Genesis 24 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus bha Abrahàm sean, agus air teachd gu aois mhòir, agus bheannaich an Tighearna Abrahàm anns na h‑uile nithean. 2 Agus thubhairt Abrahàm ra sheirbhiseach a bu shine na thaigh, aig an robh riaghladh gach nì a bha aige, Cuir, guidheam ort, do làmh fom shliasaid. 3 Agus bheir mi ort mionnachadh air an Tighearna, Dia nèimh agus Dia na talmhainn, nach gabh thu bean dom mhac de nigheanan nan Canàanach, am measg a bheil mise am chòmhnaidh: 4 Ach thèid thu dom dhùthaich fhèin, agus a‑chum mo luchd-dàimh, agus gabhaidh tu bean dom mhac Isaac. 5 Agus thubhairt an seirbhiseach ris, Mas e is nach bi a’ bhean toileach air mise a leantainn don tìr seo, an èiginn dhomh do mhac a thoirt air ais a‑rìs don tìr as an tàinig thu? 6 Agus thubhairt Abrahàm ris, Thoir an ro‑aire nach toir thu mo mhac an sin a‑rìs. 7 An Tighearna, Dia nèimh a thug mise o thaigh m’athar, agus o thìr mo dhìlsean, agus a labhair rium, agus a mhionnaich dhomh, ag ràdh, Dod shliochd bheir mi am fearann seo; cuiridh esan a aingeal fhèin romhad, agus gabhaidh tu bean dom mhac as a sin. 8 Agus mura bi a’ bhean toileach air thusa a leantainn, an sin bidh tu saor om mhionnan-sa: a‑mhàin na toir mo mhac an sin a‑rìs. 9 Agus chuir an seirbhiseach a làmh fo shliasaid Abrahàim a mhaighistir, agus mhionnaich e dha a‑thaobh an nì sin. 10 Agus ghabh an seirbhiseach deich càmhail de chàmhail a mhaighistir, agus dh’fhalbh e; oir bha maoin a mhaighistir uile aige fo a làimh: agus dh’èirich e, agus chaidh e gu Mesopotamia, gu baile Nahoir. 11 Agus thug e air na càmhail an glùn a lùbadh an taobh a‑muigh den bhaile, làimh ri tobar uisge, mu thràth feasgair, eadhon mun àm anns an tèid mnathan a‑mach a tharraing uisge. 12 Agus thubhairt e, O Thighearna, Dhè mo mhaighistir Abrahàm, deònaich gun soirbhich leamsa an‑diugh, agus nochd coibhneas dom mhaighistir Abrahàm. 13 Feuch, tha mi am sheasamh an seo làimh ris an tobar uisge, agus thig nigheanan muinntir a’ bhaile a‑mach a tharraing uisge; 14 Agus tachradh e, a’ mhaighdeann ris an abair mise, Leig sìos, guidheam ort, do shoitheach, a‑chum is gun òl mi; agus their ise, Ol, agus bheir mise deoch dod chàmhail mar an ceudna: guma h‑i sin fhèin a dh’òrdaich thu dod sheirbhiseach Isaac; agus le sin bidh fhios agam gun do nochd thu coibhneas dom mhaighistir. 15 Agus mun do sguir e de labhairt, feuch, thàinig Rebecah a‑mach, a rugadh do Bhetuel, mac Mhilcah, bean Nahoir, bràthair Abrahàim; agus a soitheach air a gualainn. 16 Agus bha a’ chailinn ro‑mhaiseach ri amharc oirre, òigh, agus cha b’aithne do fhear riamh i: agus chaidh i sìos don tobar, agus lìon i a soitheach, agus thàinig i a‑nìos. 17 Agus ruith an seirbhiseach na coinneamh, agus thubhairt e, Leig dhomh, guidheam ort, beagan uisge òl as do shoitheach. 18 Agus thubhairt i, Ol, mo thighearna: agus ghreas i oirre, agus leig i sìos a soitheach air a làimh, agus thug i dha deoch. 19 Agus an dèidh dhi deoch a thoirt dha, thubhairt i, Tàirngidh mi uisge airson do chàmhal mar an ceudna, gus an sguir iad a dh’òl. 20 Agus ghreas i oirre, agus dh’fhalmhaich i a soitheach anns an amar, agus ruith i a‑rìs don tobar a tharraing uisge; agus tharraing i airson a chàmhal uile. 21 Agus bha an duine ag amharc le iongantas oirre, agus a’ fantainn na thosd, a dh’fheuchainn an tug, no nach tug, an Tighearna air a thuras soirbheachadh leis. 22 Agus nuair a sguir na càmhail a dh’òl, an sin ghabh an duine cluas-fhàinne òir, anns an robh leth seceil de chudthrom, agus dà làmh-fhail airson a làmh, anns an robh deich seceil òir de chudthrom. 