Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Esteir 9 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis anns a dara-mìos-deug (is e sin mìos Adair), air an treas-là‑deug den mhìos air an robh àithne an rìgh agus a òrdagh gu bhith air an coileanadh, air an là anns an robh dùil aig naimhdean nan Iùdhach cumhachd fhaghail os an cionn (ged thachair, air a’ chaochladh, gu robh aig na h‑Iùdhaich cumhachd os an cionn-san a dh’fhuathaich iad),

2 Chruinnich na h‑Iùdhaich iad fhèin an ceann a chèile nam bailtean, ann an uile mhòr-roinnean an rìgh Ahasuerus, gu làmh a chur anntasan a dh’iarr an cron; agus cha b’urrainn duine air bith seasamh nan aghaidh, oir thuit an eagal air gach uile shluagh.

3 Agus thug uile uachdarain nam mòr-roinn agus an t‑àrd-luchd-riaghlaidh, agus na ceannardan, agus iadsan a rinn gnothaichean an rìgh, urram do na h‑Iùdhaich; oir thuit eagal Mhordecai orra:

4 Oir bha Mordecai mòr ann an taigh an rìgh, agus chaidh a iomradh a‑mach air feadh nam mòr-roinn uile; oir dh’fhàs an duine seo Mordecai na bu mhò agus na bu mhò.

5 Agus bhuail na h‑Iùdhaich an naimhdean uile le buille a’ chlaidheimh, agus àir, agus sgrios; agus rinn iad mar a bu mhiann leo orrasan a dh’fhuathaich iad.

6 Agus ann an Susan an lùchairt mharbh na h‑Iùdhaich agus sgrios iad còig ceud fear.

7 Agus Parsandata, agus Dalphon, agus Aspata,

8 Agus Porata, agus Asalia, agus Aridata,

9 Agus Parmasta, agus Arisai, agus Aridai, agus Bhaiesata,

10 Deich mic Hàmain mhic Hamedata, nàmhaid nan Iùdhach, mharbh iad: ach air a’ chreich cha do chuir iad an làmh.

11 Air an là sin thugadh àireamh na muinntir a mharbhadh ann an Susan an lùchairt an làthair an rìgh.

12 Agus thubhairt an rìgh ri Ester a’ bhànrighinn, Mharbh na h‑Iùdhaich agus sgrios iad còig ceud fear ann an Susan an lùchairt, agus deich mic Hàmain: agus anns a’ chuid eile de mhòr-roinnean an rìgh ciod a rinn iad? Ach ciod i d’athchuinge? Agus bheirear dhut i: agus ciod e d’iarrtas os bàrr? Agus nìthear e.

13 Agus thubhairt Ester, Mas math leis an rìgh, thugar comas do na h‑Iùdhaich a tha ann an Susan dèanamh mar an ceudna a‑màireach a rèir òrdagh an là‑an‑diugh, agus crochar deich mic Hàmain air a’ chroich.

14 Agus dh’àithn an rìgh a dhèanamh mar sin; agus thugadh an t‑òrdagh ann an Susan; agus chroch iad deich mic Hàmain.

15 Agus chruinnich na h‑Iùdhaich a bha ann an Susan an ceann a chèile mar an ceudna air a’ cheathramh-là‑deug de mhìos Adair, agus mharbh iad ann an Susan trì cheud fear; ach air a’ chreich cha do chuir iad an làmh.

16 Agus chruinnich a’ chuid eile de na h‑Iùdhaich a bha ann am mòr-roinnean an rìgh an ceann a chèile, agus sheas iad airson an anaman, agus bha fois aca on naimhdean, agus mharbh iad den eascairdean còig-deug agus trì-fichead mìle: ach air a’ chreich cha do chuir iad an làmh.

17 Air an treas-là‑deug de mhìos Adair rinn iad mar seo: agus bha fois aca air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos cheudna, agus rinn iad e na là cuirme agus aoibhneis.

