Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Esteir 10 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chuir an rìgh Ahasuerus cìs air an tìr, agus air eileanan na mara.

2 Agus uile ghnìomharan a thrèine agus a chumhachd, agus foillseachadh mòrachd Mhordecai a‑chum an d’àrdaich an rìgh e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Mhedia agus Phersia?

3 Oir b’e Mordecai an t‑Iùdhach a b’fhaisge do rìgh Ahasuerus: agus bha e mòr am measg nan Iùdhach, agus taitneach do mhòr-chuideachd a bhràithrean, ag iarraidh maith da shluagh, agus a’ labhairt sìth ra shliochd uile.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan