Genesis 36 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus is iad sin ginealaichean Esau, eadhon Edom. 2 Ghabh Esau a mhnathan de nigheanan Chanàain; Adah nighean Eloin an t‑Hiteach, agus Aholibamah nighean Anah, nighean Shibeoin an t‑Hibheach; 3 Agus Basemat nighean Ismaeil, piuthar Nebaioit. 4 Agus rug Adah do Esau Eliphads; agus rug Basemat Reuel; 5 Agus rug Aholibamah Ieus, agus Iaalam, agus Corah: is iad sin mic Esau, a rugadh dha ann an tìr Chanàain. 6 Agus ghabh Esau a mhnathan, agus a mhic, agus a nigheanan, agus uile mhuinntir a thaighe, agus a sprèidh, agus a ainmhidhean uile, agus a mhaoin uile, a fhuair e ann an tìr Chanàain, agus chaidh e do thìr eile o ghnùis a bhràthar Iàcob. 7 Oir bha an saoibhreas na bu mhò na gum faodadh iad còmhnaidh a ghabhail cuideachd; agus cha b’urrainn an tìr anns an robh iad nan coigrich an giùlan airson an sprèidhe. 8 Mar seo ghabh Esau còmhnaidh ann an sliabh Sheir: is e Esau Edom. 9 Agus is iad sin ginealaichean Esau, athair nan Edomach, ann an sliabh Sheir: 10 Is iad sin ainmean mic Esau: Eliphads mac Adah bean Esau, Reuel mac Bhasemait bean Esau. 11 Agus b’iad mic Eliphaids Teman, Omar, Sepho, agus Gatam, agus Cenads. 12 Agus bha Timna na coileabach aig Eliphads, mac Esau; agus rug i do Eliphads Amalec: b’iad sin mic Adah, bean Esau. 13 Agus is iad sin mic Reueil: Nahat, agus Serah, Samah, agus Midsah: b’iad sin mic Bhasemait, bean Esau. 14 Agus b’iad sin mic Aholibamah, nighean Anah nighinn Shibeoin, bean Esau: agus rug i do Esau Ieus, agus Iaalam, agus Corah. 15 B’iad sin cinn-fheadhna mic Esau: mic Eliphaids, ciad-ghin Esau; ceann-feadhna Teman, ceann-feadhna Omar, ceann-feadhna Sepho, ceann-feadhna Cenads, 16 Ceann-feadhna Corah, ceann-feadhna Gatam, agus ceann-feadhna Amalec: is iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Eliphads, ann an tìr Edoim: b’iad sin mic Adah. 17 Agus is iad sin mic Reueil mhic Esau; ceann-feadhna Nahat, ceann-feadhna Serah, ceann-feadhna Samah, ceann-feadhna Midsah. Is iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Reuel, ann an tìr Edoim: is iad sin mic Bhasemait, bean Esau. 18 Agus is iad sin mic Aholibamah, bean Esau: ceann-feadhna Ieus, ceann-feadhna Iaalam, ceann-feadhna Corah; b’iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Aholibamah nighean Anah, bean Esau. 19 Is iad sin mic Esau, eadhon Edom; agus is iad sin an cinn-fheadhna. 20 Is iad sin mic Sheir an t‑Horach, luchd-àiteachaidh na tìre: Lotan, agus Sobal, agus Sibeon, agus Anah. 21 Agus Dison, agus Edsere, agus Disan; is iad sin cinn-fheadhna nan Horach, clann Sheir, ann an tìr Edoim. 22 Agus b’iad clann Lotain Hori agus Heman: agus b’i Timna piuthar Lotain. 23 Agus b’iad sin clann Shobail: Albhan, agus Manahat, agus Ebal, Sepho, agus Onam. 24 Agus b’iad sin clann Shibeoin: araon Aiah agus Anah: b’e seo an t‑Anah a fhuair a‑mach na muileidean anns an fhàsach, nuair a bha e ag ionaltradh asail Shibeoin a athair. 25 Agus b’iad sin clann Anah: Dison agus Aholibamah nighean Anah. 26 Agus b’iad sin clann Dhisoin: Hemdan, agus Esban, agus Itran, agus Cheran. 27 B’iad sin clann Edseir: Bilhan, agus Saabhan, agus Achan. 28 B’iad sin clann Dhisain: Uds agus Aran. 29 B’iad sin cinn-fheadhna nan Horach: ceann-feadhna Lotan, ceann-feadhna Sobal, ceann-feadhna Sibeon, ceann-feadhna Anah, 30 Ceann-feadhna Dison, ceann-feadhna Edser, ceann-feadhna Disan: is iad sin na cinn-fheadhna a thàinig o Hori, am measg an ceann-feadhna-san ann an tìr Sheir. 31 Agus is iad sin na rìghrean a rìghich ann an tìr Edoim, mun do rìghich rìgh sam bith air cloinn Israeil. 32 Agus rìghich ann an Edom Belah mac Bheoir; agus b’e ainm a bhaile Dinhabah. 33 Agus dh’eug Belah, agus rìghich Iobab mac Sherah o Bhosrah na àite. 34 Agus dh’eug Iobab, agus rìghich Husam o thìr Themani na àite. 35 Agus dh’eug Husam, agus rìghich Hadad mac Bhedaid, a bhuail Midian ann am fearann Mhòaib, na àite: agus b’e ainm a bhaile Abhit. 36 Agus dh’eug Hadad, agus rìghich Samlah o Mhasrecah na àite. 37 Agus dh’eug Samlah, agus rìghich Saul o Rehobot, làimh ris an abhainn, na àite. 38 Agus dh’eug Saul, agus rìghich Bàal-hanan mac Achboir na àite. 39 Agus dh’eug Bàal-hanan mac Achboir, agus rìghich Hadar na àite: agus b’e ainm a bhaile Pau; agus ainm a mhnà Mehetabel, nighean Mhatreid nighinn Mhedsahaib. 40 Agus is iad sin ainmean nan ceann-feadhna a thàinig o Esau, a rèir an teaghlaichean, a rèir an àiteachan, nan ainmean: ceann-feadhna Timnah, ceann-feadhna Albhah, ceann-feadhna Ietet, 41 Ceann-feadhna Aholibamah, ceann-feadhna Elah, ceann-feadhna Pinon, 42 Ceann-feadhna Cenads, ceann-feadhna Teman, ceann-feadhna Mibsar, 43 Ceann-feadhna Magdiel, ceann-feadhna Iram: is iad sin cinn-fheadhna Edoim, a rèir an àiteachan-còmhnaidh, ann an tìr an seilbh; is esan Esau, athair nan Edomach. |