Genesis 23 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus bha Sàrah beò ceud agus seachd-bliadhna-fichead; b’iad seo bliadhnachan beatha Shàrah. 2 Agus fhuair Sàrah bàs ann an Ciriat-arba; is e sin Hebron an tìr Chanàain: agus thàinig Abrahàm a dhèanamh tuiridh airson Shàrah, agus a chaoidh air a son. 3 Agus dh’èirich Abrahàm suas o làthair a mhairbh, agus labhair e ri mic Het, ag ràdh, 4 Is coigreach agus fear-cuairt mise maille ribh: thugaibh dhomh sealbh àit-adhlaic maille ribh, agus gun adhlaic mi mo mharbh as mo shealladh. 5 Agus fhreagair mic Het Abrahàm, ag ràdh ris, 6 Eisd rinne, mo thighearna: is uachdaran cumhachdach thusa nar measg-ne; ann an roghainn ar n‑àiteachan-adhlaic adhlaic do mharbh: cha chùm duine nar measg-ne a àit-adhlaic uat, gud mharbh adhlac ann. 7 Agus dh’èirich Abrahàm suas, agus chrom e e fhèin do mhuinntir na tìre, eadhon do mhic Het. 8 Agus labhair e riu, ag ràdh, Mas àill leibh gun adhlaicinn mo mharbh as mo shealladh, èisdibh rium agus labhraibh air mo shon ri Ephron mac Shobair: 9 A‑chum is gun toir e dhomh uaimh Mhachpelah a tha aige, a tha ann an crìch a achaidh; airson uiread airgid agus as fiù i, thugadh e dhomh i mar sheilbh àit-adhlaic nur measg-se. 10 Agus bha Ephron na chòmhnaidh am measg clann Het. Agus fhreagair Ephron an t‑Hiteach Abrahàm ann an èisdeachd clann Het, eadhon gach neach a chaidh a‑steach air geata a bhaile-san, ag ràdh, 11 Na biodh e mar sin, mo thighearna, èisd rium: an t‑achadh bheir mi dhut, agus an uaimh a tha ann, bheir mi dhut i; ann an làthair mic mo dhaoine bheir mi dhut i: adhlaic do mharbh. 12 Agus chrom Abrahàm e fhèin sìos an làthair muinntir na tìre. 13 Agus labhair e ri Ephron, ann an èisdeachd muinntir na tìre, ag ràdh, Ach ma bheir thu seachad i, guidheam ort, èisd rium: bheir mi dhut airgead airson an achaidh, gabh uam e, agus adhlaicidh mi mo mharbh an sin. 14 Agus fhreagair Ephron Abrahàm, ag ràdh ris, 15 Mo thighearna, èisd rium: is fiù an t‑achadh ceithir cheud secel airgid; ciod sin eadar mise agus thusa? Uime sin adhlaic do mharbh. 16 Agus dh’èisd Abrahàm ri Ephron, agus thomhais Abrahàm do Ephron an t‑airgead, a dh’ainmich e ann an èisdeachd mic Het, ceithir cheud secel airgid, a ghabhas an ceannaiche. 17 Agus rinneadh achadh Ephroin, a bha ann am Machpeleh, a bha fa chomhair Mhamre, an t‑achadh, agus an uaimh a bha ann, agus gach craobh a bha anns an achadh, a bha na chrìch uile mun cuairt, 18 Daingeann do Abrahàm mar sheilbh, ann an làthair clann Het, am fianais gach neach a chaidh a‑steach air geata a bhaile-san. 19 Agus an dèidh sin dh’adhlaic Abrahàm Sàrah a bhean, ann an uaimh achadh Mhachpelah, fa chomhair Mhamre: is e sin Hebron ann an tìr Chanàain. 20 Agus rinneadh an t‑achadh, agus an uaimh a tha ann, daingeann do Abrahàm mar sheilbh àit-adhlaic le mic Het. |