Genesis 16 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 A‑nis cha do rug Sàrai bean Abraim clann dha: agus bha banoglach Eiphiteach aice, dom b’ainm Hàgar. 2 Agus thubhairt Sàrai ri Abram, Feuch a‑nis, chùm an Tighearna mi o chlann a bhreith: rach a‑steach, guidheam ort, a dh’ionnsaigh mo bhanoglaich; theagamh gum faigh mi clann leatha-se. Agus dh’èisd Abram ri guth Shàrai. 3 Agus ghabh Sàrai, bean Abraim, Hàgar a’ bhan-Eiphiteach, a banoglach fhèin, an dèidh do Abram còmhnaidh a ghabhail deich bliadhna ann an tìr Chanàain, agus thug i i da fear Abram gu bhith aige mar mhnaoi. 4 Agus chaidh esan a‑steach gu Hàgar, agus dh’fhàs i torrach: agus nuair a chunnaic i gun d’fhàs i torrach, bha a bana-mhaighistir tàireil na sùilean. 5 Agus thubhairt Sàrai ri Abram, Biodh m’eucoir ortsa: thug mi mo bhanoglach dod uchd; agus nuair a chunnaic i gun d’fhàs i torrach, bha mise tàireil na sùilean: gun tugadh an Tighearna breith eadar mise agus thusa. 6 Ach thubhairt Abram ri Sàrai, Feuch, tha do bhanoglach ad làimh fhèin; dèan rithe mar as àill leat. Agus nuair a bhuin Sàrai gu cruaidh rithe, theich i o a gnùis. 7 Agus fhuair aingeal an Tighearna i làimh ri tobar uisge anns an fhàsach, làimh ris an tobar anns an t‑slighe gu Sur. 8 Agus thubhairt e, A Hàgar, a bhanoglach Shàrai, cia as a thàinig thu, agus càit a bheil thu a’ dol? Agus thubhairt ise, Tha mi a’ teicheadh o ghnùis Shàrai mo bhana-mhaighistir. 9 Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Till a dh’ionnsaigh do bhana-mhaighistir, agus ùmhlaich thu fhèin fo a làimh. 10 Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Meudaichidh mise gu mòr do shliochd, agus chan àirmhear e a‑thaobh lìonmhorachd. 11 Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Feuch, tha thu torrach, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Ismael mar ainm air; do bhrìgh gun d’èisd an Tighearna rid anshocair. 12 Agus bidh e na dhuine fiadhaich; bidh a làmh an aghaidh gach duine, agus làmh gach duine na aghaidh-san; agus am fianais a bhràithrean uile gabhaidh e còmhnaidh. 13 Agus ghoir i ainm an Tighearna a labhair rithe, Thusa Dhè a tha gam fhaicinn; oir thubhairt i, An e gu robh agamsa ann an seo mar an ceudna sùil ris an Tì sin a tha gam fhaicinn? 14 Uime sin ghoir i den tobar, Beerlahai-roi; feuch, tha e eadar Cadeis agus Bered. 15 Agus rug Hàgar mac do Abram: agus thug Abram Ismael mar aimn air a mhac, a rug Hàgar. 16 Agus bha Abram ceithir-fichead agus sia bliadhna a dh’aois, nuair a rug Hàgar Ismael do Abram. |