Eseciel 2 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, seas air do chasan, agus labhraidh mise riut. 2 Agus chaidh an spiorad a‑steach annam nuair a labhair e rium, agus chuir e air mo chasan mi, ionnas gun cuala mi an tì a labhair rium. 3 Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, tha mise gad chur gu cloinn Israeil, gu cinneach ceannairceach a rinn ar‑a‑mach am aghaidh; chiontaich iad fhèin agus an athraichean am aghaidh gus an là‑an‑diugh. 4 Oir is clann mhì-nàireach agus chruaidh-chridheach iad. Tha mise gad chur dan ionnsaigh; agus their thu riu, Mar seo deir an Tighearna Dia. 5 Agus iadsan, co‑dhiù a dh’èisdeas iad no a dhearmadas iad (oir is taigh ceannairceach iad), gidheadh bidh fhios aca gu robh fàidh nam measg. 6 Agus thusa, a mhic an duine, na biodh eagal ort romhpa, agus na biodh fiamh ort ro am briathran, ged tha drisean agus droigheann mun cuairt dhut, agus do chòmhnaidh am measg nathraichean nimhe: na biodh eagal ort ro am briathran, cha mhò a bhios geilt ort ro an gnùis, ged is taigh ceannairceach iad. 7 Agus labhraidh tu mo bhriathran-sa riu, co aca a dh’èisdeas iad, no a dhearmadas iad; oir tha iad ro‑cheannairceach. 8 Ach thusa, a mhic an duine, cluinn ciod a tha mise ag ràdh riut; Na bi thusa eas-umhail cosmhail ris an taigh eas-umhail sin: fosgail do bheul, agus ith an nì a bheir mise dhut. 9 Agus nuair a dh’amhairc mi, feuch, bha làmh air a cur am ionnsaigh, agus, feuch, bha ròla leabhair innte; 10 Agus sgaoil e fam choinneamh e; agus bha e sgrìobhte a‑staigh agus a‑muigh: agus bha sgrìobhte ann tuireadh, agus bròn, agus truaighe. |