Genesis 12 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thubhairt an Tighearna ri Abram, Rach a‑mach as do dhùthaich, agus od dhìlsean, agus à taigh d’athar, don tìr a nochdas mise dhut. 2 Agus nì mi thu ad chinneach mòr, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi d’ainm mòr: agus bidh tu ad bheannachadh. 3 Agus beannaichidh mi iadsan a bheannaicheas thu, agus iadsan a mhallaicheas thu mallaichidh mi; agus annadsa beannaichear uile theaghlaichean na talmhainn. 4 Agus dh’imich Abram, mar a labhair an Tighearna ris; agus chaidh Lot maille ris: agus bha Abram còig-bliadhna-deug agus trì-fichead a dh’aois nuair a chaidh e a‑mach à Hàran. 5 Agus ghabh Abram Sàrai a bhean, agus Lot mac a bhràthar, agus am maoin uile a chruinnich iad, agus na h‑anaman a fhuair iad ann an Hàran; agus chaidh iad a‑mach gu dol do thìr Chanàain; agus thàinig iad do thìr Chanàain. 6 Agus chaidh Abram air aghaidh anns an fhearann gu àite Shicheim, gu còmhnard Mhòreh. Agus bha an Canàanach an sin anns an tìr. 7 Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd-sa bheir mise am fearann seo: agus thog e an sin altair don Tighearna, a dh’fhoillsicheadh dha. 8 Agus chaidh e as a sin gu sliabh air an taobh an ear de Bhetel, agus shuidhich e a bhùth, agus Betel aige air an taobh an iar, agus Hai air an taobh an ear: agus thog e an sin altair don Tighearna, agus ghairm e air ainm an Tighearna. 9 Agus dh’imich Abram, a’ sìor dhol air aghaidh mu dheas. 10 Agus bha gorta anns an tìr: agus chaidh Abram sìos don Eiphit, gu bhith air chuairt an sin; do bhrìgh gu robh a’ ghorta mòr anns an tìr. 11 Agus nuair a bha e dlùth do dhol a‑steach don Eiphit thubhairt e ri Sàrai a bhean, Feuch a‑nis, tha fhios agam gur bean mhaiseach thusa ri amharc ort: 12 Uime sin, nuair a chì na h‑Eiphitich thu, their iad, Seo a bhean: agus marbhaidh iad mise, ach gleidhidh iad thusa beò. 13 Abair, guidheam ort, gur tu mo phiuthar, a‑chum gun èirich gu math dhomh air do sgàth-sa; agus bidh m’anam beò air do shon-sa. 14 Agus nuair a thàinig Abram don Eiphit, chunnaic na h‑Eiphitich a’ bhean, gu robh i ro‑mhaiseach. 15 Chunnaic mar an ceudna ceannardan Phàraoh i, agus mhol iad i do Phàraoh: agus thugadh a‑steach a’ bhean do thaigh Phàraoh. 16 Agus bhuin e gu math ri Abram air a sgàth-se: agus bha aige caoraich, agus daimh, agus asail fhireann, agus òglaich, agus banoglaich, agus asail bhoireann, agus càmhail. 17 Agus bhuail an Tighearna Phàraoh agus a thaigh le plàighean mòra, airson Shàrai bean Abraim. 18 Agus ghairm Phàraoh air Abram, agus thubhairt e, Ciod e seo a rinn thu orm? Carson nach d’innis thu dhomh gum b’i seo do bhean? 19 Carson a thubhairt thu, Is i mo phiuthar i? Mar sin dh’fhaodainn a gabhail am ionnsaigh mar mhnaoi; a‑nis, matà, feuch do bhean; gabh i, agus bi ag imeachd. 20 Agus thug Phàraoh àithne da dhaoine ma thimcheall: agus chuir iad air falbh e fhèin, agus a bhean, agus gach nì a bha aige. |