Esra 8 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus is iad seo cinn an athraichean, agus an àireamh a rèir an ginealaichean a chaidh suas maille rium o Bhàbilon, ri linn Artacsercseis an rìgh: 2 De mhic Phinehais: Gersom: de mhic Itamair: Daniel: de mhic Dhaibhidh: Hatus. 3 De mhic Shechaniah, de mhic Pharois: Sechariah: agus maille ris-san bha air an àireamh a rèir an ginealaichean de fhireannaich ceud agus lethcheud. 4 De mhic Phahat-mhòaib: Elioenai mac Sherahiah, agus maille ris dà cheud fireannach. 5 De mhic Shatu: Sechaniah mac Iahasieil, agus maille ris trì cheud fireannach. 6 Agus de mhic Adin: Ebed mac Ionatain, agus maille ris lethcheud fireannach. 7 Agus de mhic Elaim: Iesaiah mac Ataliah, agus maille ris trì-fichead agus deich fireannaich. 8 Agus de mhic Shephatiah: Sebadiah mac Mhichaeil, agus maille ris ceithir-fichead fireannach. 9 De mhic Ioaib: Obadiah mac Iehieil, agus maille ris dà cheud agus ochd-fireannaich-dheug. 10 Agus de mhic Bhani: Selomit mac Iosiphiah, agus maille ris ceud agus trì-fichead fireannach. 11 Agus de mhic Bhebai: Sechariah mac Bhehai, agus maille ris fichead agus ochd fireannaich. 12 Agus de mhic Asgaid: Iohanan, mac Hacatain, agus maille ris ceud agus deich fireannaich. 13 Agus de mhic dheireannach Adonicaim: agus is iad seo an ainmean, Eliphelet, Ieiel, agus Semaiah, agus maille riu trì-fichead fireannach. 14 Agus de mhic Bhigbhai: Utai agus Sabud, agus maille riu trì-fichead, agus deich fireannaich. 15 Agus chruinnich mi iad a dh’ionnsaigh na h‑aibhne a tha a’ teachd gu Ahabhah, agus an sin dh’fhan sinn ann am bùthan trì làithean, agus ghabh mi beachd den t‑sluagh, agus de na sagartan, agus cha d’fhuair mi an sin aon de mhic Lèbhi. 16 An sin chuir mi fios air Elièser, air Ariel, air Semaiah, agus air Elnàtan, agus air Nàtan, agus air Sechariah, agus air Mesulam, prìomh-dhaoine; agus air Sechariah, agus air Mesulam, prìomh-dhaoine; agus air Ioiarib, agus air Elnàtan, daoine tuigseach. 17 Agus chuir mi iad le àithne gu Ido an ceann, aig àite Chasiphia, agus dh’innis mi dhaibh ciod a theireadh iad ri Ido agus ra bhràithrean, na Netinich aig àite Chasiphia, gun tugadh iad dar n‑ionnsaigh seirbhisich airson taigh ar Dè. 18 Agus le làimh mhaith ar Dè oirnn thug iad dar n‑ionnsaigh Is‑sechel de mhic Mhahli, mhic Lèbhi, mhic Israeil, agus Serebiah, agus a mhic agus a bhràithrean, ochd-fir-dheug: 19 Agus Hasabiah, agus maille ris Iesaiah de mhic Mherari, a bhràithrean, agus am mic, fichead; 20 Agus de na Netinich a dh’òrdaich Daibhidh agus na h‑uachdarain airson seirbhis nan Lèbhitheach, dà cheud, agus fichead Netineach: ghoireadh iad uile air an ainm. 21 An sin ghairm mi trasgadh anns an àite sin aig abhainn Ahabha, a‑chum gun irioslaicheamaid sinn fhèin am fianais ar Dè, a dh’iarraidh air slighe cheart dhuinn fhèin, agus dar cloinn bhig, agus dar maoin uile. 22 Oir bu nàir leam buidheann shaighdearan agus marc-shluagh iarraidh air an rìgh, a chuideachadh leinn an aghaidh an nàmhaid air an t‑slighe: a chionn gun do labhair sinn ris an rìgh, ag ràdh, Tha làmh ar Dè a‑chum maith orrasan uile a dh’iarras e, ach a chumhachd agus a fhearg nan aghaidh-san uile a thrèigeas e. 23 Uime sin thraisg sinn, agus dh’iarr sinn ar Dia airson seo, agus dh’èisd e ri ar n‑athchuinge. 24 An sin chuir mi air leth dà‑fhear-dheug dhiubhsan a b’àirde de na sagartan, Serebiah, Hasabiah, agus deichnear dem bràithrean maille riu; 25 Agus thomhais mi dhaibh an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na soithichean, tabhartas taigh ar Dè, a thug an rìgh, agus a chomhairlich, agus a dhaoine mòra, agus Israel uile a bha an làthair, seachad; 26 Thomhais mi eadhon dan làimh sia ceud agus lethcheud tàlann airgid, agus de shoithichean airgid ceud tàlann, agus ceud tàlann òir: 27 Agus fichead cuach òir de mhìle darcon; agus dà shoitheach de umha bhuidhe mhaith, luachmhor mar òr. 28 Agus thubhairt mi riu, Tha sibhse naomh don Tighearna, agus na soithichean naomh, agus an t‑airgead agus an t‑òr na thabhartas saor-thoile don Tighearna, Dia ur n‑athraichean. 29 Dèanaibh faire, agus coimheadaibh, gus an cothromaich sibh iad am fianais uachdarain nan sagart, agus nan Lèbhitheach, agus uachdarain athraichean Israeil ann an Ierusalem, ann an seòmraichean taigh an Tighearna. 30 Uime sin ghabh na sagartan agus na Lèbhithich cudthrom an airgid agus an òir, agus nan soitheach, a‑chum an tabhairt gu Ierusalem a dh’ionnsaigh taigh ar Dè. 31 Agus dh’imich sinn o abhainn Ahabha air an dara-là‑deug den chiad mhìos, gu dol do Ierusalem; agus bha làmh ar Dè oirnn, agus shaor e sinn o làimh an nàmhaid, agus on làimh-san a bha a’ dèanamh feall-fhalach air an t‑slighe. 32 Agus thàinig sinn gu Ierusalem, agus dh’fhan sinn an sin trì làithean. 33 Agus air a’ cheathramh là thomhaiseadh an t‑airgead agus an t‑òr agus na soithichean ann an taigh ar Dè, le làimh Mheremoit mhic Uriah an sagart, agus maille ris bha Eleàsar mac Phinehais, agus maille riùsan Iosabad mac Iesua, agus Noadiah mac Bhinui, Lèbhithich: 34 A rèir àireamh agus a rèir tomhas nan uile: agus sgrìobhadh an tomhas uile anns an àm sin. 35 Thug clann na muinntir a thugadh air falbh, agus a thàinig on bhraighdeanas, seachad ìobairtean-loisgte do Dhia Israeil, dà‑tharbh-dheug òg airson Israeil uile, ceithir-fichead agus sia-reitheachan-deug, trì-fichead agus seachd-uain-dheug, dà‑bhoc-dheug ghoibhre mar ìobairt-pheacaidh: iad uile nan ìobairt-loisgte don Tighearna. 36 Agus thug iad seachad òrdaighean an rìgh do àrd-luchd-riaghlaidh an rìgh, agus do na h‑uachdarain air an taobh seo den abhainn; agus chuir iadsan an sluagh agus taigh Dhè air an aghaidh. |