Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eseciel 1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thàrladh, anns an deicheamh-bliadhna-fichead, anns a’ cheathramh mìos, air a’ chòigeamh là den mhìos, air dhòmhsa a bhith am measg nam braighdean aig abhainn Chebair, gun d’fhosgladh na nèamhan, agus chunnaic mi taisbeanaidhean Dhè.

2 Air a’ chòigeamh là den mhìos (b’i sin an còigeamh bliadhna de bhruid rìgh Iehoiacin),

3 Thàinig facal an Tighearna gu Eseciel an sagart, mac Bhusi, ann an tìr nan Caldèanach, aig uisge Chebair; agus bha làmh an Tighearna air anns an àite sin.

4 Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ghiùlain iomaghaoth on àird a tuath neul mòr a bha air a chuartachadh le fillidhean teine, agus dealradh air gach taobh dheth; agus na mheadhon bha amhail dreach òmair, eadhon ann am meadhon an teine.

5 Agus a‑mach as a mheadhon mar an ceudna thàinig coslas ceithir bheò-chreutairean, agus b’e seo an aogas: bha iad ann am meudachd duine.

6 Agus bha ceithir aghaidhean aig gach aon dhiubh, agus ceithir sgiathan aig gach aon dhiubh.

7 Agus bha an casan dìreach; agus bha bonn an cas mar bhonn cas laoigh, agus loinnrich iad mar dhath pràise lìomhte.

8 Agus bha làmhan duine fo an sgiathan, air an ceithir taobhan; agus bha aig a’ cheithir an aghaidhean agus an sgiathan.

9 Bha an sgiathan dlùthaichte, gach aon ri chèile; cha do thionndaidh iad nuair a ghluais iad; chaidh iad air an aghaidh, gach aon dìreach roimhe.

10 Airson coslas an aghaidhean, bha aca nan ceathrar aghaidh duine, agus aghaidh leòmhainn air an taobh deas; agus bha aca nan ceathrar aghaidh daimh air an làmh chlì: bha fòs aca nan ceathrar aghaidh iolaire.

11 B’amhail seo an aghaidhean: agus an sgiathan sgaoilte gu h‑àrd; dithis aig gach aon, dlùthaichte ri chèile, agus dithis a’ falach an cuirp.

12 Agus dh’imich iad, gach aon dìreach air aghaidh: far an robh an spiorad air tì dol, dh’imich iad: cha do thionndaidh iad nuair a dh’imich iad.

13 A‑thaobh coslas nam beò-chreutairean bha an aogas mar èibhlean dearga teine, cosmhail ri lòchran, a chaidh air ais agus air aghaidh am measg nam beò-chreutairean: agus bha an teine dealrach; agus as an teine thàinig a‑mach dealanach.

14 Agus ruith na beò-chreutairean, agus thill iad, mar phlath dealanaich.

15 A‑nis am feadh a bha mi a’ sealltainn air na beò-chreutairean, feuch, aon roth air an talamh, làimh ris na beò-chreutairean, aig an ceithir aghaidhean.

16 Bha dreach nan rothan agus an obair mar dhreach criostail; agus bha an aon choslas aig a’ cheithir, agus bha an aogas agus an obair mar gum biodh ann roth ann am meadhon rotha.

17 Nan imeachd dh’imich iad air an ceithir taobhan: cha do thionndaidh iad nuair a dh’imich iad.

18 A‑thaobh an cearcal, bha iad cho àrd is gum b’uamhasach iad; agus bha an cearcail làn de shùilean mun cuairt dhaibh nan ceathrar.

19 Agus nuair a ghluais na beò-chreutairean, ghluais na rothan làimh riu: agus nuair a thogadh na beò-chreutairean suas on talamh, thogadh na rothan.

20 Càit air bith a bha an spiorad air tì dol, dh’imich iadsan an taobh a bha an spiorad air tì dol, agus thogadh suas na rothan fan comhair; oir bha spiorad a’ bheò-chreutair anns na rothan.

21 Nuair a ghluais iad sin, ghluais iad seo; agus nuair a thogadh iad sin suas on talamh, thogadh na rothan suas fan comhair: oir bha spiorad a’ bheò-chreutair anns na rothan.

22 Agus bha aogas an speur a bha thar cinn a’ bheò-chreutair mar dhreach criostail uamhasaich, air a sgaoileadh thar an cinn gu h‑àrd.

23 Agus fon speur bha an sgiathan gu dìreach, gach aon fa chomhair a chèile; aig gach aon bha dithis, a dh’fhalaich air an taobh seo, agus aig gach aon bha dithis a dh’fhalaich air an taobh sin, an cuirp.

24 Agus chuala mi fuaim an sgiathan, mar thoirm mòran uisgeachan, mar ghuth an Uile-chumhachdaich; nuair a ghluais iad, chluinnte fuaim mar thorman sluaigh; tràth sheas iad, leig iad sìos an sgiathan.

25 Agus bha guth on speur, a bha thar an cinn, tràth sheas iad, agus a leig iad sìos an sgiathan.

26 Agus os cionn an speur, a bha thar an cinn, bha samhladh rìgh-chathrach, mar choslas clach saphir; agus air samhladh na rìgh-chathrach, bha taisbeanadh mar gum biodh coslas duine na shuidhe oirre.

27 Agus chunnaic mi mar dhreach òmair, mar choslas teine gach taobh a‑staigh ann: o thaisbeanadh a leasraidh, agus os a chionn, agus o thaisbeanadh a leasraidh agus foidhe, chunnaic mi mar gum biodh ann coslas teine, agus e dealrach mun cuairt.

28 Mar choslas a’ bhogha a tha anns an neul ann an là na froise, b’amhail dreach an dealraidh mun cuairt. B’e seo foillseachadh samhladh glòir an Tighearna; agus nuair a chunnaic mise, thuit mi air m’aghaidh, agus chuala mi guth aoin a’ labhairt.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan