Genesis 4 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus dh’aithnich Adhamh a bhean Eubha; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i Càin, agus thubhairt i, Fhuair mi duine on Tighearna. 2 Agus a‑rìs rug i a bhràthair Abel. Agus bha Abel na bhuachaille chaorach, ach bha Càin na threabhaiche fearainn. 3 Agus thàrladh, an ceann làithean àraidh, gun tug Càin de thoradh an fhearainn tabhartas don Tighearna. 4 Agus thug Abel mar an ceudna de chiad-ghin a threuda, agus den saill. Agus bha meas aig an Tighearna air Abel agus air a thabhartas: 5 Ach air Càin agus air a thabhartas cha robh meas aige. Agus bha Càin fo throm fheirg, agus thuit a ghnùis. 6 Agus thubhairt an Tighearna ri Càin, Carson a tha fearg ort? Agus carson a thuit do ghnùis? 7 Ma nì thu gu math, nach gabhar riut? Agus mura dèan thu gu math, aig an doras tha peacadh na laighe. Agus riutsa bidh a thogradh, agus bidh uachdaranachd agad air. 8 Agus labhair Càin ri Abel a bhràthair: agus nuair a bha iad anns a’ mhachair, dh’èirich Càin suas an aghaidh Abeil a bhràthair, agus mharbh e e. 9 Agus thubhairt an Tighearna ri Càin, Càit a bheil Abel do bhràthair? Agus thubhairt esan, Chan eil fhios agam. Am mise fear-gleidhidh mo bhràthar? 10 Agus thubhairt esan, Ciod a rinn thu? Tha guth fuil do bhràthar ag èigheach riumsa on talamh. 11 Agus a‑nis tha thu mallaichte on talamh, a dh’fhosgail a bheul a ghabhail fuil do bhràthar od làimh. 12 Nuair a shaothraicheas tu an talamh, cha toir e dhut à seo suas a neart; ad fhògarrach agus ad fhear-fuadain bidh tu air an talamh. 13 Agus thubhairt Càin ris an Tighearna, Is mò mo pheanas na gur urrainn mi a ghiùlan. 14 Feuch, dh’fhògair thu mi a‑mach an‑diugh bhàrr aghaidh na talmhainn agus od ghnùis-sa falaichear mi; agus bidh mi am fhògarrach agus am fhear-fuadain air an talamh; agus tàrlaidh, gach neach a gheibh mi, gum marbh e mi. 15 Agus thubhairt an Tighearna ris, Uime sin ge bè air bith a mharbhas Càin, nìthear a sheachd uiread de dhìoghaltas air. Agus chuir an Tighearna comharradh air Càin, a‑chum ge bè neach a gheibheadh e nach marbhadh e e. 16 Agus chaidh Càin a‑mach à làthair an Tighearna, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Nod, an taobh an ear de Eden. 17 Agus dh’aithnich Càin a bhean; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i Enoch: agus thog e baile, agus ghoir e ainm a’ bhaile, a rèir ainm a mhic, Enoch. 18 Agus rugadh do Enoch Irad; agus ghin Irad Mehuiael; agus ghin Mehuiael Metusael; agus ghin Metusael Làmech. 19 Agus ghabh Làmech dha fhèin dà mhnaoi: b’e ainm a h‑aoin dhiubh Adah, agus ainm na mnà eile Sillah. 20 Agus ghin Adah Iabal: b’esan athair na dream a tha a’ gabhail còmhnaidh am bùthan, agus na dream aig a bheil sprèidh. 21 Agus b’e ainm a bhràthar Iubal: b’esan athair nan uile a laimhsicheas clàrsach agus organ. 22 Agus Sillah, rug ise mar an ceudna Tubal-càin, fear-teagaisg gach uile fhir-ceàirde ann an umha agus ann an iarann: agus b’i piuthar Thubal-càin Nàamah. 23 Agus thubhairt Làmech ra mhnathan, Adah agus Sillah, Cluinnibh mo ghuth, a mhnathan Làmeich, èisdibh rim chainnt: oir mharbh mi duine a‑chum mo lotaidh, agus òganach a‑chum mo chiùrraidh. 24 Ma dhìolar Càin a sheachd uiread, gu deimhinn dìolar Làmech a sheachd-deug agus a thrì-fichead uiread. 25 Agus dh’aithnich Adhamh a‑rìs a bhean; agus rug i mac, agus thug i Set mar ainm air: Oir dh’òrdaich Dia, thubhairt i, dhòmhsa sliochd eile ann an àit Abeil, a mharbh Càin. 26 Agus do Shet fhèin mar an ceudna rugadh mac; agus thug e Enos mar ainm air: an sin thòisich daoine ri gairm air ainm an Tighearna. |