Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Genesis 40 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus an dèidh nan nithean sin, chuir buidealair rìgh na h‑Eiphit, agus a fhuineadair, fearg air an tighearna, rìgh na h‑Eiphit.

2 Agus bha corraich mhòr air Phàraoh ri dithis de a sheirbhisich, ris an àrd-bhuidealair, agus ris an àrd-fhuineadair.

3 Agus chuir e an làimh iad ann an taigh ceannard an fhreiceadain anns a’ phrìosan, far an robh Iòseph ceangailte.

4 Agus chuir ceannard an fhreiceadain an cùram air Iòseph, agus fhritheil e dhaibh; agus dh’fhan iad tamall ann an làimh.

5 Agus chunnaic iad aisling le chèile, gach fear aca a aisling fhèin anns an aon oidhche, gach fear a rèir eadar-mhìneachadh a aislinge; buidealair agus fuineadair rìgh na h‑Eiphit, a bha ceangailte anns a’ phrìosan.

6 Agus thàinig Iòseph a‑steach dan ionnsaigh anns a’ mhadainn, agus dh’amhairc e orra, agus, feuch, bha iad dubhach.

7 Agus dh’fheòraich e de sheirbhisich Phàraoh, a bha an làimh maille ris ann an taigh a thighearna, ag ràdh, Carson a tha ur gnùis cho muladach an‑diugh?

8 Agus thubhairt iad ris, Chunnaic sinn aisling, agus chan eil neach againn a dh’eadar-mhìnicheas i. Agus thubhairt Iòseph riu, Nach ann o Dhia a tha gach eadar-mhìneachadh? Innsibh dhòmhsa iad, guidheam oirbh.

9 Agus dh’innis an t‑àrd-bhuidealair a aisling do Iòseph, agus thubhairt e ris, Am aisling-sa, feuch, bha fìonain fam chomhair;

10 Agus air an fhìonain bha trì meanglain; agus bha i mar gum biodh i a’ briseadh a‑mach, agus thàinig i fo làn bhlàth; agus thug a bagaidean dearcan abaich uapa.

11 Agus bha cupan Phàraoh am làimh; agus ghabh mi na fìon-dhearcan, agus dh’fhàisg mi iad ann an cupan Phàraoh, agus thug mi an cupan do làimh Phàraoh.

12 Agus thubhairt Iòseph ris, Is e seo a h‑eadar-mhìneachadh: Na trì meanglain, is trì làithean iad:

13 Eadhon an ceann trì làithean togaidh Phàraoh suas do cheann, agus bheir e a‑rìs gud àite fhèin thu; agus bheir thu cupan Phàraoh na làimh, mar a b’àbhaist dhut roimhe, nuair a bha thu ad bhuidealair aige.

14 Ach cuimhnich thusa ormsa nuair a dh’èireas gu math dhut, agus dèan, guidheam ort, coibhneas dhomh, agus dèan iomradh orm ri Phàraoh, agus thoir a‑mach mi as an taigh seo:

15 Oir, gu deimhinn, ghoideadh air falbh mi à tìr nan Eabhraidheach, agus, mar an ceudna, an seo cha do rinn mi nì sam bith gun cuireadh anns an t‑sloc mi.

16 Nuair a chunnaic an t‑àrd-fhuineadair gun d’eadar-mhìnich e gu math, thubhairt e ri Iòseph, Bha mise mar an ceudna am aisling, agus, feuch, bha trì basgaidean geala air mo cheann:

17 Agus anns a’ bhasgaid a b’àirde bha de gach seòrsa bìdh airson Phàraoh de dheasachadh an fhuineadair; agus dh’ith an eunlaith iad a‑mach as a’ bhasgaid air mo cheann.

18 Agus fhreagair Iòseph, agus thubhairt e, Is e seo a h‑eadar-mhìneachadh: Na trì basgaidean, is trì làithean iad:

19 An ceann trì làithean togaidh Phàraoh suas do cheann dhìot, agus crochaidh e thu air crann, agus ithidh an eunlaith d’fheòil dhìot.

20 Agus air an treas là, co‑ainm là‑breithe Phàraoh, rinn e cuirm da sheirbhisich uile: agus thog e suas ceann an àrd-bhuidealair, agus ceann an àrd-fhuineadair am measg a sheirbhiseach.

21 Agus thug e an t‑àrd-bhuidealair a‑chum a bhuidealaireachd a‑rìs; agus thug e an cupan do làimh Phàraoh:

22 Ach chroch e an t‑àrd-fhuineadair, mar a dh’eadar-mhìnich Iòseph dhaibh.

23 Gidheadh, cha do chuimhnich an t‑àrd-bhuidealair air Iòseph, ach dhìochuimhnich e e.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan