; agus nuair a bheireas tu orra, abair riu, Carson a dhìol sibh olc an èirig maith? 5 Nach e seo an cupan as a bheil mo thighearna ag òl, agus leis a bheil e da‑rìribh a’ dèanamh fiosachd? Is olc a fhuaireadh sibh seo a dhèanamh. 6 Agus rug e orra, agus labhair e riu na briathran ceudna. 7 Agus thubhairt iad ris, Carson a labhras mo thighearna na briathran seo? Nar leigeadh Dia gun dèanadh do sheirbhisich a rèir an nì seo: 8 Feuch, an t‑airgead a fhuair sinn ann am beul ar sac, thug sinn a‑rìs ad ionnsaigh à tìr Chanàain; cionnas, uime sin, a ghoideamaid airgead no òr à taigh do thighearna? 9 Ge bè air bith ded sheirbhisich aig am faighear e, cuirear gu bàs esan, agus bidh sinne mar an ceudna nar tràillean aig mo thighearna. 10 Agus thubhairt e, A‑nis, matà, biodh e a rèir ur briathar: bidh esan aig am faighear e na sheirbhiseach agamsa; agus bidh sibhse neo-choireach. 11 An sin thug iad a‑nuas, gu grad, gach duine a shac fhèin gu làr, agus dh’fhosgail gach duine a shac. 12 Agus rannsaich esan, agus thòisich e aig an fhear a bu shine, agus sguir e aig an fhear a b’òige: agus fhuaireadh an cupan ann an sac Bheniàmin. 13 An sin reub iad an aodach, agus chuir gach duine a shac air a asail, agus thill iad don bhaile. 14 Agus thàinig Iùdah agus a bhràithrean do thaigh Iòseiph (oir bha e fhathast an sin), agus thuit iad sìos na fhianais air an làr. 15 Agus thubhairt Iòseph riu, Ciod e an gnìomh seo a rinn sibh? Nach robh fhios agaibh gur aithne dom leithid-sa de dhuine da‑rìribh fiosachd a dhèanamh? 16 Agus thubhairt Iùdah, Ciod a their sinn rim thighearna? Cionnas a labhras sinn? No cionnas a ghlanas sinn sinn fhèin? Fhuair Dia a‑mach aingidheachd do sheirbhiseach; feuch, tha sinn nar seirbhisich dom thighearna, araon sinn, agus esan mar an ceudna aig an d’fhuaireadh an cupan. 17 Agus thubhairt e, Nar leigeadh Dia gun dèanainn-sa seo: ach an duine aig an d’fhuaireadh an cupan, bidh esan na sheirbhiseach agamsa; agus dur taobh-se, rachaibh suas ann an sìth a dh’ionnsaigh ur n‑athar. 18 An sin thàinig Iùdah am fagas dha, agus thubhairt e, Och mo thighearna, leig led sheirbhiseach, guidheam ort, facal a labhairt ann an cluasan mo thighearna, agus na lasadh d’fhearg an aghaidh do sheirbhisich: oir is amhail thusa agus Phàraoh. 19 Dh’fheòraich mo thighearna da sheirbhisich, ag ràdh, A bheil athair agaibh, no bràthair? 20 Agus thubhairt sinne rim thighearna, Tha athair againn, seann duine, agus leanabh a sheann aoise, maothran: agus tha a bhràthair marbh, agus dh’fhàgadh esan na aonar de chloinn a mhàthar, agus tha gràdh aig a athair air. 21 Agus thubhairt thu rid sheirbhisich, Thugaibh a‑nuas e am ionnsaigh-sa, a‑chum is gun socraich mi mo shùilean air. 22 Agus thubhairt sinne rim thighearna, Chan fhaod an leanabh a athair fhàgail: oir nam fàgadh e a athair, gheibheadh a athair bàs. 23 Agus thubhairt thusa rid sheirbhisich, Mura tig ur bràthair as òige a‑nuas maille ribh, chan fhaic sibh m’aghaidh-sa nas mò. 24 Agus nuair a chaidh sinne suas a dh’ionnsaigh do sheirbhisich, m’athair, dh’innis sinn dha facail mo thighearna. 25 Agus thubhairt ar n‑athair, Rachaibh a‑rìs, ceannaichibh dhuinn beagan bìdh. 26 Agus thubhairt sinne, Chan fhaod sinn dol sìos: ma bhios ar bràthair as òige maille rinn, an sin thèid sinn sìos; oir chan fhaod sinn aghaidh an duine fhaicinn, mura bi ar bràthair as òige maille rinn. 27 Agus thubhairt do sheirbhiseach, m’athair, rinn, Tha fhios agaibh gun do rug mo bhean dithis mhac dhomh: 28 Agus chaidh aon dhiubh a‑mach uam, agus thubhairt mi, Gu cinnteach reubadh na bhloighdean e; agus chan fhaca mi o sin e: 29 Agus ma bheir sibh am mac seo uam mar an ceudna, agus gun tig tubaist air, bheir sibh sìos m’fhalt liath le bròn don uaigh. 30 A‑nis uime sin, nuair a thig mise a dh’ionnsaigh do sheirbhisich, m’athair, gun an leanabh maille rinn (do bhrìgh gu bheil a anam-san ceangailte ann an anam an leinibh); 31 Tàrlaidh, nuair a chì e nach eil an leanabh maille rinn, gum faigh e bàs: agus bheir do sheirbhiseach sìos falt liath do sheirbhisich, ar n‑athair, le bròn don uaigh. 32 Oir chaidh do sheirbhiseach an urras airson an leinibh dom athair, ag ràdh, Mura toir mi ad ionnsaigh e, an sin bidh mi fo choire aig m’athair gu bràth. 33 A‑nis uime sin, guidheam ort, leig led sheirbhiseach fantainn an àit an leinibh, am thràill dom thighearna; agus leig leis an leanabh dol suas maille ra bhràithrean. 34 Oir cionnas a thèid mise suas a dh’ionnsaigh m’athar, agus gun an leanabh maille rium, air eagal gum faic mi an t‑olc a thig air m’athair? |