Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Esteir 7 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thàinig an rìgh agus Hàman a‑chum na cuirme maille ri Ester a’ bhànrighinn.

2 Agus thubhairt an rìgh ri Ester mar an ceudna air an dara là aig cuirm an fhìona, Ciod i d’athchuinge, a bhànrighinn Ester? Agus bheirear dhut i: agus ciod e d’iarrtas? Agus gu ruig leth na rìoghachd nìthear e.

3 Agus fhreagair Ester a’ bhànrighinn, agus thubhairt i, Ma fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, a rìgh, agus mas math leis an rìgh, thugar dhomh m’anam air m’athchuinge, agus mo shluagh air m’iarrtas:

4 Oir reiceadh sinn, mise agus mo shluagh, gu bhith air ar dìtheachadh, air ar marbhadh, agus air ar lèirsgrios: ach nam b’ann mar thràillean agus mar bhan-tràillean a reiceadh sinn, bhithinn am thosd, ged nach b’urrainn an nàmhaid call an rìgh a dhèanamh suas.

5 Agus fhreagair rìgh Ahasuerus, agus thubhairt e ri Ester a’ bhànrighinn, Cò e seo? Agus càit a bheil esan, aig an robh de dhànadas na chridhe dèanamh mar sin?

6 Agus thubhairt Ester, Is e an t‑eascaraid agus an nàmhaid Hàman an droch dhuine seo. Agus bha eagal air Hàman an làthair an rìgh agus na bànrighinn.

7 Agus dh’èirich an rìgh na fheirg o chuirm an fhìona agus chaidh e do lios na lùchairt; agus sheas Hàman gu a anam a ghuidhe o Ester a’ bhànrighinn; oir chunnaic e gun do shònraicheadh olc na aghaidh leis an rìgh.

8 Agus thill an rìgh o lios na lùchairt gu taigh cuirm an fhìona; agus bha Hàman air tuiteam air an leabaidh air an robh Ester. Agus thubhairt an rìgh, An èignich e a’ bhànrighinn mar an ceudna am làthair ann am thaigh? Nuair a chaidh am facal à beul an rìgh, chòmhdaich iad aghaidh Hàmain.

9 Agus thubhairt Harbonah, aon de na caillteanaich, an làthair an rìgh, Feuch, tha mar an ceudna a’ chroich a rinn Hàman do Mhordecai, a labhair math airson an rìgh, na seasamh ann an taigh Hàmain, lethcheud làmh-choille air àirde. Agus thubhairt an rìgh, Crochaibh e oirre.

10 Agus chroch iad Hàman air a’ chroich a dheasaich e do Mhordecai. Agus thraogh fearg an rìgh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan