Genesis 38 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus anns an àm sin fhèin chaidh Iùdah sìos o a bhràithrean, agus thionndaidh e a‑steach a dh’ionnsaigh Adulamaich àraidh, dom b’ainm Hirah. 2 Agus chunnaic Iùdah an sin nighean Canàanaich àraidh, dom b’ainm Suah: agus ghabh e i, agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh. 3 Agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac: agus thug e Er mar ainm air. 4 Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i mac; agus thug i Onan mar ainm air. 5 Agus dh’fhàs i torrach fhathast, agus rug i mac; agus thug i Selah mar ainm air: agus bha esan ann an Chedsib, nuair a rug i e. 6 Agus ghabh Iùdah bean do Er a chiad-ghin, dom b’ainm Tàmar. 7 Agus bha Er, ciad-ghin Iùdah, aingidh ann an sealladh an Tighearna; agus mharbh an Tighearna e. 8 Agus thubhairt Iùdah ri Onan, Falbh a‑steach a dh’ionnsaigh bean do bhràthar, agus pòs i, agus tog suas sliochd dod bhràthair. 9 Agus bha fhios aig Onan nach b’ann leis fhèin a bhiodh an sliochd; agus nuair a chaidh e a‑steach a dh’ionnsaigh bean a bhràthar, dhòirt e air a’ bhlàr e, a‑chum nach tugadh e sliochd da bhràthair. 10 Agus bha an nì a rinn e olc ann an sealladh an Tighearna: uime sin mharbh e esan mar an ceudna. 11 An sin thubhairt Iùdah ri Tàmar, bean a mhic, Fan ad bhantraich ann an taigh d’athar, gus am fàs mo mhac Selah suas; oir thubhairt e, Air eagal gum faigheadh esan bàs mar an ceudna mar a fhuair a bhràithrean. Agus dh’fhalbh Tàmar, agus dh’fhan i ann an taigh a h‑athar. 12 Agus ùine fhada an dèidh sin fhuair nighean Shuah, bean Iùdah, bàs: agus thog Iùdah a mhisneach, agus chaidh e suas a dh’ionnsaigh luchd-lomairt a chaorach, e fhèin agus a charaid Hirah an t‑Adulamach, gu Timnat. 13 Agus dh’innseadh do Thàmar, ag ràdh, Feuch, tha d’athair-cèile a’ dol suas gu Timnat a lomairt a chaorach. 14 Agus chuir i a culaidh-bantraich dhith, agus chòmhdaich i i fhèin le gnùis-bhrat, agus phaisg i i fhèin, agus shuidh i ann an ionad follaiseach a tha làimh ris an t‑slighe gu Timnat: oir chunnaic i gun d’fhàs Selah suas, agus nach tugadh i dha mar mhnaoi. 15 Nuair a chunnaic Iùdah i, shaoil e gum bu strìopach i, a chionn gun do chòmhdaich i a h‑aodann. 16 Agus thionndaidh e da h‑ionnsaigh air an t‑slighe, agus thubhairt e, Leig leam, guidheam ort, teachd a‑steach ad ionnsaigh; oir cha robh fhios aige gum b’i bean a mhic i: agus thubhairt i, Ciod a bheir thu dhomh, a‑chum is gun tig thu a‑steach am ionnsaigh? 17 Agus thubhairt esan, Cuiridh mi meann ad ionnsaigh on treud: agus thubhairt ise, An toir thu geall dhomh gus an cuir thu am ionnsaigh e? 18 Agus thubhairt e, Ciod an geall a bheir mi dhut? Agus thubhairt ise, Do sheula, agus do làmh-fhailean, agus do lorg a tha ann ad làimh: agus thug e dhi iad, agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh, agus rinneadh i torrach leis. 19 Agus dh’èirich i, agus dh’fhalbh i roimhpe, agus chuir i seachad a gnùis-bhrat uaipe, agus chuir i a culaidh-bantraich oirre. 20 Agus chuir Iùdah am meann le làimh a charaid an t‑Adulamach, a‑chum is gum faigheadh e an geall o làimh na mnà: ach cha d’fhuair e i. 21 An sin dh’fheòraich e de dhaoine an àite sin, ag ràdh, Càit a bheil an strìopach a bha gu follaiseach ri taobh na slighe? Agus thubhairt iadsan, Cha robh strìopach sam bith an seo. 22 Agus thill e a dh’ionnsaigh Iùdah, agus thubhairt e, Cha d’fhuair mi i: agus mar an ceudna thubhairt daoine an àite, Cha robh strìopach sam bith an seo. 23 Agus thubhairt Iùdah, Gabhadh i dhi fhèin e, air eagal gum maslaichear sinn: feuch, chuir mi am meann seo da h‑ionnsaigh, agus cha d’fhuair thu i. 24 Agus beul ri trì mìosan an dèidh sin, dh’innseadh do Iùdah, ag ràdh, Rinn Tàmar, bean do mhic, strìopachas; agus, feuch, cuideachd, tha i torrach le strìopachas. Agus thubhairt Iùdah, Thugaibh a‑mach i, agus loisgear i. 25 Nuair a thugadh a‑mach i, chuir i fios a dh’ionnsaigh a h‑athar-cèile, ag ràdh, Aig an fhear dom buin iad sin tha mise leatromach: agus thubhairt i, Faic, guidheam ort, cò leis an seula, agus na làmh-fhailean, agus an lorg seo. 26 Agus ghabh Iùdah riu, agus thubhairt e, Bha i na bu cheirte na mise, a chionn nach tug mi i do Shelah mo mhac. Agus cha robh aithne aige oirre nas mò. 27 Agus nuair a bha i ri saothair chloinne, feuch, bha leth-aona na bolg. 28 Agus nuair a bha i ri saothair, chuir aon dhiubh a‑mach a làmh: agus rug a’ bhean-ghlùine air a làimh, agus cheangail i snàthainn sgàrlaid oirre, ag ràdh, Thàinig e seo a‑mach an toiseach. 29 Agus nuair a tharraing e a làmh air ais, feuch, thàinig a bhràthair a‑mach; agus thubhairt ise, Cionnas a bhris thu a‑mach? Biodh am briseadh seo ortsa. Uime sin thugadh Phareds mar ainm air. 30 Agus an dèidh sin thàinig a bhràthair a‑mach, aig an robh an snàthainn sgàrlaid air a làimh; agus thugadh Sàrah mar ainm air. |