Esteir 8 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Air an là sin thug an rìgh Ahasuerus taigh Hàmain, eascaraid nan Iùdhach, do Ester a’ bhànrighinn; agus thàinig Mordecai an làthair an rìgh: oir dh’innis Ester ciod a b’e a dhàimh dhi: 2 Agus thug an rìgh dheth a fhàinne a thug e o Hàman, agus thug e e do Mhordecai. Agus chuir Ester Mordecai os cionn taigh Hàmain. 3 Agus labhair Ester a‑rìs an làthair an rìgh, agus thuit i sìos aig a chasan, agus ghuil i, agus ghuidh i air gun cuireadh e air falbh olc Hàmain an t‑Agagach, agus a ais-innleachd a dhealbh e an aghaidh nan Iùdhach. 4 Agus shìn an rìgh a‑mach an t‑slat-òir rìoghail gu Ester. Agus dh’èirich Ester, agus sheas i an làthair an rìgh. 5 Agus thubhairt i, Mas math leis an rìgh, agus ma fhuair mise deagh-ghean na làthair, agus ma tha an nì ceart am fianais an rìgh, agus ma tha mi taitneach na shùilean, sgrìobhar a ghairm air an ais nan litrichean a dhealbhadh le Hàman mac Hamedata an t‑Agagach, a sgrìobh e a‑chum na h‑Iùdhaich a tha ann an uile mhòr-roinnean an rìgh a sgrios: 6 Oir cionnas as urrainn mi amharc air an olc a thig air mo shluagh? Agus cionnas as urrainn mi amharc air sgrios mo luchd-dàimh? 7 An sin thubhairt an rìgh Ahasuerus ri Ester a’ bhànrighinn, agus ri Mordecai an t‑Iùdhach, Feuch, taigh Hàmain thug mi do Ester, agus esan chroch iad air a’ chroich, a chionn gun do chuir e a làmh anns na h‑Iùdhaich. 8 Sgrìobhaibh-se mar an ceudna airson nan Iùdhach, mar as math leibh, ann an ainm an rìgh, agus seulaichibh le fàinne an rìgh: oir an sgrìobhadh a sgrìobhar ann an ainm an rìgh, agus a sheulaichear le fàinne an rìgh, chan fhaodar a chur air ais. 9 Uime sin ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an àm sin anns an treas mìos (is e sin mìos Shibhain), air an treas-là‑fichead dheth; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Mordecai, a‑chum nan Iùdhach, agus a‑chum an àrd-luchd-riaghlaidh, agus nan ceannard agus uachdaran nam mòr-roinn a tha o India gu Etiopia, ceud, fichead agus seachd mòr-roinn a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain, agus a‑chum nan Iùdhach a rèir an sgrìobhaidh, agus a rèir an cànain. 10 Agus sgrìobh e ann an ainm an rìgh Ahasuerus, agus sheulaich e le fàinne an rìgh, agus chuir e litrichean le làimh theachdairean air eich, a’ marcachd air eich luatha, agus air muileidean, sliochd nan capall; 11 Anns an tug an rìgh cead do na h‑Iùdhaich, a bha anns gach baile, cruinneachadh an ceann a chèile, agus seasamh airson an anama, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do uile neart sluaigh agus mòr-roinne a thigeadh nan aghaidh, araon an clann bheag agus am mnathan, agus an creach a thogail, 12 Air aon là ann an uile mhòr-roinnean an rìgh Ahasuerus, air an treas-là‑deug den dara-mìos-deug (is e sin mìos Adair). 13 B’e dùblachadh an sgrìobhaidh, Gun tugadh àithne seachad anns gach mòr-roinn, air a foillseachadh do gach sluagh, gum biodh na h‑Iùdhaich deas air an là sin gu an dìoladh fhèin air an naimhdean. 14 Chaidh na teachdairean a‑mach, a’ marcachd air eich luatha, agus air muileidean, le cabhaig, agus iad air an greasad le àithne an rìgh: agus thugadh an t‑òrdagh seachad ann an Susan an lùchairt. 15 Agus chaidh Mordecai a‑mach à làthair an rìgh ann an aodach rìoghail de ghorm agus de gheal, agus le crùn mòr òir, agus le trusgan de anart grinn agus de chorcar: agus rinn baile Shusain gàirdeachas, agus bha e aoibhinn. 16 Aig na h‑Iùdhaich bha sòlas, agus aoibhneas, agus gàirdeachas, agus urram. 17 Agus anns gach mòr-roinn, agus anns gach baile, ge bè àite don tàinig àithne an rìgh agus a òrdagh, bha aoibhneas agus gàirdeachas aig na h‑Iùdhaich, cuirm, agus là math. Agus dh’fhàs mòran de shluagh na tìre nan Iùdhaich: oir thuit eagal nan Iùdhach orra. |