Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Galàtianach 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An sin, an ceann ceithir-bliadhna-deug, chaidh mi a‑rìs suas gu Ierusalem, maille ri Barnabas, a’ toirt Thìtuis leam mar an ceudna.

2 Agus chaidh mi suas a rèir foillseachaidh, agus chuir mi an cèill dhaibh an soisgeul a tha mi a’ searmonachadh am measg nan Cinneach, ach ann an uaigneas dhaibhsan air an robh meas, air eagal air chor sam bith gun ruithinn, no gun do ruith mi, gu dìomhain.

3 Ach cha b’èiginn do Thìtus fhèin, a bha am chuideachd, a bhith air a thimcheall-ghearradh, ged bu Ghreugach e:

4 Agus sin airson bhràithrean brèige a ghoid a‑steach nar measg, a thàinig a‑steach an uaigneas a dh’fhaicinn ar saorsa, a tha againn ann an Iosa Crìosd, a‑chum ar toirt fo dhaorsa;

5 Do nach do ghèill sinn eadhon rè uaire; a‑chum gum buanaicheadh fìrinn an t‑soisgeil maille ribhse.

6 Ach on dream sin a mheasadh gum bu nì‑eigin iad, ciod air bith a bha iad roimhe, chan eil suim ann dhòmhsa: chan eil suim aig Dia de phearsa duine, oir iadsan a mheasadh gum bu nì‑eigin iad, cha do phàirtich iad len còmhradh a’ bheag sam bith riumsa:

7 Ach air an làimh eile, nuair a chunnaic iad gun d’earbadh soisgeul an neo-thimcheall-ghearraidh riumsa, mar a dh’earbadh soisgeul an timcheall-ghearraidh ri Peadar;

8 (Oir an tì a dh’obraich gu h‑èifeachdach ann am Peadar a‑chum abstolachd an timcheall-ghearraidh, dh’obraich e gu cumhachdach annamsa mar an ceudna a‑chum nan Cinneach:)

9 Agus nuair a thuig Seumas, agus Cèphas, agus Eòin, a tha air am meas nam puist, an gràs a thugadh dhomh, thug iad dhòmhsa agus do Bharnabas deaslàmh a’ chomainn; a‑chum gun rachamaid a‑chum nan Cinneach, agus iad fhèin a‑chum an timcheall-ghearraidh.

10 A‑mhàin b’àill leo gum bitheamaid cuimhneachail air na bochdan: nì mar an ceudna a bha ro‑thoil agam fhèin a dhèanamh.

11 Ach nuair a thàinig Peadar gu Antioch, sheas mi na aghaidh as an aodann, a chionn gu robh e ra choireachadh.

12 Oir ro do dhream àraidh teachd o Sheumas, dh’ith e biadh maille ris na Cinnich, ach nuair a thàinig iadsan, chaidh e a thaobh, agus thearbaidh e e fhèin, air eagal na muinntir a bha den timcheall-ghearradh.

13 Agus rinn na h‑Iùdhaich eile gnùis-mhealladh maille ris mar an ceudna; ionnas gun tugadh Barnabas mar an ceudna a thaobh len cluain.

14 Ach nuair a chunnaic mise nach do ghluais iad gu treibhdhireach, a rèir fìrinn an t‑soisgeil, thubhairt mi ri Peadar nam fianais uile, Ma tha thusa, a tha ad Iùdhach, a’ caitheamh do bheatha a rèir nan Cinneach, agus chan ann a rèir nan Iùdhach, carson a tha thu ag èigneachadh nan Cinneach am beatha a chaitheamh mar na h‑Iùdhaich?

15 Air dhuinne a tha nar n‑Iùdhaich a‑thaobh nàdair, agus chan ann nar peacaich de na Cinnich,

16 Fios a bhith againn nach eil duine air fhìreanachadh o obraichean an lagha, ach tre chreideamh Iosa Crìosd, chreid sinne fhèin ann an Iosa Crìosd; a‑chum gum bitheamaid air ar fìreanachadh o chreideamh Chrìosd, agus chan ann o obraichean an lagha: oir o obraichean an lagha, cha bhi feòil sam bith air a fìreanachadh.

17 Ach air dhuinn a bhith ag iarraidh a bhith air ar fìreanachadh tre Chrìosd, ma gheibhear nar peacaich sinn fhèin, a bheil, uime sin, Crìosd na mhinistear peacaidh? Nar leigeadh Dia.

18 Oir ma thogas mi a‑rìs suas na nithean a leag mi, tha mi a’ dèanamh ciontaich dhìom fhèin.

19 Oir tha mise tre an lagh marbh don lagh, a‑chum gum bithinn beò do Dhia.

20 Tha mi air mo cheusadh maille ri Crìosd: gidheadh tha mi beò; ach cha mhise, ach Crìosd a tha beò annam: agus a’ bheatha a tha mi a‑nis a’ caitheamh anns an fheòil, tha mi ga caitheamh tre chreideamh Mac Dhè, a ghràdhaich mi, agus a thug e fhèin air mo shon.

21 Chan eil mi a’ cur gràs Dhè an neo-bhrìgh: oir ma tha fìreantachd tre an lagh, is ann gun adhbhar a fhuair Crìosd bàs.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan