Eseciel 3 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Os bàrr thubhairt e rium, A mhic an duine, ith an nì a gheibh thu; ith an ròla seo, agus falbh, labhair ri taigh Israeil. 2 Mar sin dh’fhosgail mi mo bheul, agus thug e orm an ròla sin ithe. 3 Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, thoir air do bhroinn ithe, agus lìon do chom leis an ròla seo a bheir mi dhut. An sin dh’ith mi, agus bha e ann am bheul mar mhil air mhìlsead. 4 Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, falbh, imich gu taigh Israeil, agus labhair lem bhriathran-sa riu. 5 Oir chan eil thu air do chur gu sluagh aig a bheil teanga choimheach, agus cainnt chruaidh, ach gu taigh Israeil. 6 Chan ann gu mòran shluagh, aig a bheil teanga choimheach, agus cainnt chruaidh, nach urrainn thu am briathran a thuigsinn: gu cinnteach nan cuirinn dan ionnsaigh-san thu, dh’èisdeadh iad riut. 7 Ach chan èisd taigh Israeil riut, oir chan èisd iad riumsa; oir tha taigh Israeil uile mì‑nàireach agus cruaidh-chridheach. 8 Feuch, rinn mi do ghnùis làidir an aghaidh an gnùise-san, agus d’aodann làidir an aghaidh an aodainn-san. 9 Mar adamant, nas cruaidhe na clach theine, rinn mise d’aodann: na biodh eagal ort romhpa, agus na biodh sgàth ort ron gnùis, ged tha iad nan taigh ceannairceach. 10 Os bàrr, thubhairt e rium, A mhic an duine, gabh ann ad chridhe m’uile bhriathran-sa a labhras mi riut, agus èisd led chluasan. 11 Agus falbh, imich a dh’ionnsaigh na muinntir a tha ann am bruid, gu cloinn do shluaigh, agus labhair riu, agus innis dhaibh, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, co aca a dh’èisdeas iad no nach èisd. 12 An sin thog an spiorad suas mi, agus chuala mi air mo dhèidh guth tormain mhòir, ag ràdh, Beannaichte gu robh glòir an Tighearna o a àite fhèin. 13 Chuala mi fòs fuaim sgiathan nam beò-chreutairean a bhean ri chèile, agus fuaim nan roth thall mun coinneamh, agus fuaim luasgaidh mhòir. 14 An sin thog an spiorad suas mi, agus thug e leis mi, agus dh’imich mi ann an searbhadas, ann an teas mo spioraid, ach bha làmh an Tighearna treun orm. 15 An sin thàinig mi a‑chum na muinntir a bha nam braighdean aig Tel-abib, a bha a chòmhnaidh làimh ri abhainn Chebair, agus shuidh mi far an do shuidh iadsan, agus dh’fhan mi an sin seachd làithean làn uamhais nam meadhon. 16 Agus thàrladh an ceann seachd làithean gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, 17 A mhic an duine, rinn mise fear-faire dhìot do thaigh Israeil: uime sin, èisd am facal om bheul, agus thoir rabhadh dhaibh uamsa. 18 Nuair a their mise ris an aingidh, Gheibh thu gu cinnteach bàs; agus nach toir thusa rabhadh dha, agus nach labhair thu a thoirt rabhaidh don chiontach o a dhroch shlighe, a‑chum a anam a thèarnadh; bàsaichidh an droch dhuine sin na aingidheachd, ach iarraidh mise a fhuil air do làimh-sa. 19 Gidheadh ma bheir thu rabhadh don aingidh, agus nach till e o a aingidheachd, no o a dhroch shlighe, bàsaichidh esan na aingidheachd; ach shaor thusa d’anam fhèin. 20 A‑rìs, nuair a thilleas fìrean o a fhìreantachd, agus a chuireas e an gnìomh peacadh, agus a chuireas mise ceap-tuislidh fa a chomhair, gheibh e bàs; a chionn nach tug thusa dha rabhadh, na pheacadh gheibh e bàs, agus cha chuimhnichear a fhìreantachd a rinn e; ach iarraidh mise a fhuil air do làimh-sa. 21 Gidheadh ma bheir thu rabhadh don fhìrean, air chor is nach ciontaich am fìrean, agus nach dèan e peacadh, mairidh e gu cinnteach beò, do bhrìgh gun d’fhuair e rabhadh; mar an ceudna shaor thusa d’anam fhèin. 22 Agus bha làmh an Tighearna orm an sin, agus thubhairt e rium, Eirich, siubhail a‑mach don chòmhnard, agus an sin labhraidh mise riut. 23 An sin dh’èirich mi, agus chaidh mi a‑mach a‑chum a’ chòmhnaird, agus, feuch, sheas glòir an Tighearna anns an àite sin, mar a’ ghlòir a chunnaic mi aig abhainn Chebair; agus thuit mi air m’aghaidh. 24 An sin chaidh an spiorad annam, agus chuir e air mo chasan mi, agus labhair e rium, agus thubhairt e rium, Falbh, druid thu fhèin a‑staigh ann ad thaigh. 25 Ach thusa, O mhic an duine, feuch, cuiridh iad boinn ort, agus ceanglaidh iad thu leo, agus cha tèid thu a‑mach nam measg. 26 Agus bheir mise air do theangaidh leantainn rid ghiall, air chor is gum bi thu balbh, agus nach bi thu dhaibh ad fhear-cronachaidh; oir tha iad nan taigh ceannairceach. 27 Ach nuair a labhras mise riut, fosglaidh mi do bheul, agus their thu riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Esan a dh’èisdeas, èisdeadh e: agus esan a dhearmadas, dearmadadh e; oir tha iad nan taigh ceannairceach. |