Eseciel 9 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Ghlaodh e fòs ann am chluasan le guth àrd, ag ràdh, Thoir air uachdarain a’ bhaile teachd am fagas, eadhon gach duine le arm-sgriosaidh na làimh. 2 Agus, feuch, thàinig seisear fhear o shlighe a’ gheata as àirde, a tha ag amharc ris an àird a tuath, agus aig gach fear inneal-sgrios fhèin na làimh: agus bha aon fhear nam measg air èideadh le lìon-aodach, agus acfhainn-sgrìobhaidh clèirich air a leis, agus chaidh iad a‑steach, agus sheas iad ri taobh na h‑altarach umha. 3 Agus dh’èirich glòir Dia Israeil suas bhàrr a’ cheruib air an robh e gu stairsneach an taighe; agus ghlaodh e ris an duine a bha air èideadh leis an lìon-aodach, aig an robh an acfhainn-sgrìobhaidh clèirich ra thaobh; 4 Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich tro mheadhon a’ bhaile, tro mheadhon Ierusaleim, agus cuir comharradh air aodainn na muinntir a tha ag osnaich agus a’ glaodhaich airson nan uile ghràinealachdan a tha air an dèanamh na meadhon. 5 Agus ri càch thubhairt e ann am èisdeachd, Rachaibh-se na dhèidh-san tron bhaile, agus buailibh: na coigleadh ur sùil, cha mhò a bhios truas agaibh. 6 Marbhaibh gu tur an sean agus an t‑òg, an òigh agus an leanabh, agus na mnathan; ach na beanaibh ri aon duine air a bheil an comharradh; agus tòisichibh aig mo naomh-ionad-sa. An sin thòisich iad aig na seann daoine a bha fa chomhair an taighe. 7 Agus thubhairt e riu, Truaillibh an taigh, agus lìonaibh na cùirtean leis na mairbh; rachaibh a‑mach: agus chaidh iad a‑mach, agus mharbh iad anns a’ bhaile. 8 Agus thàrladh tràth bha iad gam marbhadh, agus a bha mise air m’fhàgail, gun do thuit mi air m’aghaidh, agus ghlaodh mi, ag ràdh, Ah! a Thighearna Dhè, an sgrios thu iarmad Israeil uile, ann an dòrtadh a‑mach do dhian-chorraich air Ierusalem? 9 An sin thubhairt e rium, Tha aingidheachd taigh Israeil agus Iùdah ro‑mhòr, agus tha am fearann làn fala, agus am baile làn ceannairc: oir tha iad ag ràdh, Thrèig an Tighearna an talamh, agus chan eil an Tighearna a’ faicinn. 10 Agus air mo shon-sa mar an ceudna, cha chaomhain mo shùil, cha mhò a bhios truas agam; dìolaidh mi an slighe air an ceann. 11 Agus, feuch, dh’innis am fear a bha sgeadaichte leis an lìon-aodach, agus aig an robh an acfhainn-sgrìobhaidh ra thaobh, a’ chùis, ag ràdh, Rinn mi mar a dh’àithn thu dhomh. |