Eseciel 4 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Thusa mar an ceudna, a mhic an duine, gabh thugad leac-shuaine, agus cuir fad chomhair i, agus tarraing oirre am baile, Ierusalem: 2 Agus cuartaich e le feachd, agus tog na aghaidh daingneach, agus tilg suas tòrr na aghaidh; suidhich fòs camp na aghaidh, agus cuir reitheachan-cogaidh na aghaidh air gach taobh mun cuairt. 3 A thuilleadh air seo, gabh thugad aghann iarainn, agus suidhich e mar bhalla iarainn, eadar thu agus am baile, agus cuir do ghnùis na aghaidh, agus bidh e air a theannachadh, agus cuiridh tu camp na aghaidh: bidh seo na chomharradh do thaigh Israeil. 4 Laigh thusa fòs air do thaobh clì, agus leig euceart taigh Israeil air: a rèir àireamh nan làithean a laigheas tu air, giùlainidh tu an euceart. 5 Oir leag mise ortsa bliadhnachan an euceartan, a rèir àireamh nan làithean, trì cheud, deich agus ceithir-fichead là: mar sin giùlainidh tu euceart taigh Israeil. 6 Agus nuair a choileanas tu iad, laigh a‑rìs air do thaobh deas, agus giùlainidh tu euceart taigh Iùdah dà‑fhichead là: dh’òrdaich mise dhut là airson bliadhna. 7 Uime sin cuiridh tu d’aghaidh ri sèisdeadh Ierusaleim, agus bidh do ghàirdean air a rùsgadh, agus nì thu fàistneachd na h‑aghaidh. 8 Agus, feuch, cuiridh mise cuibhrichean ort, agus cha tionndaidh thu thu fhèin on aon taobh gus an taobh eile, gus an crìochnaich thu làithean do shèisdidh. 9 Gabh thugad fòs cruithneachd, agus eòrna, agus pònair, agus peasair, agus meanbh-pheasair, agus peasair fhiadhain, agus cuir iad ann an aon soitheach, agus dèan dhut fhèin aran dhiubh, a rèir àireamh nan làithean a laigheas tu air do thaobh; trì cheud, ceithir-fichead agus deich làithean ithidh tu dheth. 10 Agus bidh am biadh a dh’itheas tu air a chothromachadh, fichead secel anns an là: o àm gu àm ithidh tu e. 11 Olaidh tu mar an ceudna uisge le tomhas; an siathamh cuid de hin: o àm gu àm òlaidh tu. 12 Agus ithidh tu e mar aran eòrna, agus le aolach a thig a‑mach à duine deasaichidh tu e nan sealladh. 13 Agus thubhairt an Tighearna, Eadhon mar seo ithidh clann Israeil an aran truaillte am measg nan cinneach, gus an iomain mise iad. 14 An sin thubhairt mise, Ah a Thighearna Dhia! Feuch, cha do thruailleadh m’anam-sa: oir om òige a‑nìos gus a‑nis cha d’ith mi dheth sin a bhàsaicheas leis fhèin, no a bha na chonablach; cha mhò a thàinig feòil ghràineil ann am bheul. 15 An sin thubhairt e rium, Feuch, thug mi dhut buachar bhò an àite aolach duine, agus deasaichidh tu d’aran leis. 16 Os bàrr thubhairt e rium, A mhic an duine, feuch, brisidh mise lorg an arain ann an Ierusalem; agus ithidh iad aran air thomhas agus le cùram; agus òlaidh iad uisge le tomhas agus le uamhas. 17 A‑chum gum bi uireasbhaidh arain agus uisge orra, agus gum bi uamhas orra gach aon ri chèile, agus gun leagh iad air falbh airson an euceirt. |