Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Genesis 28 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus ghairm Isaac air Iàcob, agus bheannaich e e, agus dh’àithn e dha, agus thubhairt e ris, Cha ghabh thu bean de nigheanan Chanàain.

2 Eirich, imich do Phadan-àram, do thaigh Bhetueil, athair do mhàthar, agus gabh dhut fhèin as a sin bean de nigheanan Làbain, bràthair do mhàthar.

3 Agus gum beannaicheadh Dia Uile-chumhachdach thu, agus gun dèanadh e sìolmhor thu, agus gun tugadh e ort fàs lìonmhor, air chor is gum bi thu ad cho-chruinneachadh chinneach:

4 Agus gun tugadh e dhut beannachadh Abrahàim, dhutsa agus dod shliochd maille riut; a‑chum gun sealbhaich thu am fearann anns a bheil thu ad choigreach, a thug Dia do Abrahàm.

5 Agus chuir Isaac air falbh Iàcob, agus chaidh e do Phadan-àram, gu Làban, mac Bhetueil an Sirianach, bràthair Rebecah, màthair Iàcoib agus Esau.

6 Nuair a chunnaic Esau gun do bheannaich Isaac Iàcob, agus gun do chuir e air falbh e do Phadan-àram, a ghabhail mnà dha fhèin as a sin; agus nuair a bheannaich e e, gun tug e àithne dha, ag ràdh, Cha ghabh thu bean de nigheanan Chanàain;

7 Agus gun d’èisd Iàcob ra athair, agus ra mhàthair, agus gun deachaidh e do Phadan-àram;

8 Agus nuair a chunnaic Esau nach do thaitinn nigheanan Chanàain ra athair Isaac,

9 An sin chaidh Esau a dh’ionnsaigh Ismaeil, agus ghabh e Mahalat, nighean Ismaeil, mhic Abrahàim, piuthar Nebaioit, dha fhèin mar mhnaoi a thuilleadh air na mnathan a bha aige.

10 Agus chaidh Iàcob a‑mach o Bheer-sèba, agus chaidh e gu Hàran.

11 Agus thachair e air àit àraidh, agus dh’fhan e an sin an oidhche sin, a chionn gu robh a’ ghrian air laighe: agus ghabh e aon de chlachan an àite sin, agus chuir e fo a cheann i, agus laigh e sìos anns an àite sin a chadal.

12 Agus bhruadair e; agus, feuch, fàradh air a chur suas air an talamh, agus a bhàrr a’ ruigheachd gu nèamh: agus, feuch, ainglean Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air.

13 Agus, feuch, sheas an Tighearna os a chionn, agus thubhairt e, Is mise an Tighearna, Dia Abrahàim d’athair, agus Dia Isaaic: am fearann air a bheil thu ad laighe, bheir mise dhut e, agus dod shliochd;

14 Agus bidh do shliochd mar dhuslach na talmhainn; agus sgaoilidh tu a‑mach a dh’ionnsaigh na h‑àird an iar agus na h‑àird an ear, agus a dh’ionnsaigh na h‑àird a tuath agus na h‑àird a deas: agus beannaichear annadsa uile theaghlaichean na talmhainn, agus ann ad shliochd.

15 Agus, feuch, tha mise maille riut, agus gleidhidh mi thu anns gach àite don tèid thu, agus bheir mi a‑rìs thu a dh’ionnsaigh na tìre seo; oir cha trèig mi thu, gus an dèan mi an nì sin a labhair mi riut.

16 Agus dhùisg Iàcob as a chadal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an Tighearna anns an àite seo, agus cha robh fhios agam air.

17 Agus bha eagal air, agus thubhairt e, Cia uamhasach an t‑ionad seo! Chan àit air bith seo ach taigh Dhè, agus is e seo geata nèimh.

18 Agus dh’èirich Iàcob gu moch anns a’ mhadainn, agus ghabh e a’ chlach a chuir e fo a cheann, agus chuir e suas na carragh i, agus dhòirt e ola air a mullach.

19 Agus thug e Betel mar ainm air an àite sin: ach b’e Luds ainm a’ bhaile sin air tùs.

20 Agus bhòidich Iàcob bòid, ag ràdh, Ma bhios Dia leam, agus ma ghleidheas e mi air an t‑slighe sin air a bheil mi ag imeachd, agus ma bheir e dhomh aran ra ithe, agus aodach ra chur umam;

21 Agus gun tig mi a‑rìs ann an sìth a dh’ionnsaigh taigh m’athar; an sin bidh an Tighearna agam na Dhia.

22 Agus bidh a’ chlach seo, a chuir mi suas na carragh, na taigh aig Dia: agus de gach nì a bheir thu dhomh, bheir mi gu cinnteach an deicheamh dhut.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan