Genesis 33 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thog Iàcob suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha Esau a’ teachd, agus maille ris ceithir cheud fear. Agus roinn e a’ chlann do Lèah, agus do Rachel, agus don dà bhanoglaich. 2 Agus chuir e na banoglaich agus an clann air thoiseach, agus Lèah agus a clann nan dèidh, agus Rachel agus Iòseph air dheireadh. 3 Agus chaidh e fhèin air aghaidh romhpa, agus chrom e e fhèin gu làr seachd uairean, gus an tàinig e dlùth da bhràthair. 4 Agus ruith Esau na choinneamh, agus ghabh e na ghlacan e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg e e: agus ghuil iad. 5 Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e na mnathan agus a’ chlann; agus thubhairt e, Cò iad sin a tha maille riut? Agus thubhairt esan, A’ chlann a thug Dia gu gràsmhor dod sheirbhiseach. 6 An sin thàinig na banoglaich am fagas, iad fhèin agus an clann, agus chrom iad iad fhèin. 7 Agus thàinig Lèah cuideachd am fagas maille ra cloinn, agus chrom iad iad fhèin; agus an dèidh sin thàinig Iòseph am fagas agus Rachel, agus chrom iad iad fhèin. 8 Agus thubhairt e, Ciod as ciall dhut leis an iomain seo uile, a choinnich mi? Agus thubhairt esan, Gu deagh-ghean fhaghail ann an sùilean mo thighearna. 9 Agus thubhairt Esau, Tha agamsa pailteas, a bhràthair; glèidh dhut fhèin na bheil agad. 10 Agus thubhairt Iàcob, Chan eadh, guidheam ort, ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, an sin gabh mo thìodhlac om làimh: oir uime sin chunnaic mi do ghnùis, mar gum faicinn gnùis Dhè, agus thaitinn mi riut. 11 Gabh, guidheam ort, mo bheannachadh a thugadh ad ionnsaigh, do bhrìgh gun do bhuin Dia gu toirbheartach rium, agus gu bheil agam mòr phailteas: agus rinn e ro‑earail air, agus ghabh e e. 12 Agus thubhairt e, Gabhamaid ar turas, agus bitheamaid ag imeachd, agus thèid mise maille riut. 13 Agus thubhairt e ris, Tha fhios aig mo thighearna gu bheil a’ chlann maoth, agus na treudan agus an fheudail a tha maille rium trom le àl; agus ma dh’iomainear iad gu dian aon là, gheibh an treud uile bàs. 14 Rachadh, guidheam ort, mo thighearna seachad ro a sheirbhiseach: agus gabhaidh mise an t‑slighe gu socrach, a rèir mar a bhios an sprèidh a tha romham, agus a’ chlann, comasach air fhulang, gus an tig mi a dh’ionnsaigh mo thighearna gu Seir. 15 Agus thubhairt Esau, Leig leam a‑nis cuid den mhuinntir a tha maille rium fhàgail maille riut. Agus thubhairt esan, Carson sin? Faigheam-sa deagh-ghean ann an sùilean mo thighearna. 16 Mar sin thill Esau anns an là sin fhèin air a shlighe gu Seir. 17 Agus dh’imich Iàcob gu Sucot, agus thog e dha fhèin taigh, agus rinn e bothain da sprèidh: air an adhbhar sin thugadh Sucot mar ainm air an àite. 18 Agus thàinig Iàcob do Shàlem, baile Shecheim a tha ann an tìr Chanàain, nuair a thàinig e o Phadan-àram; agus shuidhich e a bhùth fa chomhair a’ bhaile. 19 Agus cheannaich e mìr fearainn, far an do shuidhich e a bhùth, o làimh clann Hamoir athair Shecheim, air ceud bonn airgid. 20 Agus chuir e suas altair an sin, agus thug e El‑Elohe-Israel mar ainm oirre. |