Esteir 6 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Air an oidhche sin theich cadal an rìgh uaithe; agus dh’iarr e leabhar-cuimhne nan eachdraidh làitheil a bhith air a thabhairt da ionnsaigh; agus leughadh iad am fianais an rìgh. 2 Agus fhuaireadh sgrìobhte gun d’innis Mordecai air Bigtana agus air Teres, dithis de chaillteanaich an rìgh, dhiubhsan a bha a’ coimhead an dorais, a dh’iarr làmh a chur ann an rìgh Ahasuerus. 3 Agus thubhairt an rìgh, Ciod an t‑urram agus an inbhe a thugadh do Mhordecai airson seo? Agus thubhairt òglaich an rìgh a fhritheil dha, Cha do rinneadh nì air bith air a shon. 4 Agus thubhairt an rìgh, Cò a tha anns a’ chùirt? (A‑nis bha Hàman air teachd don chùirt a b’fhaide a‑muigh de thaigh an rìgh, a labhairt ris an rìgh, gum biodh Mordecai air a chrochadh air a’ chroich a dheasaich e dha.) 5 Agus thubhairt òglaich an rìgh ris, Feuch, tha Hàman na sheasamh anns a’ chùirt. Agus thubhairt an rìgh, Thigeadh e a‑steach. 6 Agus thàinig Hàman a‑steach: agus thubhairt an rìgh ris, Ciod a nìthear don duine air an toil leis an rìgh urram a chur? (A‑nis thubhairt Hàman na chridhe, Cò air an toil leis an rìgh urram a chur nas mò na orm fhèin?) 7 Agus fhreagair Hàman an rìgh, Airson an duine air an toil leis an rìgh urram a chur, 8 Thugar an làthair a’ chulaidh rìoghail a chuireas an rìgh air, agus an t‑each air am marcaich an rìgh, agus an crùn rìoghail a chuirear air a cheann: 9 Agus thugar a’ chulaidh agus an t‑each do làimh aoin de uachdarain ro‑urramach an rìgh, agus sgeadaicheadh iad an duine air an toil leis an rìgh urram a chur, agus thugadh iad air marcachd air an each air sràid a’ bhaile mhòir, agus gairmeadh iad roimhe, Mar seo nìthear don duine air an toil leis an rìgh urram a chur. 10 Agus thubhairt an rìgh ri Hàman, Greas ort, gabh a’ chulaidh agus an t‑each mar a thubhairt thu, agus dèan mar sin do Mhordecai an t‑Iùdhach, a tha na shuidhe ann an geata an rìgh: na dearmaid nì air bith de na thubhairt thu. 11 An sin ghabh Hàman a’ chulaidh agus an t‑each, agus sgeadaich e Mordecai, agus thug e air marcachd air an each air sràid a’ bhaile mhòir, agus ghairm e roimhe, Mar seo nìthear don duine air an toil leis an rìgh urram a chur. 12 Agus thill Mordecai gu geata an rìgh: ach ghreas Hàman da thaigh fhèin ri bròn, agus a cheann còmhdaichte. 13 Agus dh’innis Hàman do Sheres a bhean, agus da chàirdean uile, gach nì a thachair dha. Agus thubhairt a dhaoine glice agus Seres a bhean ris, Mas ann de shliochd nan Iùdhach Mordecai, ron do thòisich thu air tuiteam, cha bhuadhaich thu na aghaidh, ach gun teagamh tuitidh tu roimhe. 14 Nuair a bha iad fhathast a’ labhairt ris, thàinig caillteanaich an rìgh, agus rinn iad deifir gu Hàman a thabhairt a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaich Ester. |