Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Genesis 41 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus an ceann dà bhliadhna iomlan chunnaic Phàraoh aisling; agus feuch, sheas e làimh ris an abhainn:

2 Agus, feuch, thàinig a‑nìos as an abhainn seachd bà, sgiamhach rim faicinn, agus reamhar ann am feòil; agus bha iad ag ionaltradh ann am mìn-fheur,

3 Agus, feuch, thàinig seachd bà eile a‑nìos nan dèidh as an abhainn, grànda rim faicinn, agus caol nam feòil: agus sheas iad làimh ris na bà eile, air bruaich na h‑aibhne.

4 Agus dh’ith na bà a bha grànda rim faicinn, agus caol nam feòil, suas na seachd bà sgiamhach agus reamhar. Mar sin dhùisg Phàraoh.

5 Agus chaidil e, agus chunnaic e aisling an dara uair: agus, feuch, dh’èirich suas seachd diasan arbhair air aon choinnlein, reachdmhor agus math.

6 Agus, feuch, dh’fhàs suas nan dèidh seachd diasan caola, agus air an seargadh leis a’ ghaoith an ear.

7 Agus shluig na seachd diasan caola suas na seachd diasan reachdmhor agus làn: agus dhùisg Phàraoh, agus, feuch, b’aisling a bha ann.

8 Agus anns a’ mhadainn bha a spiorad air a bhuaireadh; agus chuir e fios uaithe, agus ghairm e uile dhraoidhean na h‑Eiphit, agus a daoine glice uile: agus dh’innis Phàraoh a aislingean dhaibh; ach cha robh neach ann a dh’eadar-mhìnicheadh iad do Phàraoh.

9 An sin labhair an t‑àrd-bhuidealair ri Phàraoh, ag ràdh, An‑diugh tha mise a’ cuimhneachadh mo lochdan:

10 Bha fearg air Phàraoh ra sheirbhisich, agus chuir e mise an làimh ann an taigh ceannard an fhreiceadain, araon mise agus an t‑àrd-fhuineadair:

11 Agus chunnaic sinn aisling anns an aon oidhche, mise agus esan: chunnaic gach fear againn aisling a rèir eadar-mhìneachadh a aislinge.

12 Agus bha an sin maille rinn òganach Eabhraidheach, seirbhiseach do cheannard an fhreiceadain; agus dh’innis sinn dha, agus dh’eadar-mhìnich e dhuinn ar n‑aislingean: do gach fear againn a rèir a aislinge dh’eadar-mhìnich e.

13 Agus mar a dh’eadar-mhìnich e dhuinn, mar sin bha e: mise chuir e a‑rìs ann am àite, agus esan chroch e.

14 Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus ghairm e Iòseph, agus thug iad le cabhaig a‑mach as an t‑sloc e: agus bheàrr e e fhèin agus mhùth e a aodach, agus thàinig e a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh.

15 Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Chunnaic mi aisling, agus chan eil neach ann a dh’eadar-mhìnicheas i: agus chuala mi air a ràdh mud thimcheall-sa, nuair a chluinneas tu aisling, gur aithne dhut a h‑eadar-mhìneachadh.

16 Agus fhreagair Iòseph Phàraoh, ag ràdh, Chan eil e annamsa: bheir Dia freagradh sìthe do Phàraoh.

17 Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Ann am aisling, feuch, sheas mi air bruaich na h‑aibhne:

18 Agus, feuch, thàinig a‑nìos as an abhainn seachd bà, reamhar am feòil, agus sgiamhach ann an cruth; agus bha iad ag ionaltradh ann am mìn-fheur;

19 Agus, feuch, thàinig seachd bà eile a‑nìos nan dèidh, bochd agus ro‑ghrànda, agus caol ann am feòil: chan fhaca mi an samhail riamh ann an uile thìr na h‑Eiphit air olcas:

20 Agus dh’ith na bà caola agus grànda suas na ciad seachd bà reamhar:

21 Agus nuair a dh’ith iad suas iad chan aithnichte orra gun d’ith iad iad; ach bha iad grànda rim faicinn, mar an toiseach. An sin dhùisg mi.

22 Agus chunnaic mi am aisling; agus, feuch, thàinig a‑nìos seachd diasan air aon choinnlein, làn agus math:

23 Agus, feuch, dh’fhàs suas nan dèidh seachd diasan, air an crìonadh, caol, agus seargte leis a’ ghaoith an ear;

24 Agus shluig na diasan caola suas na seachd diasan matha: agus dh’innis mi seo do na draoidhean; ach cha robh neach ann a b’urrainn a’ chùis fhoillseachadh dhomh.

25 Agus thubhairt Iòseph ri Phàraoh, Aisling Phàraoh, is aon i: an nì sin a tha Dia gus a dhèanamh, dh’fhoillsich e do Phàraoh.

26 Na seachd bà matha, is seachd bliadhna iad; agus na seachd diasan matha, is seachd bliadhna iad: is aon an aisling.

27 Agus na seachd bà caola agus grànda a thàinig a‑nìos nan dèidh, is seachd bliadhna iad; agus na seachd diasan fàs, seargte leis a’ ghaoith an ear, bidh iad nan seachd bliadhna gorta.

28 Seo an nì a thubhairt mi ri Phàraoh: An nì a tha Dia gus a dhèanamh, nochd e do Phàraoh.

29 Feuch, tha seachd bliadhna mòr-phailteis a’ teachd air feadh tìr na h‑Eiphit uile:

30 Agus èiridh seachd bliadhna gorta suas nan dèidh, agus dìochuimhnichear am pailteas uile ann an tìr na h‑Eiphit; agus claoidhidh a’ ghorta an tìr;

31 Agus chan aithnichear am pailteas anns an tìr, airson na gorta a leanas, oir bidh i ro‑throm.

32 Agus a‑thaobh gun do dhùblaicheadh an aisling do Phàraoh dà uair, tha sin a chionn gu bheil an nì air a shuidheachadh le Dia; agus bheir Dia ann an aithghearradh gu crìch e.

33 A‑nis uime sin, amhairceadh Phàraoh a‑mach airson duine a tha tuigseach agus glic, agus cuireadh e os cionn tìr na h‑Eiphit e.

34 Dèanadh Phàraoh seo, agus òrdaicheadh e luchd-riaghlaidh os cionn na tìre, agus togadh iad an còigeamh cuid de thoradh tìr na h‑Eiphit anns na seachd bliadhna pailteis.

35 Agus cruinnicheadh iad uile bhiadh nam bliadhnachan matha sin ri teachd, agus taisgeadh iad suas arbhar fo làimh Phàraoh, agus gleidheadh iad biadh anns na bailtean.

36 Agus bidh am biadh sin na thaisgeach don tìr, fa chomhair nan seachd bliadhna gorta a bhios ann an tìr na h‑Eiphit; a‑chum is nach tèid as don tìr leis a’ ghorta.

37 Agus bha a’ chomhairle math ann an sùilean Phàraoh, agus ann an sùilean a sheirbhiseach uile.

38 Agus thubhairt Phàraoh ra sheirbhisich, A bheil e an comas dhuinn a leithid seo de dhuine fhaotainn, anns a bheil spiorad Dhè?

39 Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, A‑thaobh gun d’fhoillsich Dia seo uile dhut, chan eil neach ann cho tuigseach agus cho glic riut fhèin:

40 Bidh tu os cionn mo thaighe-sa, agus a rèir d’fhacail bidh mo shluagh uile air an riaghladh: a‑mhàin anns an rìgh-chathair bidh mise nas mò na thu.

41 Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Faic, chuir mi thu os cionn uile thìr na h‑Eiphit.

42 Agus thug Phàraoh a fhàinne bhàrr a làimhe, agus chuir e air làimh Iòseiph e; agus sgeadaich e e ann an trusgan de lìon-aodach grinn, agus chuir e slabhraidh òir ma mhuineal.

43 Agus thug e air marcachd anns an dara carbad a bha aige fhèin; agus ghlaodh iad roimhe, Lùbaibh an glùn; agus rinn e e na uachdaran air tìr na h‑Eiphit uile.

44 Agus thubhairt Phàraoh ri Iòseph, Is mise Phàraoh, agus as d’eugmhais-sa cha tog duine suas a làmh no a chas ann an tìr na h‑Eiphit uile.

45 Agus thug Phàraoh Saphnat-paaneah mar ainm air Iòseph; agus thug e dha Asenat, nighean Photipherah, sagart Oin, mar mhnaoi: agus chaidh Iòseph a‑mach air feadh uile thìr na h‑Eiphit.

46 Agus bha Iòseph deich-bliadhna-fichead a dh’aois nuair a sheas e am fianais Phàraoh rìgh na h‑Eiphit: agus chaidh Iòseph a‑mach o làthair Phàraoh, agus chaidh e tro thìr na h‑Eiphit uile.

47 Agus thug an talamh a‑mach anns na seachd bliadhna pailteis na ghlacaidean.

48 Agus chruinnich e ri chèile uile bhiadh nan seachd bliadhna, a bha ann an tìr na h‑Eiphit; agus thaisg e suas biadh anns na bailtean: biadh fearann gach baile, a bha mun cuairt air, thaisg e suas ann.

49 Agus chuir Iòseph ri chèile sìol mar ghaineamh na fairge, ro‑mhòran, gus an do sguir e de a àireamh: oir bha e gun àireamh.

50 Agus do Iòseph rugadh dithis mhac mun tàinig bliadhnachan na gorta, a rug Asenat dha, nighean Photipherah, sagart Oin.

51 Agus thug Iòseph Manaseh mar ainm air a’ chiad-ghin; oir thug Dia orm, arsa esan, mo shaothair uile a dhìochuimhneachadh, agus taigh m’athar uile.

52 Agus air an dara mac thug e Ephraim mar ainm; oir thug Dia orm, arsa esan, a bhith sìolmhor ann an tìr m’àmhghair.

53 Agus chrìochnaicheadh seachd bliadhna a’ phailteis a bha ann an tìr na h‑Eiphit.

54 Agus thòisich seachd bliadhna na gorta ri teachd, mar a thubhairt Iòseph; agus bha a’ ghorta anns na dùthchannan uile: ach ann an uile thìr na h‑Eiphit bha aran.

55 Agus nuair a bha tìr na h‑Eiphit uile ann an uireasbhaidh, an sin ghlaodh an sluagh ri Phàraoh airson arain: agus thubhairt Phàraoh ris na h‑Eiphitich uile. Ruigibh Iòseph; an nì sin a their e ribh, dèanaibh.

56 Agus bha a’ ghorta air aghaidh na talmhainn uile: agus dh’fhosgail Iòseph na taighean-taisge uile, agus reic e ris na h‑Eiphitich: agus bhuadhaich a’ ghorta ann an tìr na h‑Eiphit.

57 Agus thàinig gach dùthaich don Eiphit a dh’ionnsaigh Iòseiph a cheannach bìdh; oir bhuadhaich a’ ghorta anns gach dùthaich.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan