Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Genesis 15 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An dèidh nan nithean sin thàinig facal an Tighearna gu Abram ann an taisbeanadh, ag ràdh, Na biodh eagal ort, Abraim: is mise do sgiath agus do dhuais ro‑mhòr.

2 Agus thubhairt Abram, A Thighearna Dhè, ciod a bheir thu dhomh, agus mi ag imeachd gun chloinn, agus gur e Elièser seo o Dhamascas fear-riaghlaidh mo thaighe?

3 Agus thubhairt Abram, Feuch, dhòmhsa cha tug thu sliochd air bith: agus, feuch, is e neach a rugadh am thaigh as oighre orm.

4 Agus, feuch, thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, ag ràdh, Cha bhi e seo na oighre ort; ach esan a thig a‑mach as d’innibh fhèin, bidh e na oighre ort.

5 Agus thug e leis a‑mach e, agus thubhairt e, Amhairc a‑nis suas gu nèamh, agus àireamh na reultan, mas urrainn thu an àireamh: agus thubhairt e ris, Mar seo bidh do shliochd.

6 Agus chreid e anns an Tighearna; agus mheas e sin dha mar ionracas.

7 Agus thubhairt e ris, Is mise an Tighearna a thug a‑mach thusa à Ur nan Caldèach, a thoirt dhut an fhearainn seo a‑chum a shealbhachadh mar oighre.

8 Agus thubhairt esan, A Thighearna Dhè, cia leis a bhios fhios agam gun sealbhaich mi e?

9 Agus thubhairt e ris, Gabh dhòmhsa agh trì bliadhna a dh’aois, agus gobhar trì bliadhna a dh’aois, agus reithe trì bliadhna a dh’aois, agus turtar, agus calaman òg.

10 Agus ghabh e dha fhèin iad sin uile, agus roinn e iad anns a’ mheadhon, agus chuir e gach aon de na mìrean fa chomhair a lethbhreac: ach cha do roinn e na h‑eòin.

11 Agus nuair a thàinig an eunlaith a‑nuas air na cairbhean, dh’fhuadaich Abram air falbh iad.

12 Agus nuair a bha a’ ghrian a’ dol fodha, thuit cadal trom air Abram; agus, feuch, thuit uamhann dorchadais mhòir air.

13 Agus thubhairt e ri Abram, Biodh fhios gu cinnteach agad gum bi do shliochd nan coigrich ann an dùthaich nach leo fhèin, agus nì iad seirbhis dhaibh; agus buinidh iad gu cruaidh riu ceithir cheud bliadhna;

14 Agus, mar an ceudna, air a’ chinneach sin don dèan iad seirbhis, bheir mise breith: agus na dhèidh sin thig iad a‑mach le maoin mhòir.

15 Agus thèid thusa a dh’ionnsaigh d’athraichean ann an sìth; adhlaicear thu ann an deagh sheann aois.

16 Ach anns a’ cheathramh linn thig iad an seo air an ais: oir chan eil aingidheachd nan Amorach fhathast làn.

17 Agus nuair a bha a’ ghrian air dol fodha, bha dorchadas ann, agus, feuch, àmhainn dheataich agus leus teine a chaidh eadar na mìrean sin.

18 Air an là sin fhèin rinn an Tighearna coicheangal ri Abram, ag ràdh, Dod shliochd-sa thug mi am fearann seo, o abhainn na h‑Eiphit gu ruig an abhainn mhòr, abhainn Euphràtes:

19 Na Cenich, agus na Cenidsich, agus na Cadmonaich,

20 Agus na Hitich, agus na Peridsich, agus na Rephaimich,

21 Agus na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, agus na Girgasaich, agus na h‑Iebusaich.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan