Genesis 30 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus nuair a chunnaic Rachel nach do rug i clann do Iàcob, bha farmad aig Rachel ra piuthar, agus thubhairt i ri Iàcob, Thoir dhomh clann, no gheibh mi bàs. 2 Agus las corraich Iàcoib ri Rachel, agus thubhairt e, A bheil mise an àite Dhè, a chùm uat toradh na bronn? 3 Agus thubhairt i, Feuch, mo bhanoglach Bilhah, theirig a‑steach da h‑ionnsaigh, agus beiridh i air mo ghlùinean, agus bidh agamsa mar an ceudna clann da trìd-se. 4 Agus thug i dha Bilhah a banoglach mar mhnaoi; agus chaidh Iàcob a‑steach da h‑ionnsaigh. 5 Agus dh’fhàs Bilhah torrach, agus rug i mac do Iàcob. 6 Agus thubhairt Rachel, Thug Dia breith orm, agus dh’èisd e mar an ceudna rim ghuth, agus thug e dhomh mac: uime sin thug i Dan mar ainm air. 7 Agus dh’fhàs Bilhah, banoglach Racheil, torrach a‑rìs, agus rug i do Iàcob an dara mac. 8 Agus thubhairt Rachel, Le mòr-ghleac ghleac mi rim phiuthair, agus thug mi buaidh: agus thug i Naphtali mar ainm air. 9 Nuair a chunnaic Lèah gun do sguir i de bhreith cloinne, ghabh i Silpah a banoglach, agus thug i do Iàcob mar mhnaoi i. 10 Agus rug Silpah, banoglach Lèah, mac do Iàcob. 11 Agus thubhairt Lèah, Tha sonas air teachd: agus thug i Gad mar ainm air. 12 Agus rug Silpah, banoglach Lèah, an dara mac do Iàcob. 13 Agus thubhairt Lèah, Is sona mi, oir goiridh na nigheanan mise beannaichte: agus thug i Aser mar ainm air. 14 Agus chaidh Reuben a‑mach ann an làithean fogharadh a’ chruithneachd agus fhuair e mandragan anns a’ mhachair, agus thug e iad a‑chum a mhàthar Lèah. An sin thubhairt Rachel ri Lèah, Thoir dhomh, guidheam ort, cuid de mhandragan do mhic. 15 Agus thubhairt i rithe, Am beag a’ chùis gun tug thu m’fhear uam, agus am b’àill leat mandragan mo mhic a thoirt leat mar an ceudna? Agus thubhairt Rachel, Uime sin laighidh e leatsa a‑nochd airson mandragan do mhic. 16 Agus thàinig Iàcob on mhachair anns an fheasgar, agus chaidh Lèah a‑mach na choinneamh, agus thubhairt i, Thig thu a‑steach am ionnsaigh-sa, oir gu deimhinn cheannaich mi thu le mandragan mo mhic. Agus laigh e leatha air an oidhche sin. 17 Agus dh’èisd Dia ri Lèah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i do Iàcob an còigeamh mac. 18 Agus thubhairt Lèah, Thug Dia dhomh mo dhuais, a chionn gun tug mì mo bhanoglach dom fhear; agus thug i Isachar mar ainm air. 19 Agus dh’fhàs Lèah torrach a‑rìs, agus rug i do Iàcob an siathamh mac. 20 Agus thubhairt Lèah, Dheònaich Dia dhomh deagh chuibhreann: a‑nis gabhaidh m’fhear còmhnaidh maille rium, a chionn gun do rug mi dha sianar mhac; agus thug i Sebulun mar ainm air. 21 Agus na dhèidh sin rug i nighean, agus thug i Dinah mar ainm oirre. 22 Agus chuimhnich Dia air Rachel agus dh’èisd Dia rithe, agus dh’fhosgail e a bolg. 23 Agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac; agus thubhairt i, Thug Dia air falbh mo mhì-chliù. 24 Agus thug i Iòseph mar ainm air, ag ràdh, Bheir an Tighearna dhomh fhathast mac eile. 25 Agus nuair a rug Rachel Iòseph, an sin thubhairt Iàcob ri Làban, Leig air falbh mi, a‑chum gun tèid mi dom àite, agus dom dhùthaich fhèin. 26 Thoir dhomh mo mhnathan agus mo chlann, airson an do rinn mi seirbhis dhut, agus gum falbh mi; oir is aithne dhut mo sheirbhis a rinn mi dhut. 27 Agus thubhairt Làban ris, Guidheam ort, ma fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, fuirich: oir dh’fhòghlaim mi om fhiosrachadh fhèin gun do bheannaich an Tighearna mi air do sgàth-sa. 28 Agus thubhairt e, Ainmich do thuarasdal dhomh, agus bheir mi dhut e. 29 Agus thubhairt e ris, Tha fhios agad cionnas a rinn mi seirbhis dhut, agus cionnas a bha do sprèidh agam: 30 Oir is beag a bha agad mun tàinig mi, agus a‑nis tha e air fàs na mhòran; agus bheannaich Dia thu an lorg mo theachd-sa; agus a‑nis, cuin a nì mi mar an ceudna airson mo thaighe fhèin? 31 Agus thubhairt e, Ciod a bheir mi dhut? Agus thubhairt Iàcob, Cha toir thu nì sam bith dhomh: ma nì thu an nì seo rium, ionaltraidh mi a‑rìs, agus gleidhidh mi do threud. 32 Thèid mise tro do threud uile an‑diugh, ag atharrachadh as a sin gach sprèidh a tha breac agus ballach, agus gach sprèidh a tha dubh-dhonn am measg nan caorach, agus ballach agus breac am measg nan gobhar: agus is e seo mo thuarasdal. 33 Agus freagraidh air mo shon-sa m’ionracas anns an àm ri teachd, nuair a thig e mar mo thuarasdal ad làthair-sa: gach aon nach bi breac agus ballach am measg nan gobhar, agus dubh-dhonn am measg nan caorach, measar e mar nì bradach agamsa. 34 Agus thubhairt Làban, Feuch, b’fheàrr leam gum biodh e a rèir d’fhacail. 35 Agus dh’atharraich e air an là sin fhèin na gobhair fhireann a bha stiallach agus ballach, agus na gobhair bhoireann uile a bha breac agus ballach, agus gach aon air an robh gile, agus gach aon a bha dubh-dhonn am measg nan caorach, agus thug e iad do làmhan a mhac. 36 Agus chuir e astar trì làithean eadar e fhèin agus Iàcob: agus bheathaich Iàcob a’ chuid eile de threudan Làbain. 37 Agus ghabh Iàcob dha fhèin slatan glasa den chritheann, agus den challtainn, agus de chraoibh nan geanm-chnò; agus rùisg e annta stiallan geala, agus leig e ris an geal a bha anns na slatan. 38 Agus chuir e na slatan a rùisg e anns na claisean, anns na h‑amair uisge, far an tàinig na treudan a dh’òl, fa chomhair nan treud, a‑chum is gum fàsadh iad torrach nuair a thigeadh iad a dh’òl. 39 Agus dh’fhàs na treudan torrach fa chomhair nan slat, agus rug iad sprèidh stiallach, bhreac agus bhallach. 40 Agus thearb Iàcob na h‑uain, agus chuir e aghaidh nan treud riùsan a bha stiallach, agus gach beathach a bha dubh-dhonn ann an treudan Làbain, agus chuir e a threudan fhèin air leth, agus cha do chuir e iad làimh ri treudan Làbain. 41 Agus ge bè uair a dh’fhàs an sprèidh a bu treasa torrach, chuir Iàcob na slatan fa chomhair sùilean na sprèidhe anns na claisean, a‑chum gum fàsadh iad torrach a rèir nan slat. 42 Ach nuair a bha an sprèidh anfhann, cha do chuir e ann iad; mar sin bu le Làban iadsan a b’anfhainne, agus le Iàcob iadsan a bu treasa. 43 Agus dh’fhàs an duine ro‑shaoibhir; agus bha mòran sprèidhe aige, agus banoglaich, agus òglaich, agus càmhail, agus asail. |