Eseciel 44 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An sin thug e mi air m’ais air slighe geata an ionaid naoimh a‑muigh, a tha ag amharc ris an àird an ear, agus bha e druidte. 2 An sin thubhairt an Tighearna rium, Bidh an geata seo druidte, chan fhosglar e, agus cha tèid neach air bith a‑steach air, a chionn gun deachaidh an Tighearna, Dia Israeil, a‑steach air. 3 Uime sin bidh e druidte air a’ phrionnsa; am prionnsa fhèin suidhidh ann a dh’ithe arain an làthair an Tighearna; thèid e a‑steach air slighe cùirt a’ gheata, agus thig e a‑mach air an t‑slighe cheudna. 4 An sin thug e mi air slighe a’ gheata thuath, fa chomhair an teampaill, agus dh’amhairc mi, agus, feuch, lìon glòir an Tighearna teampall an Tighearna; agus thuit mise air m’aghaidh. 5 Agus thubhairt an Tighearna rium, A mhic an duine, thoir geur-aire, agus feuch led shùilean, agus cluinn led chluasan, gach nì a their mise riut mu thimcheall uile òrdaighean taigh an Tighearna, agus a uile reachdan, agus thoir aire mhath do dhol a‑steach an taighe, le uile dhol a‑mach an ionaid naoimh. 6 Agus their thu ris an taigh cheannairceach, ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, O thaigh Israeil, gum bu leòr leibh de ur n‑uile ghràinealachdan; 7 Gun tug sibh coigrich neo-thimcheall-gheàrrte nan cridhe, agus neo-thimcheall-gheàrrte nam feòil, gu bhith ann am naomh-ionad-sa, a thruailleadh mo thaighe, am feadh a tha sibh a’ tìodhlacadh dhòmhsa an arain, na saill, agus na fala; agus bhris sibh mo choicheangal le ur n‑uile ghràinealachdan. 8 Agus cha do ghlèidh sibh cùram mo nithean naomh; ach chuir sibh luchd-coimhead mo chùraim ann am ionad naomh air ur son fhèin. 9 Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cha tèid aon choigreach neo-thimcheall-gheàrrte na chridhe, no neo-thimcheall-gheàrrte na fheòil, a‑steach dom ionad naomh-sa, de choigreach air bith a tha am measg chloinn Israeil. 10 Agus na Lèbhithich a dh’imich am fad uamsa, nuair a chaidh Israel air seachran, a dh’fhalbh air seachran uamsa an dèidh an iodhalan, giùlainidh eadhon iadsan an aingidheachd. 11 Gidheadh bidh iad nan luchd-frithealaidh ann am ionad naomh, air am bi cùram geatachan an teampaill, agus a bhios a’ frithealadh don teampall: marbhaidh iad an tabhartas-loisgte agus an ìobairt airson an t‑sluaigh, agus seasaidh iad nan làthair gu frithealadh dhaibh: 12 A chionn gun do rinn iad frithealadh dhaibh ann an làthair an iodhalan, agus gun tug iad air taigh Israeil tuiteam gu aingidheachd; uime sin thog mise suas mo làmh nan aghaidh, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, agus giùlainidh iad an aingidheachd. 13 Agus cha tig iad am fagas dhòmhsa a dhèanamh dleasdanas sagairt dhomh, no a theachd dlùth do bheag air bith dem nithean naomha anns an ionad as ro‑naoimhe: ach giùlainidh iad an nàire, agus an gràinealachdan a chuir iad an gnìomh. 14 Ach nì mi iad nan luchd-coimhead cùram an taighe, airson a uile sheirbhis, agus airson gach uile nì a bhios ri dhèanamh ann. 15 Ach na sagartan, na Lèbhithich, mic Shadoic, a choimhead cùram m’ionaid naoimh, nuair a chaidh clann Israeil air seachran uam, thig iadsan dlùth dhomh, a‑chum frithealadh dhomh, agus seasaidh iad ann am fhianais a dh’ìobradh dhomh na saill agus na fala, deir an Tighearna Iehòbhah: 16 Thèid iad a‑steach dom ionad naomh, agus thig iad dlùth dom bhòrd, a‑chum frithealadh dhomh, agus coimheadaidh iad mo chùram. 17 Agus tàrlaidh, nuair a thèid iad a‑steach air geatachan na cùirte a‑staigh, gum bi iad air an èideadh le aodach-lìn; agus cha tig olann air bith orra, am feadh a tha iad a’ frithealadh ann an geatachan na cùirte a‑steach, agus an taobh a‑staigh. 18 Bidh curraicean lìn air an cinn, agus bidh triubhais lìn air an leasraidh: cha chrioslaich iad iad fhèin le aon nì a thogas fallas. 19 Agus nuair a thèid iad a‑mach don chùirt a‑muigh, a‑chum an t‑sluaigh, cuiridh iad dhiubh an aodaichean anns an do rinn iad frithealadh, agus cuiridh iad anns na seòmraichean naomha iad, agus cuiridh iad orra aodaichean eile, agus cha naomhaich iad am poball nan aodaichean. 20 Cha mhò a lomas iad an cinn, no a dh’fhuilingeas iad dan ciabhan fàs fada; cha dèan iad ach a‑mhàin an cinn a bharradh. 21 Cha mhò a dh’òlas sagart air bith fìon, nuair a thèid iad a‑steach don chùirt a‑staigh. 22 Cha mhò a ghabhas iad dhaibh fhèin mar mhnaoi bantrach, no bean a chuireadh air falbh: ach gabhaidh iad maighdeannan de shliochd taigh Israeil, no bantrach aig an robh sagart roimhe. 23 Agus teagaisgidh iad dom shluagh-sa an dealachadh eadar naomh agus mì‑naomh, agus bheir iad orra dealachadh a chur eadar an glan agus an neòghlan. 24 Agus ann an còmhstri seasaidh iad ann am breitheanas; bheir iad breith air a rèir mo reachdan-sa; agus coimheadaidh iad mo lagh agus mo reachdan, ann am uile choitheanail, agus naomhaichidh iad mo shàbaidean. 25 Agus cha tig iad dlùth do dhuine marbh gu iad fhèin a thruailleadh: ach airson athar, no airson màthar, no airson mic, no airson nighinn, airson bràthar, no airson peathar aig nach robh fear, faodaidh iad iad fhèin a thruailleadh. 26 Agus an dèidh dha a bhith air a ghlanadh, nì iad seachd làithean àireamh dha. 27 Agus air an là anns an tèid e a‑steach don ionad naomh, don chùirt a‑staigh, gu frithealadh anns an ionad naomh, bheir e seachad a thabhartas-peacaidh, deir an Tighearna Dia. 28 Agus cha bhi oighreachd air bith aca; is mise an oighreachd: agus cha toir sibh dhaibh sealbh air bith ann an Israel; is mise an sealbh. 29 Ithidh iad an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-peacaidh, agus an tabhartas-easaontais; agus acasan bidh gach uile nì coisrigte ann an Israel. 30 Agus bidh toiseach ciad-thoradh nan uile nithean, agus gach uile thabhartas de gach seòrsa de ur tabhartais aig na sagartan: bheir sibh mar an ceudna don t‑sagart toiseach ur taoise, a‑chum gun toir e air a bheannachadh còmhnaidh a ghabhail ann ad thaigh. 31 Chan ith an sagart de nì air bith a dh’eugas leis fhèin, no a bhios reubte, mas eun no ainmhidh e. |