Genesis 13 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus chaidh Abram suas as an Eiphit, e fhèin, agus a bhean, agus gach nì a bha aige, agus Lot maille ris, don taobh mu dheas. 2 Agus bha Abram ro‑shaoibhir ann an sprèidh, ann an airgead, agus ann an òr. 3 Agus dh’imich e air a thurasan on taobh mu dheas eadhon gu Betel, gu ruig an t‑àit anns an robh a bhùth an toiseach, eadar Betel agus Hai; 4 Gu àite na h‑altarach a rinn e an sin air tùs: agus ghairm Abram an sin air ainm an Tighearna. 5 Agus bha mar an ceudna aig Lot, a dh’imich maille ri Abram, caoraich, agus crodh, agus bùthan. 6 Agus cha robh am fearann comasach air an giùlan, gu còmhnaidh a ghabhail cuideachd: oir bha am maoin mòr, agus cha b’urrainn iad còmhnaidh a ghabhail cuideachd. 7 Agus bha còmhstri eadar buachaillean sprèidh Abraim agus buachaillean sprèidh Lot: agus bha an Canàanach agus am Peridseach anns an àm sin a chòmhnaidh anns an tìr. 8 Agus thubhairt Abraim ri Lot, Na biodh, guidheam ort, còmhstri eadar mise agus thusa, agus eadar mo bhuachaillean-sa agus do bhuachaillean-sa; oir is bràithrean sinn. 9 Nach eil an tìr uile romhad? Dealaich, guidheam ort, riumsa: ma ghabhas tusa a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe, an sin thèid mise a dh’ionnsaigh na làimhe deise; agus ma thèid thusa a dh’ionnsaigh na làimhe deise, an sin gabhaidh mise a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe. 10 Agus thog Lot suas a shùilean, agus chunnaic e còmhnard Iòrdain uile, gu robh e gu lèir air uisgeachadh gu math, mun do sgrios an Tighearna Sòdom agus Gomorrah, eadhon mar ghàrradh an Tighearna, cosmhail ri talamh na h‑Eiphit, mar a thig thu gu Sòar. 11 Agus thagh Lot dha fhèin còmhnard Iòrdain uile; agus ghabh Lot a thuras don àird an ear: agus dhealaich na càirdean ri chèile. 12 Ghabh Abram còmhnaidh ann an tìr Chanàain, agus ghabh Lot còmhnaidh ann am bailtean a’ chòmhnaird, agus shuidhich e a bhùth aig Sòdom. 13 Ach bha daoine Shòdoim aingidh agus nam peacaich am fianais an Tighearna gu ro‑mhòr. 14 Agus thubhairt an Tighearna ri Abram, an dèidh do Lot dealachadh ris, Tog a‑nis suas do shùilean, agus amhairc on àit anns a bheil thu, gu tuath, agus gu deas, agus gus an àird an ear, agus an iar: 15 Oir am fearann uile a tha thu a’ faicinn, dhutsa bheir mi e, agus dod shliochd gu bràth. 16 Agus nì mi do shliochd mar dhuslach na talmhainn: ionnas, ma bhios e an comas do dhuine duslach na talmhainn àireamh, an sin gun àirmhear do shliochd-sa mar an ceudna. 17 Eirich, imich air feadh an fhearainn, na fhad agus na leud; oir dhutsa bheir mi e. 18 Agus dh’atharraich Abram a bhùth, agus thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann an còmhnard Mhamre, a tha ann an Hebron, agus thog e an sin altair don Tighearna. |