23 Agus thubhairt e, Cò don nighean thu? Innis dhomh, guidheam ort; a bheil ann an taigh d’athar àite dhuinn gu tàmh a ghabhail ann? 24 Agus thubhairt i ris, Is mise nighean Bhetueil, mac Mhilcah, a rug i do Nàhor. 25 Thubhairt i ris mar an ceudna, Tha againn araon connlach agus innlinn gu leòr, agus àite gu tàmh a ghabhail ann. 26 Agus chrom an duine e fhèin sìos, agus rinn e adhradh don Tighearna. 27 Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia mo mhaighistir Abrahàm, nach do bhuin a thròcair agus a fhìrinn om mhaighistir; air dhòmhsa a bhith anns an t‑slighe stiùir an Tighearna mi gu taigh bràithrean mo mhaighistir. 28 Agus ruith a’ mhaighdeann, agus dh’innis i na nithean seo do mhuinntir taigh a màthar. 29 Agus bha bràthair aig Rebecah dom b’ainm Làban: agus ruith Làban a dh’ionnsaigh an duine a‑mach a‑chum an tobair. 30 Agus nuair a chunnaic e a’ chluas-fhàinne, agus na làmh-fhailean air làmhan a pheathar, agus nuair a chuala e briathran Rebecah a phiuthar, ag ràdh, Mar seo labhair an duine rium; an sin thàinig e a dh’ionnsaigh an duine, agus, feuch, sheas e làimh ris na càmhail aig an tobar. 31 Agus thubhairt e, Thig a‑steach, thusa a tha beannaichte on Tighearna; cuime a sheasas tu a‑muigh? Oir dh’ullaich mise an taigh, agus àite do na càmhail. 32 Agus thàinig an duine don taigh, agus dh’fhuasgail e na càmhail, agus thug e seachad connlach agus innlinn airson nan càmhal, agus uisge a dh’ionnlad a chas, agus casan nan daoine a bha maille ris. 33 Agus chuireadh biadh air a bheulaibh gu ithe: ach thubhairt e, Chan ith mi, gus an innis mi mo ghnothach. Agus thubhairt esan, Labhair romhad. 34 Agus thubhairt e, Is mise seirbhiseach Abrahàim; 35 Agus bheannaich an Tighearna mo mhaighistir gu mòr, agus tha e air fàs cumhachdach: agus thug e dha caoraich, agus crodh, agus airgead, agus òr, agus òglaich, agus banoglaich, agus càmhail agus asail; 36 Agus rug Sàrah, bean mo mhaighistir, mac dom mhaighistir na seann aois: agus thug e dhàsan gach nì a bha aige; 37 Agus thug mo mhaighistir ormsa mo mhionnan a thoirt, ag ràdh, Cha ghabh thu bean dom mhac de nigheanan nan Canàanach, muinntir a tha mise a chòmhnaidh nam fearann: 38 Ach thèid thu a dh’ionnsaigh taigh m’athar, agus a dh’ionnsaigh mo dhìlsean, agus gabhaidh tu bean dom mhac. 39 Agus thubhairt mi rim mhaighistir, Theagamh nach lean a’ bhean mi: 40 Agus thubhairt esan rium, Cuiridh an Tighearna, an làthair an do ghluais mise, a aingeal fhèin leat, agus soirbhichidh e do thuras; agus gabhaidh tu bean dom mhac om dhìlsean, agus o thaigh m’athar. 41 An sin bidh tu saor om mhionnan-sa, nuair a thig thu a‑chum mo dhìlsean; agus mura toir iad dhut bean, an sin bidh tu saor om mhionnan. 42 Agus thàinig mi an‑diugh a‑chum an tobair, agus thubhairt mi, O Thighearna, Dhè mo mhaighistir Abrahàm, ma shoirbhicheas tu a‑nis mo thuras air a bheil mi ag imeachd; 43 Feuch, tha mi am sheasamh làimh ris an tobar uisge; agus nuair a thig a’ mhaighdeann a‑mach a tharraing uisge, agus a their mi rithe, Thoir dhomh, guidheam ort, beagan uisge ri òl as do shoitheach; 44 Agus a their ise rium, Ol thu fhèin, agus tàirngidh mise mar an ceudna dod chàmhail: guma h‑i sin fhèin a’ bhean a dh’òrdaich an Tighearna do mhac mo mhaighistir. 45 Agus mun do sguir mi de labhairt am chridhe, feuch thàinig Rebecah a‑mach, agus a soitheach air a gualainn; agus chaidh i sìos don tobar, agus tharraing i uisge; agus thubhairt mi rithe, Thoir dhomh deoch, guidheam ort: 46 Agus ghreas i oirre, agus leig i sìos a soitheach o a gualainn, agus thubhairt i, Ol, agus bheir mi deoch dod chàmhail mar an ceudna: agus dh’òl mi, agus thug i air na càmhail òl mar an ceudna. 47 Agus dh’fhiosraich mi dhith, agus thubhairt mi, Cò don nighean thusa? Agus thubhairt ise, Is mi nighean Bhetueil, mac Nahoir, a rug Milcah dha. Agus chuir mi a’ chluas-fhàinne air a h‑aghaidh, agus na làmh-fhailean air a làmhan. 48 Agus chrom mi sìos mo cheann, agus rinn mi adhradh don Tighearna, agus bheannaich mi an Tighearna, Dia mo mhaighistir Abrahàm, a threòraich mi anns an t‑slighe cheirt, a ghabhail nighean bràthair mo mhaighistir da mhac. 49 Agus a‑nis, ma bhuineas sibh gu coibhneil agus gu fìrinneach rim mhaighistir, innsibh dhomh; agus mura buin, innsibh dhomh; a‑chum is gun tionndaidh mi a dh’ionnsaigh na làimhe deise, no na làimhe clìthe. 50 An sin fhreagair Làban agus Betuel, agus thubhairt iad, Is ann on Tighearna a thàinig an nì seo; chan urrainn sinne olc no math a ràdh riut. 51 Feuch, tha Rebecah ad làthair; gabh i, agus imich; agus biodh i na mnaoi aig mac do mhaighistir, mar a labhair an Tighearna. 52 Agus nuair a chuala seirbhiseach Abrahàim am briathran, chrom e e fhèin gu làr don Tighearna. 53 Agus thug an seirbhiseach an làthair seudan airgid agus seudan òir, agus aodach, agus thug e iad do Rebecah: thug e mar an ceudna nithean luachmhor da bràthair agus da màthair. 54 Agus dh’ith iad, agus dh’òl iad, e fhèin agus na daoine a bha maille ris, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche: agus dh’èirich iad anns a’ mhadainn; agus thubhairt esan, Cuiribh air falbh mi a dh’ionnsaigh mo mhaighistir. 55 Agus thubhairt a bràthair agus a màthair, Fanadh a’ mhaighdeann maille rinn air a’ chuid as lugha deich làithean; na dhèidh sin falbhaidh i. 56 Agus thubhairt e riu, Na cuiribh moille orm, oir shoirbhich an Tighearna mo thuras: cuiribh air falbh mi, a‑chum gun tèid mi a dh’ionnsaigh mo mhaighistir. 57 Agus thubhairt iad, Gairmidh sinn air a’ mhaighdinn, agus fiosraichidh sinn de a beul fhèin. 58 Agus ghairm iad air Rebecah, agus thubhairt iad rithe, An tèid thu leis an duine seo? Agus thubhairt i, Thèid. 59 Agus chuir iad air falbh Rebecah, am piuthar, agus a banaltram, agus seirbhiseach Abrahàim, agus a dhaoine. 60 Agus bheannaich iad Rebecah, agus thubhairt iad rithe, Is tu ar piuthar, bi‑sa ad mhàthair mhìltean de mhuilleanan; agus sealbhaicheadh do shliochd geata na muinntir sin leis am fuathach iad. 61 Agus dh’èirich Rebecah, agus a maighdeannan, agus mharcaich iad air na càmhail, agus lean iad an duine: agus ghabh an seirbhiseach Rebecah, agus dh’fhalbh e roimhe. 62 Agus bha Isaac a’ teachd o shlighe an tobair Lahai-roi; oir bha e a chòmhnaidh anns an tìr mu dheas. 63 Agus chaidh Isaac a‑mach a bheachd-smaoineachadh anns an fhaiche air feasgar: agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e, agus, feuch, bha na càmhail a’ tighinn. 64 Agus thog Rebecah suas a sùilean, agus nuair a chunnaic i Isaac, theirinn i bhàrr a’ chàmhail. 65 Agus thubhairt i ris an t‑seirbhiseach, Cò e an duine seo a tha a’ sràid-imeachd anns an fhaiche gar coinneachadh? Agus thubhairt an seirbhiseach, Is e mo mhaighistir a tha ann: an sin ghabh i gnùis-bhrat, agus chòmhdaich i i fhèin. 66 Agus dh’innis an seirbhiseach do Isaac na h‑uile nithean a rinn e. 67 Agus thug Isaac i do bhùth Shàrah a mhàthair, agus ghabh e Rebecah, agus bha i aige na mnaoi: agus ghràdhaich e i: agus fhuair Isaac sòlas an dèidh bàs a mhàthar. |