18 Ach chruinnich na h‑Iùdhaich a bha ann an Susan iad fhèin an ceann a chèile air an treas-là‑deug, agus air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos; agus bha fois aca air a’ chòigeamh-là‑deug den mhìos cheudna, agus rinn iad e na là cuirme agus aoibhneis.

19 Uime sin rinn Iùdhaich nam bailtean beaga, a bha nan còmhnaidh ann am bailtean nam mòr-roinn, an ceathramh-là‑deug de mhìos Adair na là aoibhneis, agus cuirme, agus na là math, agus a chur chuibhreann a‑chum a chèile.

20 Agus sgrìobh Mordecai na nithean seo, agus chuir e litrichean a‑chum nan Iùdhach uile a bha ann an uile mhòr-roinnean an rìgh Ahasueruis, am fad is am fagas;

21 A‑chum a shuidheachadh nam measg, gun cumadh iad an ceathramh-là‑deug de mhìos Adair, agus an còigeamh-là‑deug dheth gach bliadhna.

22 A rèir nan làithean anns an d’fhuair na h‑Iùdhaich fois on naimhdean, agus a’ mhìos a dh’iompaicheadh dhaibh o thùirse gu aoibhneas, agus o bhròn gu àm math; gun dèanadh iad iad nan làithean cuirme, agus aoibhneis, agus a chur chuibhreann a‑chum a chèile, agus thìodhlacan a‑chum nam bochd.

23 Agus ghabh na h‑Iùdhaich os làimh dèanamh mar a thòisich iad, agus mar a sgrìobh Mordecai dan ionnsaigh;

24 A chionn gun do smaoinich Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, nàmhaid nan Iùdhach uile, an aghaidh nan Iùdhach a‑chum an sgrios, agus gun do thilg e Pur (is e sin, crannchur) a‑chum an dìtheachadh agus an sgrios.

25 Ach nuair a thàinig Ester an làthair an rìgh, dh’òrdaich e le litir gun tilleadh a ais-innleachd dhona a dhealbh e an aghaidh nan Iùdhach air a cheann fhèin, agus gum biodh esan agus a mhic air an crochadh air a’ chroich.

26 Uime sin thug iad Purim mar ainm air na làithean sin, a rèir ainm Phuir. Air an adhbhar sin, airson uile bhriathran na litreach sin, agus na chunnaic iad a‑thaobh an nì seo, agus na thachair dhaibh,

27 Shuidhich na h‑Iùdhaich, agus ghabh iad orra fhèin, agus air an sliochd, agus orrasan uile a leanadh riu, air chor is nach rachte thairis air, gun cumadh iad an dà là sin a rèir an sgrìobhaidh, agus a rèir an àm, anns gach bliadhna:

28 Agus gum biodh na làithean sin air an cuimhneachadh, agus air an cumail air feadh gach àite, gach teaghlaich, gach mòr-roinne, agus gach baile; agus nach leigte sìos làithean sin Phurim am measg nan Iùdhach, agus nach rachadh as dan cuimhne on sliochd.

29 Agus sgrìobh a’ bhànrighinn Ester nighean Abihail, agus Mordecai an t‑Iùdhach, leis an uile ùghdarras, a dhaingneachadh dara litir seo Phurim.

30 Agus chuir e litrichean a‑chum nan Iùdhach uile, a‑chum a’ cheud agus nan seachd mòr-roinn fhichead de rìoghachd Ahasueruis, le briathran sìth agus fìrinn,

31 A dhaingneachadh làithean sin Phurim nan àmannan, mar a shuidhich Mordecai an t‑Iùdhach agus Ester a’ bhànrighinn dan taobh, agus mar a dh’òrdaich iad air an son fhèin, agus airson an sliochd, nithean nan trasgadh agus an èighich.

32 Agus dhaingnich òrdagh Esteir nithean Phurim sin; agus sgrìobhadh e ann an leabhar.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan