Esteir 5 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 A‑nis an treas là chuir Ester oirre a culaidh rìoghail, agus sheas i anns a’ chùirt a b’fhaide a‑staigh de thaigh an rìgh, fa chomhair taigh an rìgh: agus bha an rìgh na shuidhe air a rìgh-chathair anns an taigh rìoghail, fa chomhair geata an taighe. 2 Agus nuair a chunnaic an rìgh Ester a’ bhànrighinn na seasamh anns a’ chùirt, fhuair i deagh-ghean na shealladh: agus shìn an rìgh a‑mach gu Ester an t‑slat-òir rìoghail a bha na làimh: agus thàinig Ester am fagas, agus bhean i ri bàrr na slaite. 3 An sin thubhairt an rìgh rithe, Ciod as àill leat, a bhànrighinn Ester? Agus ciod e d’iarrtas? Gu ruig leth na rìoghachd bheirear dhut e. 4 Agus fhreagair Ester, Mas math leis an rìgh, thigeadh an rìgh agus Hàman an‑diugh a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaich mi dha. 5 Agus thubhairt an rìgh, Greasaibh Hàman a dhèanamh mar a thubhairt Ester. Agus thàinig an rìgh agus Hàman a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaich Ester. 6 Agus thubhairt an rìgh ri Ester aig cuirm an fhìona, Ciod i d’athchuinge? Agus bheirear dhut i: agus ciod e d’iarrtas? Agus gu ruig leth na rìoghachd nìthear e. 7 Agus fhreagair Ester, agus thubhairt i, Is i m’athchuinge agus m’iarrtas: 8 Ma fhuair mi deagh-ghean ann an sealladh an rìgh, agus mas math leis an rìgh m’athchuinge a dheònachadh, agus m’iarrtas a dhèanamh, thigeadh an rìgh agus Hàman a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaicheas mi dhaibh, agus a‑màireach nì mi a rèir facal an rìgh. 9 Agus chaidh Hàman a‑mach air an là sin aoibhneach agus subhach na chridhe: ach nuair a chunnaic Hàman Mordecai ann an geata an rìgh, agus nach d’èirich e, agus nach do charaich e air a shon, bha e làn feirge an aghaidh Mhordecai. 10 Gidheadh chùm Hàman air fhèin, agus chaidh e dhachaigh: agus chuir e fios uaithe, agus thug e air a chàirdean teachd da ionnsaigh, agus air Seres a bhean. 11 Agus chuir Hàman an cèill dhaibh mòrachd a bheartais, agus lìonmhorachd a mhac, agus gach nì leis an do rinn an rìgh mòr e, agus mar a dh’àrdaich e e os cionn nan uachdaran, agus seirbhisich an rìgh. 12 Thubhairt Hàman mar an ceudna, Os bàrr, cha tug Ester a’ bhànrighinn duine air bith a‑steach maille ris an rìgh a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaich i, ach mi fhèin; agus mar an ceudna a‑màireach, tha mi air mo chuireadh leatha maille ris an rìgh. 13 Gidheadh cha dèan seo uile a’ bheag de mhath dhomh, am feadh a chì mi Mordecai an t‑Iùdhach na shuidhe ann an geata an rìgh. 14 Agus thubhairt Seres a bhean ris, agus a chàirdean uile, Dèanar croich lethcheud làmh-choille air àirde, agus anns a’ mhadainn labhair ris an rìgh gun crochar Mordecai oirre; agus gabh a‑steach maille ris an rìgh a dh’ionnsaigh na cuirme gu subhach. Agus thaitinn an nì ri Hàman, agus thug e fa‑near a’ chroich a bhith air a dèanamh. |