Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Esteir 3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An dèidh nan nithean sin rinn an rìgh Ahasuerus Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, na dhuine mòr, agus dh’àrdaich e e, agus chuir e a àite-suidhe os cionn nan uachdaran uile a bha maille ris.

2 Agus chrom na seirbhisich uile a bha ann an geata an rìgh iad fhèin, agus thug iad urram do Hàman, oir dh’àithn an rìgh mar sin da thaobh; ach cha do chrom Mordecai e fhèin, agus cha tug e urram dha.

3 Agus thubhairt seirbhisich an rìgh, a bha ann an geata an rìgh, ri Mordecai, Carson a tha thu a’ briseadh àithne an rìgh?

4 Agus nuair a labhair iad ris là an dèidh là, agus nach d’èisd e riu, an sin dh’innis iad e do Hàman, a dh’fheuchainn an seasadh briathran Mhordecai; oir dh’innis e dhaibh gum b’Iùdhach e.

5 Agus chunnaic Hàman nach do chrom Mordecai e fhèin, agus nach tug e urram dha, agus bha Hàman làn feirge.

6 Agus cha b’fhiù leis làmh a chur ann am Mordecai na aonar, oir nochd iad dha sluagh Mhordecai; uime sin dh’iarr Hàman na h‑Iùdhaich uile a sgrios a bha ann an uile rìoghachd Ahasueruis, sluagh Mhordecai.

7 Anns a’ chiad mhìos (is e sin mìos Nisain) anns an dara-bliadhna-deug de rìgh Ahasuerus, thilgeadh Pur, is e sin an crannchur, an làthair Hàmain, o là gu là, agus o mhìos gu mìos, gus an dara-mìos-deug, is e sin mìos Adair.

8 Agus thubhairt Hàman ri rìgh Ahasuerus, Tha sluagh àraidh ann air an sgaoileadh agus air an roinn am measg an t‑sluaigh ann an uile mhòr-roinnean do rìoghachd, agus tha laghan air leth aca seach gach sluagh, agus chan eil iad a’ coimhead laghan an rìgh; uime sin chan eil e airson leas an rìgh am fulang.

9 Mas toil leis an rìgh, sgrìobhar gum bi iad air an sgrios, agus ìocaidh mise deich mìle tàlann airgid dan làimh-san a nì an gnothach, a‑chum a thabhairt do ionmhasan an rìgh.

10 Agus thug an rìgh a fhàinne bhàrr a làimhe, agus thug e e do Hàman, mac Hamedata an t‑Agagach, nàmhaid nan Iùdhach.

11 Agus thubhairt an rìgh ri Hàman, Tha an t‑airgead air a thabhairt dhut, agus an sluagh, a dhèanamh riu mar as àill leat.

12 Agus ghairmeadh sgrìobhaichean an rìgh air an treas-là‑deug den chiad mhìos; agus sgrìobhadh, a rèir gach nì a dh’àithn Hàman, a‑chum àrd-luchd-riaghlaidh an rìgh, agus a‑chum nan uachdaran a bha os cionn gach mòr-roinne, agus a‑chum cinn-feadhna gach sluaigh, a‑chum gach mòr-roinne a rèir an sgrìobhaidh, agus a‑chum gach sluaigh a rèir an cànain: ann an ainm an rìgh Ahasuerus sgrìobhadh e agus sheulaicheadh e le fàinne an rìgh.

13 Agus chuireadh na litrichean le làimh ghillean-ruith gu uile mhòr-roinnean an rìgh, a sgrios, a mharbhadh, agus a chur as do na h‑Iùdhaich uile, eadar òg agus shean, chlann bheag agus mhnathan, ann an aon là, air an treas-là‑deug den dara-mìos-deug (is e sin mìos Adair), agus am feudail a thogail mar chreich.

14 B’e dùblachadh an sgrìobhaidh, Gun tugte àithne seachad anns gach mòr-roinn, air a foillseachadh do gach sluagh, iad a bhith deas fa chomhair an là sin.

15 Chaidh na gillean-ruith a‑mach, air an greasadh le àithne an rìgh; agus thugadh an t‑òrdagh seachad ann an Susan an lùchairt: agus shuidh an rìgh agus Hàman sìos a dh’òl; ach bha am baile Susan fo amhluadh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan